(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Biodiversity Heritage Library | Children's Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Dain spioradail"




DÀ-IN SPIORÀDAIL, 



GRANT'S 

GAELIC HYMNS. 



Price is. 6d. Cloth. 



iì] l 2 f 



National Libc_ary_ofJcotland j 



IIBllillll 

B000336798* 




>p 



Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/dainspioradail1893gran 



DAIN 

S P I E A D A I L. 



LE 



PADRUIG GKANND, 

AN STRATHSPEY, SGIREACHD ABERNEICH. 



1 Seinnidh iad ceol ann an slighibh Iehobhah," Ps. 138 : 5. 

" Le salmaibh, le oran, a's le laoidh ; " Eph. 5 : 19. 

" 'S le beachd air a mhorachd, a's seinn air a throcair," Ps. 89 : 1. 

"Ni e na smuaintean feolmhor a chlaoidh." Ps. 119 : 113 



<Sebente£nth Ciiition. 



EDINBURGH 

JOHN GRANT, 31 GEORGE IV. BRIDGE. 

1893. 



EDINBURGH : 

PRINTED BY LORIMER AND GILLIES, 

31 ST. ANDREW SQUARE. 




LAURISTON CASTLE 



AN CLAR-INNSIDH. 

Preface, page v 

Creidimh Dhaoin taghte Dhè, 9 

Oran mo Leanabh og, 15 

Gradh m' Fhir-Saoraidh, 19 

Geailadh an t-Slanaighear, ... 21 

Fifeachd a'm Fuil an Uain, 25 

Buachaillean Israeil, 27 

Calbhari, 30 

Coigrich, 34 

An Dackaidh Bhuan, 37 

An Deagh Shaighdear, 40 

An Turus 3 43 

Garaidh Edein, 48 

Oran Gaoil, , 51 

Truaigh Shiorruith, 55 

Staid Naduir, 58 

Oran do'n t-Saoghal, 62 

Gairdeachas an Fhirean.,,, ,.,,... 66 

Aonachd an Spiorad, 68 

Glaodh na Martaraich,. , . . , ; . 75 



XV INDEX. 

La Bhreitheanais, page 90 

Grloir an Uan, 96 

An Geata Cumhann, 102 

Am Biobull, 103 

Gearan Nan Gael, 107 

Comhairle do'n Oige, Ill 

Oran do'n Aoise, 116 

Bas an Fhirean, 120 

Righ nan Uamhas. — Bas an Aingidh, 124 

Caraid is dluith na Brathair, 127 

Tobar na'n Uisgeachain Beo, 133 

Oran nam Missionaries, 136 

An t-ait bh'aig Eoin, 142 

An t-aon ni Feumail, 143 

Beatha an Duine, 145 

An Fhois Shiorruith, 149 

Oran do'n Uaigii, 151 

A Chulaidh Sgiamhach, 154 

Strith ann an Sion, ,...157 

An Soisgeul, ., 159 



PREFACE TO THE FIFTH EDITION. 



It is now twenty-eight years since the first 
edition of these Poems was laid before the 
public. Since that time, three other editions 
have been exhausted ; and as the Author still 
finds that there is a demand for them, (although 
six thousand copies have been already circu- 
lated,) he hopes that, in some measure, they 
have been found beneficial to the spiritual 
interests of many. Under this impression, he 
has great pleasure in sending forth this, the 
fifth edition, carefully revised, and consider- 
ably enlarged. If, by the Divine blessing, they 
edify, direct, and comfort those who take the 
statutes of the Lord to be their song in the 
house of their pilgrimage ; and if, by the same 
blessing, they be the means of turning sinners 
from the error of their ways, awakening the 



VI PREFACE. 

careless, and directing the weary and heavy 
laden to the Lamb of God : if such be their 
effect, the desire of the Author will be abun- 
dantly realized. 

PETEE GKANT. 



Strathspey, September 6. 1 837. 



vu 



PREFACE TO THE SIXTH EDITION. 

In this enlightened age, it is an acknowledged 
principle, that no religion should be forced on 
any people ; that the supply should be accord- 
ing to the demana As far as I know, I am 
not transgressing this rule, by publishing an 
other edition of my Gaelic Poems. The fifth 
edition has been sold off in a short time, 
although it was large ; but from the fine paper, 
and the neat manner in which the book was 
bound up, with a portrait, the proprietor 
required a price which put it out of the reach 
of some poor people to buy them. Finding 
that there is still a great demand for them, the 
sixth edition is now published in a cheap form, 
so that most of the poor Highlanders may buy 
copies for themselves, and that those whe 
cannot, may be supplied gratis by their rich 
neighbours, who wish to see the poor rich in 
faith, and partakers of the unsearchable riches 
of Christ. 



Vtll PREFACE. 

Since the last edition was published, several 
pious young men have made an effort to bring 
the knowledge of salvation to the long-neglected 
Highlanders, in a similar manner. Instead of 
being envious, I hope I can say, like Moses, I 
wish that all the Lord's people were prophets. 
I would wish by all means to encourage them : 
yet there is room — much land yet to be pos- 
sessed. I would say to the Lord's people of 
all denominations, who have been praying and 
using means to enlighten the dark places of 
Scotland: Brethren, be not weary in well-doing; 
your labour has not been in vain in the Lord ! 
T can testify, from personal knowledge, that a 
wonderful reformation has taken place on the 
manners and morals of the people in general ; 
besides, I hope many are truly converted. 
That your efforts may never cease, till all shall 
know the Lord, from the least to the greatest, 
is the prayer of your well-wisher, 

P. G. 



Strathspey, July, 1842. 



DAIN SPIORADAIL. 



CREIDIMH DHAOIN TAGHTE DHE. 

'S e creidimh Dhè their iad rium san tir so, 

'S tha suil ro-gheur agam anns an fhirinn, 

'S na shiubhlas buan ann mo cheumaibh buadhach, 

Bithidh gaol an Uan ac', bithidh buaidh a's sith ac 

*S mise bheir dhaibh eolas air meud a ghaoilsan, 
Chunnaic mise Iehobhah 'nuair rinn e an saoghal, 
Chunnaic mi Adhamh a's Eubha sa gharaidh, 
'S an cruth cho-aluinn le mais' na naomhacbd. 

Ach tbainig Satan an Nathair lubach, 
A's mheall e Eubha, a's dhall e suilean, 
Chunnaic mi Eubha a' toirt nuas nan geugan, 
'S dh'ith iad le cheile do'n mheas bha ciurrail. 

Dh'ith iad le cheile, 's thug sud am bas orra, 
'S tha garaidh Edein dhaibh nis mar fhasach, 
Chaill iad iomhaigh a's gloir na Diadhaidheachd, 
A's dk'fhas iad cianail dh'easbhuidh laithreachd. 

Chunnaic mi ruisgte iad measg craobhan a gharaidh 
'S iad strith ri currachd chuir air an naire, 
Ach c'aite an d'theid iad bhon t-suil do 'n leir iad 
'S mo thruaigh leir gun do chaill iad dh' fhabhoir 



10 

Ach dh'eirich grian, 's thainig la nan gras o/r , 
A's dh'eigh an Traith c'aite am bheil thu Adhamh, 
Thig nis aW fhiannuis 's mo ghaol gu siorruidh 
Is feuchidh mi rian leis am bi thu tearuinte. 

Oil* eiridh slanaighir dheth 'n t-sliochd aig Eubha, 
7 S bithidh buaidh gu brath leis gach taobh a theid e ; 
'S e chlaoidheas Satan *s bithidh cheann fo shailtean 
'S bith' shluagh leis tearruint 's gum paidh e an eirig 

Chunna mi Abel toirt suas na h-iobairt, 
Ni b'fhearr na Cain *s bha obair fireant', 
Bha chreidimh slainteil 's bha an Ti a's airde 
Toirt fiannuis dha gun robh e na f hirean. 

Chunna mi Enoch air steidh na firinn, 
Bha creidimh Dhè aig 's bha cheumain direach, 
'S le carbad slaint chaidh e suas gu Parras, 
'S cha do bhlais e bas anns an tir so. 

Chunna mi Noah san Airce 'b e duinte ann, 
'S an tuil ga dortadh air sluagh gun churam, 
Ghlac eagal trath e on chreid e an t-Ard-Righ, 
'S thainig am bas 'nuair bha each gun suil ris. 

Chunna mi Abraham a's dh'fhag e an tir aige 
'S na choigreach dh'f has le gradh na firinn 
Bha chreidimh laidir, 's bha shuil ri Parras 
'S 'nuair fhuair e an aithne, cha da chaoin e Isaac. 

Chunna mi Maois a' dol sios do an Eiphit 
Do'n t-sluagh thoirt saorsa 's bha 'n gairdean treun leis, 
Thug e mach le buaidh as an daorsa chruaidh iad 
'S Pharaoh 's a shluagh, anns a chuan gun eiridh. 

Chunna mi an t-saorsa thug a ghairdean treun dhaibh, 
'S chuala mi ghaoir a bha an tir na h-Eiphit, 
Nuair shaor e shluagh, a's le fuil an Uam sin, 
'S an t-aingeal buadhach a' sgrios nan ceud-ghin, 



11 

Chunna mi an sluagh ud dol sios do'n rnasaen, 

'8 chunna mi uamhasan beinn Shinai, 

'S tha gaoir mo chluaise leis gach mallachd chual' mi 

Air an t-shluagh sin nach gluais na aitheantean. 

Chunna mi Israel a' tional Manna, 
'S a'g ol do'n fhior uisge on charraig aluinn, 
'S bu shamhladh firinneach sud air Iosa, 
Cha ghabh e sgios a' toirt dhuinn a lanachd. 

Ach theirigeadh uine domh mo tmmchiol Dhaibhidù, 
Mu thimchiol Shamuel a's na faidhcan, 
Mu Shamson buadhach a's Gideon suairc ud, 
A's Mnathan uaisle agus sluagh gun aireamh. 

Chunna mi 'ga'n ruag' iad air feadh na fasaich 
Le acras, fuacbd, agus truaighean gabhaidh, 
Bha creidimh beo aca 's bha iad an dochas 
kiseirigh ghlormhor, 's e sud a b'f hearr leo. 

Ach ruith an uine a's dhluthaich tim ruinn, 
*S on bha mo shuil-sa ri Fear-saoraidh Israel, 
Ohunna mi san f heol e a's f huil ga dortadh, 
Is f huair mi trocair le gloir na h-iobairt. 

Chunna mi ainghlean a tighinn an nuas leis, 
'S an ceol b'aoibhinnean 's bu bhinne chualas 
Toirt sgeul san f hasach gun d' rug san stabul, 
An leanabh aillte ud a b' aluinn buaidhean. 

Lean mi na buachaillean a chual an sgeul ud, 
'S 'nuair shir sinn f huar sinn e 'n sud gun eiridh, 
'S gun neach na choirsan ach Muire a's Ioseph, 
'S na h-ainglean glormhor nach d' rinn a threigsinn 

Thuig mise an sgeul ud gnn d' eirich grian oirn' 
'S chunna mi reult anns na speurain shios ud, 
'S daoine glic aig eiridh, 's lean iad an reult ud 
'S ^h'amdcoin Herod thug geill mar Dhia dha. 



12 

Chunna mi 'm bas tighinn chur sas air Herod, 
'S cha d' f huair e dail ged bu laidir treun e, 
'S thainig Muire a's Ioseph, 's an leanabh ghormnor 
Is ghabh iad comhnuidh an tir Iudea. 

'S an leanabh dh'fhas e cho dluth ri seudar, 

'S e ann am fabhor na h-uile creutair, 

'S 'nuair chual e Eoin bhi baisteadh an Tordan 

Thainig esa g'a dheon, 's chaidh e tre na cheum ad. 

Thubhairt Eoin le miorbhuill am bheil thu geilleadb 
Gu tighinn cho iosal fo lamhan creutair, 
Ach 's e thubhairt Iosa gach Aithne san f hirinn, 
'S coir dhuinne striochdadh, 's a bhi toirt geil da. 

Tha an aon ghaoil tighinn nuas a Iordan, 

'S an spiorad naomh air a' gabhail comhnuidh, 

'S tha an guth aig eigheach 's e uan De* e, 

'S mo thlachd gu leir ann se thubhairt Iehobhab. 

Chunna mi Satan a* tighinn san uair sin, 
Ga thoirt do'n f hasaich chum a bhuairadh, 
Le gloir an t-saoghail tha mealladh dhaoine, 
Ach an aon naomh ud cha d'thug e buaidh air. 

Ged ghabh e cleoc fuil a's feol mar dhaoine 
Chunna mi a mhorachd mar ghloir fear-saoraidh, 
Bha cumhachd Dhè leis, 's bha gairdean treun aig 3 
Os ceann gach creutair bh' anns an t-saoghal. 

Chunna mi sa gharaidh e is anam bronach, 
7 S a chorp ga fhasgadh a's fallus mor air, 
'S chunna mo shuilean-s' e air a ghluinean, 
'S e gleachd, an urnuigh 's an cup ri ol aig. 

'S e thubhairt an t-uan ud ri Athair glormhor, 
Tha critb a's uamhan air m'fhuil a's m'f heoil lei* 
Ach so is aill learn mo shluagh bhi tearraintc, 
A's ann nan aite ni mi 'n cupan ol as. 



13 

Chunna mi Iudas a' tighinn gu cealgach, 

\S a chogais mhuch e le gaol an airgid, 

*S bha cuideachd mhòr leis a's esa g'an seoladh, 

Thug esa a phog dha 's cbaidh iad-sa air falbh leis. 

Lean mis do'n ohuirt e gu talla Heroid, 
'S an sluagh a bruchdadh mach ceus e, ceus e, 
'S thug Pilat binn mach chum a dhiteadh, 
'S a chogais 'g innseadh nach d'rinn e eucoir. 

Ach 's arm a dhit iad le fiannuis bhreig e, 
'S bha esa co mhin cha d'-fhosgail e bheul riubh, 
'S lean mis' on chuirt e 's iad falbh gu dluth leis, 
'S e fèin a' giulan a chranna-ceusaidh. 

'S 'nuair chaidh iad suas leis do sliabh Chalbhari, 
Ghunnaic 's chual a mi fuaim nan tairnean 
G'an cuir an sas ann na chas 's na lamh-san, 
'S an t-shleagh an sas ann a's latha garbh aig. 

'S 'nuair thog iad suas eadar talamh 's neamh e, 
Thionail a' sluagh chum an t-uan a reubadh, 
T S bha deamhna 'n toir air, o ait na doruinn, 
'S chaidh an fhearg a dhortadh le Athair fèin air. 

S an cupan dh'ol e an ait a shluaigh as, 
'S na h-uile doruinn bha dhaibh-san dualach, 
A's 's ann a dh'eigh e's na piantaibh geur ud, 
Mo thriath na treig mi 's an cath cho cruaidh ann. 

Faic neul a bhais nis tighinn air a ghruaidhean, 
Thcich a chairdean 's tha each air suarach ; 
Ach bha mo shuilean-s' air, a's lean mi dluth ris, 
Gus na dhun iad uam aim's an uaigh e. 

Chunna mi 'nuair dh'eigh toirt snas an 'deo e, 
'S thnig mi an sgeul gu'm 'b e Dia 's an fheoil e, 
Na croagan reub iad 's na mairbh aig eiridh 
S a ghrian 's na speurain a' cur culaidh bhroin oire 



14 

Ach gheill ana bas a's cho do chum an uaigh e, 
'S mar ghaisgeach laidir 's ann thug e buaidh leis, 
'S chunna mi gun dail e dol suas gu Parras, 
'S fear tagraidh ard ann an ait a shluaigh e. 

'S air a chrann 'nuair bha fhuil ga dortadh, 
'Sheall e nail 's thug e sealladh mor orm, 
'S their leam gun d' eigh e, stusa rinn mo cheusadh, 
'S tu rinn mo reubadh a's m' fhuil a dhortadh. 

'S ann chum do shaoradh thainig am bas orm. 
On thug mi gaol dhuit chum do thearnadh, 
A's tha mo dhuil nach dean thu mo dhiultadh, 
Gu'm bi do shuil rium, 's nach dean thu m' aicheadh. 

'S mu bhitheas an saoghal na buairean Shatan, 
Ga 'd thoirt a thaebh gus am fuaraich gradh dhomh, 
Teich as gu dluth mu'n dean sud do chiurradh, 
'S gabh beachd as ur do na lotain bais so. 

Dh' fharaich mi saorsa tighinn orm san uair sin 
'S dh' fharaich mi ghaol a dol feadh mo bhuaighean ; 
'S chuir mise mo dhocas na fhuil chaidh dhortadh 
'S bi mise ri m 1 bheo tuille deanamh luaidh air. 

Oir tha mi 'n dochas gun eirich mo shaoghal, 
Gu 'm bi mi beo leis, 's gu'n d' thoir mi gaol da, 
'S gu'n iarr mi seoladh uaith chum a ghloireach, 
'S gu'm faigh mi treorach an spiorad naomh uaith, 

Se m' urnuigh an comhnuidh airson an t-saoghail, 
Gu 'm faigh iad eolas air an neach a shaor mi, 
An sin chi iad f hein e gur fior an sgeul e, 
'S mar creid iad fhein e gu 'm bi e daor dhaibh. 

'S tha mise an dochas gun caith mi siorruidheachd, 
An leith ri 'mhorachd, 's a ghnuis mar ghrian dhomh, 
'S gu 'm faic mi beo ann na uile ghloir e, 
'S mi seinn nan orain 's nach fas mi cianail. 



15 

'S e so na neimh ris am beil mo dhochas, 

Far am bi e fèin cha bhi bas na bron arm, 

Far am bi mi naomh, snamh an cuan a ghaoil-san, 

Slan leis an t-saoghal is gach ni bha 'n toir orm. 



ORAN MO LEANABH OG. 

'S leanabh solasach mi, 

Gle og chaidh e tim, 

Chaidh mo threorach on chich do'n uaigh, 

'S ged bu ghoirid mo thim, 

Gabhail fradharc do'n tir, 

'S mor th' agam ri innse do'n t-sluagh. 

Nach b' e an teachdair' gun truas, 

A thug leis mi cho luath, 

O'n a bhroilleach 's an d' fhuair mi bias, 

'S thug mi do'n bhanaltrum f huar, 

Ris an can iad an uaigh, 

A's riamh cha b' aithne dhi truas na blathas. 

Ged bu ghoirid no chuairt, 

Fhuair mi fradharc car uair, 

Gu'n robh am peacadh dhomh dualach og, 

'S dh'aithneach mise gu dearbh, 

Gu'n robh esa na ni searbh, 

Toilltinn mallachd a's fearg ro mhor. 

Ged nach do pheacaich mi riamh, 

Ann an cleachda na'n gniomh, 

Cha deach mi seachad gun phian a's bron, 

Thainig puinsean 's an f hreumh, 

Ann an Adhamh. 's an Eubha, 

Ruith mar phlaidh anns gach geug a's meoir. 



16 

Ach thainig m' Athair le truas, 

S thug e dhachaidh mi suas, 

Mu'n gann dh'f haraich mi truaigh an t-saoghail, 

'S ghlan iad mi am fuil an Uain, 

'S bitheadh mi sonadh gu buan, 

A' snamh tuille an cuan a ghaoil. 

Bha mi 'm chadal gu bla, 

Ann am fasgadh mo Mhathar, 

Is ga mo phasgadh 's a lamh fb mo cheann, 

'Nuair thainig teachdair' on a bhas, 

Thubhairt gu'n siubhlainn gun dail, 

'S nach robh fuireach na tamh dhomh ann. 

Thug an anshocair buaidh, 

'S thainig piantaibh bha cruaidh 

'S ruith an lot anns gach buaidh dheth m'fheol, 

*S ann am mionaid na h-uaire, 

Dh'f has mo bhilean cho fuar, 

'S neul a bhais air mo ghruaidhean og. 

Dhuisg, mo mhathair le gaoir, 

'S thuirt i m'aillegan gaoil a gul, 

Coid dh'f haraich thu cha 'n fhaod thu falbh, 

'S rinn i mo ghreimeach cho teann, 

'S cha bhitheadh an dealachdain ann, 

Ged bha mo chridhe cho fann *s mi balbh. 

Cha robh leigheas fo'n ghrein, 

Air an cluinneadh iad sgeul, 

Nach do chleachd iad gu feum do m'f heoil, 

Ach is ann sharaich iad mi, 

'S cha robh sta ann an ni, 

Air chor 's gu'n d'fhas mi gle sgith dheth an seol 

Ach chaidh mo mhathair 'an cuil, 

'S m'athar dh'ionnsuidh na cuirt, 

'S bha iad tagradh gu dluth 's iad fo l«on, 

'S thubhairt iad ri 'n athair air n<?>amh 



17 

Nis do thoil gu'n robh deant', 

Oir gu cinnteach 's tu fèin 's fearr coir. 

Ach 'nuair chunnaic iad mi, 

Thoiseach mulad a's strith, 

A's is e mi dh'f huireach ris a b'aill, 

Ach leigaibh chead domh thubhairt mi, 

Chum 's gu'n siubhail mi 'n sith, 

'S e bhi maille ri Criosd as fearr. 

Tha bhur comunn domh faoin, 

'S tha mi ullamh 's an t-saoghal, 

Ged thug sibh dhomh gaol gu leoir, 

Carson bhitheas sibh cho dian, 

Ga mo chumail am pian, 

'S gu'm bi mi soillseach mar ghrian an gloi? 

Slan leibh air son tim, 

Gus am faic mi sibh ris, 

Anns an aite 'san d'theid criooh air bron, 

Dluth-leanibh ri Criosd, 

Is greim las do gach ni, 

Tha sibh faicinn an tir nam beo. 

'S 'nuair dhuin iad mo shuil, 

Thainig ainghlean na cuirt, 

'S thug iad mis leo cho dluth 's cho luath, 

'S ami am priobadh na suil, 

Bha gach ni dhomh cho ur 

'S ann bha mise 's an Ierusalem shuas. 

Sguir na tuiltean le'n toirm, 

'S thug iad mise as gach stoirm, 

'S mar sgiath na maidinn thug orm bhith luath 

'S chaidh sinn troimh na glinn dorcha, 

Far na^h bu leir dhuibh bhur lorg, 

Ach tliainig sonas nis orm bhitheas buan 



18 

Chaidh sinn mar iolaire aig luathas, 

Gu tir Imraanuel shuas, 

Dh' ionnsuidh an aite 's am bheil sluagh ro naomn. 

Is le halliluia gu buan, 

Toirt cliu a's moladh do'n Uan, 

'S ag ol tuille a cuan a ghaoil. 

Na'm faiceadh m' athair 's mo mhathair, 

Meud mo shonas 'sari s' ait 

Bhitheadh iad toilicht' gu'n d'fhag mi an saoghal 

'S bhitheadh gach latha mar bhliadhna ; 

Gus am faigheadh iad triall, 

Gu co-chomunn ta siorruith naomh. 

'S arm 's an aite so tha ghloir, 

Tha na sraidean do'n or, 

'S meas a fas deth gach seorsa gu buan, 

'S bithidh sinn gu siorruith aig ol, 

As na h-aibhnaichean beo, 

'S an gaol bith-bhuan ga dhortadh nuas. 

Tha cuid an so as gach aite, 

Air an tional le gras, 

As gach treubh agus pairt do'n t-sluagh, 

Ach 's ann aca ata an gaol, 

Nach robh leithid measg dhaoin, 

'Nuair a bha iad 's an t-shaoghal thruagh. 

Is arms an aite so tha 'n ceol, 
Nach d' theid mhasgadh le bron, 
Tha e fantainn na oran nuadh, 
Cliu a's onair a's gloir, 
Do'n ti bha marbh a's tha beo, 
Shaor e sinn-e on dorruinn bhuan. 

'S ann 's an ait so tha 'n sluagh, 
Chaidh troimh dheuchainnean cruaidh. 



19 



'S thug e fèin dhoibh a bhùaidh le bhks, 

'S tha iad nis ann an sith, 

'S f huair iad pailm mar Righ, 

'S eudach geal a theid sìos gu'n sàil. 

Ach se mòrachd an uain, 

Ni is gloirmhor tha shùas, 

'S e is òirdheirce air an cualas sgeul, 

'S leis a ghloir tha na ghnuis, 

Tha na neamhean dha lùb, 

'S tha e tarruinn gach sùil na dheidh. 



GRADH M' FHIR-SAORAIDH. 

'Se gràdh m' Fhir-saoraidh a bhitheas na chèol 

dhomh, 
'S ann air bu chòir dhomh, bhi deanamh sgèul ; 
O'n 's e thug coir dhomh, le 'fhuil dhortadh, 
Air saorsa ghlòrmhor a chloinne fèin : 
'S e sud an t-oran a bheir dhomh solas, 
Co f had a's is beo mi sa chruinne-che ; 
'S 'nuair theid mi dhachaidh, a gleann nan deoir so, 
'S e sud mo cheol anns an t-saoghal chein. 

Ged tha mi taireil am measg mo chairdaibh, 
Thaobh a's gur ann dhasan a thug mi speis ; 
Mar thubhairt lob, Tha m' Fhear-saoraidh beo', 
'S tha mis an dochas, gu'm faic mi e ; 
Tha mi an dochas a' dhol na chodhail, 
Anns na neoil 'nuair a thig e fèin ; 
Is ni 'n sealladh mor sin, dheth aghaidh ghloirmhor, 
Na h-uile bron a chuir 'uam 's deur. 

f ha doimhne 's airde ann an gradh an t-Slanaighear, 
Nach gabh aireamh, na chur an ceill ; 



20 

Ach chi sinn moran na bhreith, a's na bhas dhet-h, 

Is chi sinn pairt dheth 's na h-uile ceum : 

Chi sinn e tighinn o staid cho arda, 

A's gur ann dasan bha ainghlean Dè — 

A' deanamh aoraidh, le an anarnaibh crabhach, 

A's an aghaidh sgail air le'n sgiathaibh fèin. 

Ach rinn e mhorachd 's a ghloir sin f hagail, 
A's 's ann dh'fhas e na dhnine truagh ; 
Bha 'n Ti a b'àirde air a bhreith 's an stabull, 
An t-ait' bu taireal am raeasg an t-sluagh ; 
Cha 'n ann le morchuis a f huair e arach, 
Cha 'n ann le ailgheas chaidh thogail suas ; 
Bu cluine craiteach o bhreith gu bhas e, 
Cha 'n f hac iad ailleachd air bith na ghruaidh. 

Bu duine bronach air iomadh doigh e, 

'nuair a thoiseach a thuras sgith ; 

Air son a ghraidh thug iad fuath gu leoir dha, 

'S bha iad ga f hogradh o thir gu tir ; 

Bha na h-Iudhaich gu dluth an toir air, 

Chum a leonadh, 's a chur fo chis ; 

'n bha dorchadas air an chomhdach, 

'S gu'm b'e ghloirsan an solus flor. 

Cha d' rinn e tair air an dream bha ard dhiubh, 

Ach thug e an aite dhaibh, a's phaidh e cis ; 

A's air na sraidaibh cha chuai iaa ara e, 

'S an uair f huair e chaineadh, cha d' chain e ris ; 

Le meud a ghairdeachas ann ar slainte, 

Chuir e an naire an neo-bhrigh ; 

'S le meud a ghraidh dhuinn ghabh e ar nadur, 

Chum ar tearnadh o'n t-slochd a b'isle. 

Anns a cheart nadur 's na pheacaich Adhamh, 
'Nuair thug e am bas air a shliochd gu leir, 
'S ann rinn an Slanaighear gach ni an aird deth, 
'S an lagh rinn ardach le umhlachd fèin ; 



21 

'S a chum ar tearnadh o chumhachd bais, 
Leig e bheatha bhain, dheanamh an aird na reit' ; 
A's chum a bhrathairean a thoirt gu Parras 
D'f huilinn e am bas air a chranna-cheus'. 

sibhse a thainig dh'ionnsuidh' f habhoir, 

'n 's e bhas rinn ar tarruinn dluth ; 

Seallaibh an aird ri sliabh Chalbhari. 

A's chi sibh a ghradh ann an solus ur ; 

Cha 'n e na sgailean bh'aig Maoise 's an f hasaich, 

Tha an t-Uan-caisg air chur air chul ; 

A's tha an Ti a' basach rinn subhach Daibhidh, 

A's bh'aig na faidhean am beachd an sul. 

Chi sibh an caramh tha air an t-Slanaighear, 
Mar dhinnis Daibhidh gu'm bitheadh a chuis ; 
Tha tairbh Bhashain air tional lamh ris, 
A's iad 'ga shabhadh 's na h-uile taobh ; 
Gach neach a dh'eirich bha deanamh sgeul air. 
Rinn iad an treigsinn 's an cur air chul ; 
A's tha Uan-Dè aca nis 'ga reubadh, 
'S e an deidh cheusaidh 's 'ga chur san uir. 

Anns an uir chuir iad Righ nan dul, 

Gun aon duil ri e thighinn beo ; 

Ach an Leoghann do threubh Iudadh, 

Is ann dhuisg e le cumhachd mor ; 

Dh'f hag e a naimhdean a's cinn bhruite aca, 

Air a chul thaobh na'n luidhe leoint' ; 

Thog e an uachdaranachd air a ghuaillibh, 

A's chaidh e suas, 's ann dh'ionnsuidh gloir 



GEALLADH AN T-SLANAIGHEAR. 

Is ionghantach cho grasmhor, 
A's tha Slanaighear nam bnadh, 



22 

Cha 'n 'eil nithe ni sta dhaibh, 
Nach do phairtich e ri shluagh ; 
Ged nach do gheall e saibhreas, 
Thoirt dhaibh an taobh s' do'n uaigh ; 
Gheall e sith a's aoibhneas dhaibh, 
S an oighreachd a tha shuas. 

*S e gheall e ann na fhirinn — 
Do na fireanaibh gu leir, 
Gur ann trid iomadh trioblaid, 
Theid iad stigh do rioghachd Dhè, 
Ach annam-sa bithidh sith agaibh, 
Deir Iosa riubh le bheul ; 
'S ged dhean an saoghal tair oirbh, 
Cha'n fhag mi sibh, 's cha treig. 

Bithidh fuath nan uile dhaoine dhuibh, 
'S cha'n iongnadh ged bhios, 
Airson gur ni ro fhaon leo sibh 
Bhi leantuinn aobhar Chriosd ; 
Ach 'mheud 's gur mise thug saorsa dhuibh, 
'S nach ann dheth an t- saoghal sibh ; 
Ni iad trie air caineadh dh'f heuch — 
An aicheadh sibh 'ur Righ. 

Ach iad-san uile dh'aicheas mi, 
An lathair an t-sluaigh gu leir ; 
Cha'n fhaigh iad coir, 's cha'n air id h iad, 
Air pairt.deth rioghachd Dhè, 
'Nuair thig mi ris le gairdeachas, 
Chum slainnt' mo mhuinntir fèin. 
Bithidh mise an sin gan aicheadh -san. 
An lathair ainghlean Dhè. 

Cor bith dh'iarras fabhor orm, 
'S nach gradhaich mi ni 's mo 
Na athair, a's a mhathair, 
A chlann, 's a mhnaoi phosda, 
Cha'n aidich mise os aird e, 



23 

An lathair High na gloir ; 
Mur tog e chrann-ceusaidh, 
'S mo leantuinn fein gach lo. 

Ach sibhse a lean gu dilis mi, 
Le cridhe fior gun gho ; 
A threig gach ni bha priseal leibh, 
'S a chuir fo chis an f heoil ; 
Ma ghluaiseas sibh 's an fhirinn, 
Bithidh 'ur sith mar abhuinn mhor ; 
'S le buanach chum na criche dhuibh, 
Theid sibh do rioghachd na gloir. 

Na dibiribh 's an f hasach so 

Mo ghras a chur an ceill ; 

Innsibh anns gach aite, gu'n 

Do bhasaich aon Mhac Dhè ; 

Thugadh gu saor do chach uaibh, 

A ni thug slainnt' dhuibh fèin, 

'S ma chreideas iad san t-Slanaighear, 

Cinnte, rinn e an aird an reit'. » 

An aithne nuadh a dh'fhag mi dhuibh, 
Is ail learn cur an ceil ; 
Gu's an aithnich iad mo chairdibh-sa, 
Le meud an graidh do cheile ; 
CoiMionaibh nis mo ghairdeachas, 
Gu'm bi sibh ghnath gu reith ; 
'S bith mis ag ullach aite dhuibh, 
A stigh am Parras De\ 

Ged tha sibh lag, cha churam duibh, 

A\s bhur suil ri Righ na gloir ; 

Is laidir air 'ur cul-thaobh mi, 

*S mo gradh dhuibh ur gach lo ; 

Na h-uisgeachan cha mhuch iad sibh, 

Ged dhuisg na tuinn gu mor ; 

'S an teine cha dean ciarradh oirbh, 

Bithidh sibh 's an fhurnais bheo. 



24 

Ni beagan làithean doruinneach, 
Bhur toirt gu solas buan ; 
Slan le luchd an f hoirneart, 
Tha bhur dochas ri dol suas ; 
Bheir mi trid ghleann nan deoir sibh, 
Mar cheannard seolta do m 1 shluagh 
'S bheir mi thar abhuinn Iordan sibh, 
'Gar codhalachadh aig a bhruaich. 

An sin toisichidh neo-bhasmorachd, 

'S thig slainte o mo ghnuis ; 

'S gheibh sibh chum 'ur gairdeachas f 

Gu brath bhi seinn mo chliu ; 

Bheir mi le mo laimh, gu fabhorach, 

Na deoir a bharr 'ur sul ; 

*S tha leigheas anns an aros sin, 

Ni slan an cridhe bruite. 

Cha chluinn sibh bron, no eigheach arm, 

No bas, no pian, no caoidh ; 

'S cha*n iarr sibh solus greine ann, 

Gu feuchainn air gach taobh : 

Bithidh an Ti 'ta uile-leirsinneach, 

E fèin na sholus dhuibh : 

'S ni lathairachd aoibhinn sibh, 

'S bithidh ghradh-sa Vur beul chaoidh. 

Chi sibh an sin an aireamh 
Dheth na braithrean a thug buaidh, 
Air tional as gach aite ann, 
'n airde-deas a's tuath ; 
'Nuair bheir e stigh do'n aros sin, 
Na traillean bha cho truagh ; 
Nach iongantach co grasmhor, 
'S tha Slanaighear nam buadh ! i Ì 



25 



EIFEAOHD A'M FUIL AN UAIN. 

! 'sann tha 'n eifeachd a 7 m fuil an Uain, 
Chum ar n-eucairta ghlanadh uainn / 
Ach 's bochd an sgeul a ta nis ri leughadh, 
Nach eil speis dhi a' reir a luach. 

Tha daoine gorach air seol na dha, 

Nach aill leo an dochas a chur 'na bhas ; 

Theid iad an di le bhi dhiobhail eolais, 

Air an fhuil chaidh dhortadh a chum air slainnt'. 

'S an dream thug speis da cha dean iad uaill, 
O'n 's e chaidh cheusadh an ait a shluaigh ; 
Cha 'n ann diubh fèin a fhuair iad an reite, 
Ach leis an eifeachd bha 'm fuil an Uain. 

'S e fèin do'n eiginn an cumail suas, 

'Ntiair thig deuchainnean iomadh uair ; 

Tha mheud deth thruailleachd ag iad mn'n cuairt doibh, 

'S nach fhaigh iad buaidh ach le fuil an Uain. 

Tha daoine saoghalta an gaol gach uair, 

'S ann air na caoraich, a thaobh a'n Uain ; 

A's tha an leoghann beuchdach a ghnath a' saoithrach, 

Dli' f heuch co dh'f haodas e shlugadh suas. 

! fanaibh dluth chum 's nach toir e buaidh, 
Na tugaibh geill dha a's theid e uaibh, 
'S a shaighdean teinnteach ni sibhse a mhuchadh, 
'n rinn sibh cumhnant le fuil an Uain. 

! bithibh laidir fo armachd Dhè. 

Le creidimh shlainntail mar 'ur sgeith ; 

A's' nuair bhios an namliaid ag iarraidh fath oirbh, 

Le cainnt an t-Slanaighear dunaibh bhenl. 



26 

'Nuair bhitheas e' feorach am bheil sibh sgith, 
Innseabh dha gu'n do bhasaich Criosd ; 
'S gu'm bheil gu leoir ann na f huil chaidh dhortadh, 
'S gu'm bith bhur dhochas ann thnn na crich. 

An sin thig e an cairdeas, a's their e fèin, 
Gur sibhse an aireamh tha 'm fabhor Dhè, 
'S ged do ghluaiseadh sibh nis mar's aill leibh 
Gu'm bith sibh tearninte feadh gach re. 

Ach innseabh dha, gur iad cairdean Dè, 

Aig am bheil 'aitheanta, a's ni d'an reir 

An dream nach aicheadh an lathair an t-sluaigh e, 

'S a leannas an t-Uan ge b'e taobh a theid. 

'S e cuilbheairt Shatain bhi laidir, trenn, 
Tha fagail cairdean gun gradh d'a cheile ; 
Feuchs e faillinnean dhaibh 's na braithraibh, 
Dh'fheuchinn an tar e an cur o cheil ! 

! 's ann tha 'n feum air bhith caithris buan ; 
'S a ghnath bhi 'g eigheach ri Righ nan sluagh 
Oir cha'n 'eil ni chumas duint' ri cheil iad ; 
Mar dean an eifeachd tha 'm full an Uain. 

Ach trid an Ti thug an t-sith mu'n cuairt, 
Cha'n 'eil ni anns nach fhaigh iad buaidh ; 
Co dhiteas, na leigeas sios iad ? 
'S fear coimhid Israel gan cumail suas. 

Air feadh na fasach 's e fèin an cul, 

Oir tha iad dha mar tha clach a shul : 

'S tha ghealladh grasmhor nach dean t m fagail, 

'Nuair thig am bas gu 'n toirt thun na h-uir. 

Trid gleann a bhais bitheas e ghnath na'n coir, 
Gus an sabhalair iad fadheoidh ; 
*S am bi iad tearuinte o gach namhaid, 
Anns a Chanaan tha Ian deth ghloir. 



27 



'S 'nuair bhitheas iad thall o na h-uile truaigh, 
'S a' cur an geil co thug dhaibh a bhuaidh ; 
Cha bhi h-aon nach cuir ris a sheula 
Gur ann bha 'n eifeachd am fuil an UAIN. 



BUACHAILLEAN ISRAEIL. 

'S e thubhairt an t-Ard Bhuachail, tna shuas ann gloir 
Dh'fhag mi mo chaoraich ann 'n saoghal nan deoir ; 
Cheannuich mise gu daor iad, bha mo ghaol doibh cho 

mor, 
'S mar bith' gu'n do rinn mi an saoradh cha d'f haod iad 

bhi beo. 

Nis gheibh iad an durachd mur diult iad dhomh geill, 
Gheibh iad buachaillean iulmhor a stiureas an treud ; 
Ni 'm beathachadh an comhnuidh le beo aran o neamh, 
'S dhoibh a theagaisgeas eolas air orduighean Dhè. 

Aithnicbidh sibhs' na buachaillean a fhuair dheth mo 

ghras, 
'S e 'n toil-inntinn gu buan bhi toirt luaidh air mo bhas. 
Cha chunnt iad ach siiarach gach cruadal a's cas, 
O'n tlia'n suil ris an duais o na Bhuachail' is aird'. 

Chaidh mo chaoraich-s' air chall air na beanntaibh gu 

leir. 
'S rinn luchd faire dall moran call air mo threud ; 
Ach na buachaillean seolta fhuair eolas uam fèin, 
Bheir iad dhachaidh do 'm chro iad, le seoladh mo bheul. 

'S 'nuair gheibh iad 'sa chro iad, 's e an solas gu leir, 
Bhi beathachadh le eolas, gach seors' tha 's an treud ; 
Cuid le fior bhainne blath, mar tha an naduir am feum, 
A's cuid le baidh laidir, 'nuair dh'fhasas iad treun. 



28 

Cha bheathaich mo chaoraich-s' air plaosgan gun sta, 
'S ri teagasg mi-naomha cha taobh iad gu brath ; 
Cha 'n urrain iad bhith beo, mar bhitheas moran deth 

chach, 
Fo eisdeachd an t-seorsa tha gun eolas air gras. 

Cha 'n iarr mo chuid bhuachaillean buanachd dheth 'n 

treud, 
Na bhith na'n daoine saibhir os cionn oighreachd Dhè ; 
Ach le cridheachaibh deonach, dol romhpa ann9 gach 

ceum, 
A's ag iarraidh Rìgb na gìoir bhi 'gan seoladh na'sa 

feum. 

Na'n cadal, is na'n duisg, 's e 'n curam do gnath, 
Bhi neartach nan gluintean tha lubadh gu lar ; 
'S na nithean tha bruite bhi 'gan dunadh an aird, 
Le leigheasibh as ur thig o ughdair nan gras. 

Ach buachaillean gun churam, leig dhiubh bhi ri feum, 
'S a sealltuinn mu'n cuairt air son buanachd dhaibh 

fèin, 
Chuir iad f&n agus Satan an aird le cheile 
'S ma f huair iadsa an tuarasdal, fhuair esan an trend. 

Tha m' faidh Esaias dol dan air an cliu, 
Buachaillean dall, a's coin bhalbh thubbairt e rin , 
Caidlidh iad samhach, gun eolas gun iul, 
'S tabhannaich cha dean iad air beul na air cul. 

Tha 'm faidh Ieremias a ris' cur an geill, 
Nach eil buachaillean Israeil dileas do'c treud ; 
Leigheas iad gu aotrom gach acn bha fo chreuchd, 
Le sith thoirt do dhaoine gun naomhachd d'a reir. 

Tha 'm faidh Eseciel, d'a reir 's mar bha each, 
A dearbhadh a' mi bheusan, le reusan no dha ; 
Gheall iad, le'm breugan, do'n eucoreach slaint' 
'S a h-aon cha robh pilltinn o inntinn a bhais. 



29 

'S 'nuair thainig an Slanaighear a bhain amis an ì neon* 
Dbinnis e mu'n deibhinn, e fèin agus Pol : 
Thig iad an eideadh chaorach gu daoine thoirt leo, 
Ach 's madaidh-alluidh garg iad a mharbhas gu leoir. 

Bu choir do chinn-iuil bhi a' stiuradh an treud, 
'S an teagasg bhi'gan urach,mar dhriuchd air an fheur; 
Ach tha'n dream ud gun churam, neo-iulmhor iad fèin, 
'S tha Peadar agus Iude toirt an cliu dhoibh d'a reir. 

Is tobraichean deothach, a's neoil iad gun uisge, 
Garbh thonnan beucaicli nach geill, 's nach gabh fois ; 
Ruith iad an slighe Chain, gun ghradh mar bha esa, 
'S tha inntinn Bhalaim do ghnath dol na'n cois'. 

Acli buachaillean mo ghaoil-sa, tha saoithreach gach la, 
'S tha beathachadh mo phobuill aig tobair na slaint' ; 
Tha seoladh mo shluaigh air na cluaintibh is fearr : 
'S nach dean taire air a h-aon air na shaoithreach mo 
ghras. 

Ged' gheibh ioma sarach o chach anns an fheoil, 
Bithidh iadsan am Parras, 's bitheadh each an am bron ; 
Theid iad thun a bhais, deanamh gairdeachas mor, 
'S 'nuair thogas iad an cinn, bitheas iad seinn ann an gloir. 

'Nuair thig latha mor a chuairtich, bithidh uamhas air 

each ; 
Ach eiridh mo bhuachaillean-sa deanamh luathghair. 
Gheibh iad airson duais, mar chrun uaill ann am la, 
An dream a bha le'n seoladh air 'n treorach gu slaint'. 

Ach eiridh na cinn-iuil a bha stiuradh nan dall, 
Dh'fheuch an aidich Righ nan dul iad 's nach cunnt e 

an call 
Ach ni dealradh a shuilean an sgiurseadh air ball, 
Gu teine nach gabh muchadh, gun duil tighinn nail.- 

'S 'nuair a theonndas iad, chi iad na firean gu leir, 
S chi iad mo chiobairean a' liobhairadh an treud ; 



30 

S iad air an deanamh sgiamhach le iomhaigh 

Mhic Dè, 
Chum dealradh gu siorruidh mar ghrian anns an 

8peur. 



CALBHARI. 

'S trie mi smuaineach, 's mi m'aonar, 
Gu'm bheil an saoghal so truagh ; 
'S iomadli bron tha ri f haotainn, 
Air an taobh so do'n uaigh ; 
Feumaidh oighreachean neimh ; 
A dhol trid dheuchainnean cruaidh ; 
Ma'n ruig iad an oighreachd, 
'S am bheil aoibhneas bith-bhuan. 

Ach tha aon ni g'an leonadh, 

Gu'm bheil an comhnuidh 's gach uair 

Mar bha Lot ann an Sodom, 

A faicinn do-bheairt an t-sluaigh ; 

A faicinn cairdean, 's luchd-eolais, 

Agus moran cho truagh ; 

'S gur e bhi toileach na feola, 

An ni sonraichte tha uath. 

Ciod dh'itheas, ciod dh'olas, 

Ciod bheir solas an traths ? 

Ciod ni sgiamhach an fheoil dhuinn 

'S e tha moran aig radh ? 

Cuid le aighear 's le sugradh, 

Caitheadh 'n nine gun sta ; 

Is iad a ghnath cho beag curam 

Ris na bruidean gheibh bas. 

Nuair a chuimhnicheas mi 'n caramL. 
'S trie a dh'fhag e mi sgith ; 



31 

'S trie a mhill e mo ghairdeachas, 
'Nuair a b'f hearr bhitheadh mo shith , 
Daoine truagh bhi na'n traillean, 
Aig an namhaid fo chis ; 
'S fearr leo striochdadh do Shatan, 
Na bhi na'n cairdean do Chriosd. 

Cha 'n 'eil na'n obair ach traillealachd, 
'S cha 'n 'eil ach am bas ann na'n duais , 
A's iad fo ehorruich an Ard-Righ, 
On 's ann dha-sa thug iad fuath ; 
Sliochd ceannairceach Adhamh, 
'S boehd an caramh ri luaidh ; 
Ach tha mheud 's a f huair tearnadh, 
Ann am fabhoir an Uain. 

'Nuair a leubhas mi 'm Biobull, 
Gheibh mi sgriobht' amis gach ait', 
Gu'm bheil iad sud, leis an fhirinn, 
Air an diteadh mar tha 
Dh'fhag na Sgriobtuirean shios iad, 
Mar luchd di-meas air slainnte ; 
Is mur beirear a rithisd iad, 
'S e sud is crioch dhaibh — am bas. 

A dhuine thruagh, tha'n staid nadair 
'S nach eil am fabhoir ri Dia ; 
Tha thu leanntuinn na sgail sin, 
A chaoidh nach sasuich do mhiann ; 
'S cha d'thoir lagh nan deich aitheantan, 
Dhuit-sa tearnadh, no dion ; 
As eugmhais umhlachd 's gach pairt deth, 
Cha d'thug e slainte do neach riamh. 

Ach ma 's slainte tha thu 'g iarraidh, 
Ruig na briathrean 'ta sgriobht' ; 
Fag Sinai tha fiadhaich, 
A's teich gu Sliabh Chalbhari 



32 

'N sin chi thu ceartas 'ga riarach', 
Agus Dia a' deanamh sith ; 
'S Mac a ghaoil toirt lan dioladh, 
A chum ar dion o dhol sios. 

Chi thu 'n sin air a cheusadh, 

An t-aon eiric a bh'ann, 

Neach a ghiulan ar n-eu-ceartain, 

E fein air a chrann ; 

Feuchaidh a lotain, a's a chreuchdain, 

Gu'n d'thug e speis do'n a chlann ; 

'S feuchaidh cuinhachd ais-eirigh, 

Gur Esa e fein, a bh' ann. 

'So am Prionnsa, 'so an Slanaighear, 

'So Immanuel fèin ; 

'So carraig nan ailltean, 

'S an daingneach laidir ri feum ; 

'So an Ti tha toirt slainte, 

Do shiol Abrahaim gu leir ; 

'S an dream a dh'oil as a lanachd, 

Bithidh iad tearuinnte gach re. 

Sibhse tha caitheadh bhur storas, 
A ruith nan solasan faoin ; 
Thigibh nis, agus olaibh 
De 'n uisge bheo tha gu saor ; 
'S biadh gu firinneach m'-fheoil-sa ; 
Deir Righ na gloir ri clann dhaoin', 
'S is abhainn lan deth gach solas, 
An fhuil chaidh dhortadh a thaobli, 

! sibhse tha ri saoithair ; 
Thigibh, is aomaidh 'ur cluas ; 
Cha'n 'eil ni tha o dhaoine. 
Nach eil gu saor aig an Uan ; 
Togaibh chuing-san tha aotrom, 
Agus foghlumaibh uaith ; 



33 

'S e creidsìnn ann mar Fhear-saoruidh* 
Bheir air an t-saoghail so buaidh. 

Bheir e buaidh air an fheoil daibh 

'S togradh gorach chlann daoin ; 

Air ardan, 's air morchuis, 

'S air na solasaibh fcoin ; 

'S ni e an inntinn a threorach' 

Chum bhi beo air a ghaol ; 

Ann an dochas a ghloir-sa, 

Air an d'thug e coir dhaibh gu saor. 

Is e dochas a ghloir-san 
Chumas beo iad 's gacb cas ; 
'S gus an d'theid iad thar Iordan, 
Bithidh an dochas a fas ; 
'Nuair bhitheas dochas an f hirean ; 
A toirt sith aig a bhas ; 
'S an bhitheas dochas a chealgair, 
A dol air falbh uaith mar sgail. 

'Nuair thig a chuis agus an deuchainn, 

'S mor am feum bhitheas air gras, 

Mur bi na fior nithe f&n ann, 

Cha bhi feum ann an sgail : 

Ged bhitheas cealg-f hearaibh mor, 

A cumail cleoc orra an trath-s' ; 

Cha d'theid a h-aon dh'ionnsuidh gloir 

dhiubh, 
Tha Iehobhah ag radh. 

Cha b'urra an t-aingidh bhith beo, 

'S an rioghachd ghlormhor tha shuas ; 

O'n bhitheadh inntinn cho feolmhor, 

Lan morchuis, a's uaill ; 

Cha b'e gradh bhiodh 'ga threorach, 

'S cha b'urr' dha ghloir thoirt do'n Uan ; 

Cha mho thuigeadh e an t-oran, 

Tha na cheol dhaibh 's gach'uair. 

c 



34 



CCIGRICH. 



O, is mithich dhuinn gluas'd, 

Agus siubhal gu luath, 

Cha bhi ar laithean ro bhuan fo'n ghrein , 

'S coigrich sinn a's luchd cuairt, 

'G iarraidh an duthaich tha shuas, 

Tha ar dachaich, a's ar duais air neamh. 

'S fasach ulartaich, thruagh, 

Anns am bheil sinn air chuairt, 

Cha'n 'eil fois dhuinn, na suaimhneas ann •, 

Ach tha ar suilibh riut fein 

Tha air neimhibh nan speur, 

Thoir oirn' gu'n ruith sinn an reis gu ceann. 

'S ann air t-ainm bhitheas sinn luaidh, 
'S ma bhitheas tu leinn bheir sinn buaidh, 
Ged robh an saoghal 'gar ruag gu teann ; 
Dh'aindeoin Pharaoh, 's a shluagh, 
Theid sinn thair a mhuir ruadh, 
'S bheir sinn tuille a's buaidh aig a cheann 

Is ann a tha sinn 'san uair s\ 

Mar long air a chuan, 

Measg nan tonn a ta uabhrach, ard, 

Ach 's treise an Ti sin tha shuas, 

Na tuiltean droch shluaigh, 

'S tu chaisgeas am fuaim 'nuair is aill. 

'S tu bheir ardan an gnuis, 

Gu tamh ghabhail 'san uir, 

'S theid an aillteachd air chul gu leir ; 

Ach do 'd phobull bochd, bruit ; 

Bitheas tu fèin air an cul, 

'S le do ghras ni thu'n stiuradh 's gach ceurr. 



35 

O ! stiuir sinn le d' ghras, 

Gus an ruig sinn an t-ait, 

Anns am bi sinn gu sabhailt bee ; 

Far nach bi sinn gar luasg, 

A' dol thuige a's uaith, 

Mar long air na cuaintibh mor. 

Tha ar truailleachd fèin, 

A ghnath ruinn a striobh, 

\S toirt oirne bhi sgith deth 'n f heoil ; 

A's luchd ait each ar tir, 

Nach d'thug gradh dha ar Righ, 

*S ann tha 'n naimhdeas a sior dhol am moid 

Nam b'ann 'sa bheatha so a mhain, 

Bhiodh ar suil ri do shlaint, 

*S sinn bu truaighe do chach gu leir ; 

Ach ma 's ann thall o'n a bhas, 

Fhuair sinn dochas ni's fearr, 

! S sinn is sona tha'n dras fo'n ghrein. 

Is mor ar sonas r'a luaidh, 

Seach na traillean bochd, truagh, 

Tha ga 'd aicheadh le gluas'd mi-naomh ; 

'S e sud is cainnt dhaibh gach uair, 

A Righ na gloir imich uainn, 

Cha'n aill leinn eolas air 'd'bhuaidhibh naomh 

Ach rinn thu ionnmhas gu leoir, 

Thasgaidh suas ann an stor, 

Do*n dream a ghluaiseas air choir a'd' dheidh 

Dhaibhs' is fearr sud gu mor, 

Na bhi toileach na feol', 

'S luidh sios ann an bron fadheoidh. 

B'f hearr an roghainn rinn Maois, 

Air teachd dha-san gu aois, 

Ghabh e amhgar maraon ri d' shluagh ; 



36 

Dh v f hag e 'n Eiphit 7 sa maoin, 

Ma' ri solasaibh faoin, 

'S chum e shuil air luach-saoithraich buan. 

Is ann trid amhgara mor, 

Searbh do fhuil a's do f heoil 

Chaidh 'n dream tha nis ami an gloir a seinn , 

*S ma gheibh sinne dheth coir, 

Thoir dhuinn foighidinn Ioib, 

'S an uine ghoird bithidh 'm bron 'nar deigh. 

'Nuair a dh'f huilinneas sinn tair', 

Agus masladh a's cul-chain', 

Is ged' bhagair iad bas bhitheas cruaidh ; 

Ma bhitheas e uiie air do sgath-sa, 

Bithidh ar n-aoibhneas a fas, 

Air son gu'n d'f huair sinn an gras so uat. 

'S fearr na'n saoghal-s' gu leir, 

Bhi ann an aonachd riut fèin, 

'n nach fag thu, a's nach treig thu chaoidh , 

'S tu a shaoras do threud, 

Le do ghairdeanaibh treun, 

'S bheir gach aon diubh dhuit geill mar RigL 

Is fearr aon latha ann do chuirt, 

A faghail sgeul air do chliu, 

Na mile latha ri sugradh baoth ; 

Tha beatha, slainte, agus iul, 

Ann an dealradh do ghnuis, 

'Nuair ni thu sealltainn de d' suilibh blath. 

Deonich dhuinne, anns gach cuis, 

k bhi fantainn riut dluth, 

\'s gheibh sinn neart uat as ur gach lo ; 

A's àn uair bhith's peacaich gun iul, 

à tilgeadh t-aitheanta air chul, 

Thoir dhuinn an coimhid le curam mor. 



Le braithriabh do bheul, 

Dean ar stiuradh 's gach ceum 

Chum air seachran nach d'theid sinn uat ; 

Ni e call air do threud, 

'S bheir do naimhdean toi-bheum, 

Ma's e a's gu'n sleamhnaich ar ceumaibh uaÌDn 

Cum ar n-anamaibh beo, 

'S ann do t-ainm bheir sinn gloir, 

A's is iad do statuin ar ceol anns gach am ; 

Gus an ruig sinn a ghloir, 

S' am bheil aoibhneas gu leoir, 

'S cha bhi h-aon deth luchd do-bheairt ann. 

Na cuimhnich mionaid do chach, 
Na rinn iad oirne air do sgath, 
S ann rinn an fhoirneart aca sta do d' chlann ; 
A's a reir saibhreas do ghrais, 
Dean an dusgadh an trath 
Tha iad na'n codal air bharr nan crann. 

Thoir dhaibh teicheadh gu luath, 

'S na h-uile leth-sgeul chuir uath, 

Dh' ionnsuidh an Ti thug a bhuaidh air a bhas ; 

'S ged' robh sinne ann san uaigh, 

Far nach cluinn sinn orr' luaidh, 

Thoir dhaibh eolas air fuaim na slainte. 



AN DACHAIDH BHUAN. 



\ìr dhomh bhith sealltainn air saoghal truagh, 
Chi mi caochladh tighinn air gach uair 
Chi mi daoine cuir an cul rium, 
*S a dol gu dluth chum an Dachaidh Bhuan. 



38 

Tha Sean a's og a dol sios do 'n uaigh, 
Air lag a's air laidir tha'm bas a toirt buaidh , 
'Nuair thig an t-am dhaibh an saoghal f hagai), 
Ma's tinn na slan iad, cha tamh iad uair. 

Ach 's rabhadh mor sud do chach deth an t-sluagh 
'S is mithich dhomhs' gun chuir fada uam ; 
Tha rabhadh garbh ann bhi deas gu falbh as, 
O'n tha'n tigh talmhaidh gu tighinn nuas. 

Ach 'nuair a chi sinn, le'r sealladh sul, 
An corp a pilltinn a dh'ionnsuidh an h-uir ; 
Tha 'n t-anam priseal a' dol ris, gus 
Am faigh e bhinne o High nan dul. 

'N sin gheibh e duais aig a chaithair mhoir, 
D'a reir mar ghluais c an tir nam beo ; 
Theid e air ball 's ann dh'ionnsuidh suaimhneas, 
Air neo theid f huadach a dh'ionnsuidh bron. 

! dhuine, smuainich air so 'na thrath, 
Ma's ann deth an t-sluagh thu ata gun ghras ; 
Cha'n f hac, 's cha chuala tu ni co uamhasach, 
His an t-sluagh sin a tighinn 'na lathair. 

An lathair an Dè bhitheas na bhreitheamh mor, 
'Nuair a dh'f hoillsichear e 'na ghloir ; 
Bithidh an dream a roghnaich e deanamh eibhneas 
'S ni uile threubha na talmhainn bron. 

! anam, rannsaich nach bi thu cli, 
'S ann thig an call ort ma theid thu'n di, 
Caillidh tu an solas tha'n Righ na gloire, 
A's air do dhoruinn cha'n f haic thu crioch 

Ach rannsaich curamach ann an tim, 
Dh'f heuch am bheil thu air do bhreith a ris ; 
'S ma tha, cha churam nach dearbh do ghiulaa. 
Gur creutair ur thu th'air faotuinn sith. 



39 

Ach na cuir dochas am briathraibh faoin, 
Ge d' fhaigh thu seoladh o chuid de' dhaoine' ; 
A labhras moran mu thimchioll trocair, 
'S iad fèin gun eolas air nithibh naomh. 

A dh'ionnsuidh Bhiobuill ruith gu luath, 
Dh' f heuch am firinnich e do ghluas'd ; 
A's ma their an f hirinn sin ruit gur firean thu, 
Bheir sith dhuit nach d'thoirear uat. 

Ach ma's ann cli tha thu, so an uair, 
Gu tighinn direach dh'ionnsuidh 'n Uain ; 
Dh'ionnsuidh an Ti sin thug suas an iobairt, 
Leis 'm bheil sith air a toirt rau'n cuairt. 

Na smuainich dail a chur anns a chuis, 

Tha latha na slainte dol seachad dluth ; 

*S mar bi thu trath anns an daingneach laidir, 

'Nuair thig am bas ort, bithidh an dorus duinnt'. 

A's bithidh tusa ris ann an doimhneachd truaigh, 
A caoidh gu siorruidh 'sna piantaibh cruaidh ; 
Slan le solas ! tha bron gun chrioch ann, 
A's thus' a ris aig an Dachaidh Bhuan. 

Ach ma's firean thu thuig am fuaim, 
'S do'n do rinneadh priseal an Ti thug buaidh ; 
Tha 'g iarruidh imeachd an ceum na firinn, 
A's t-aighaidh direach air Sion suas. 

Cha choir dhuit fèin a bhi deanamh uaill, 

Ma tha thu 'g eisdeachd ri guth an Uain ; 

'S ann thug e fèin ort gun chreid thu 'n sgeul air ; 

'S gach ni rinn feum dhuit 's ann uaithe f huair. 

Na h-uile cuis anns am bi ort feum, 
'S e fantuinn dluth ris, fo sgail a sgeith, 
Bheir ort gu'n giulan thu h-uile cuis dhiubh, 
'Nuair bhitheas do shuil, ris na dh'f huilinn o 



40 

'Nuair bhitheas tu a leubhadh mu Righ na Gloir, 
A dh 1 f huilinn deuchainnean air gach doigh ; 
Cha'n 'eil trioblaid, no bron, no eigheachd ann, 
Kis nach d'fheuch e an laithean fheoil. 

'S nis ge ard e aig deas laimh Dhè, 
Tha shuil a ghnath air a chairdibh fèin ; 
Na'n uile theanndachd tha e fo amhghair, 
A's tha e teann orra an am gach feum. 

Tha sud da riridh na mhisneach mhoir, 
D'on dream tha dileas air taobh a ghloir ; 
Gur e an Ti sin tha dhaibh na dhidean, 
A bheatha, an fhirinn, agus an ROD. 

A's ged tha cbairdean an so air chuairt, 
Bheir e an aird iad, a 's gheibh iad duais ; 
'Nuair thig am bas theid iad suas gu Parras, 
'S bithidh iad gu brath aig an Dachaidh Bhuan. 



AN DEAGH SHAIGHDEAR. 

Is trie a chunnaic, 's a chi ; 

Mi daoine' an t-saoghail gun sith, 

Le bhi cogadh, 's a stri ri cheile ; 

Ag iarraidh airgiod a's oir ; 

Ag iarraidh onair a's gloir, 

Ged theid iad seachad mar neoil nan speuraibh. 

Ach 'sann tha'n saibhreas gun di, 

Aig deagh shaighdearean Ios', 

Gheibh iad neart anns gach ni mar bhith's feum air; 

A's 'nuair a choisneas iad buaidh, 

Is mor an sonas, a's an duais, 

Gheibh iad oigbreachd tha shuas 'sn» neimhibh. 



41 

Ma's ami deth shaighdearean thu, 

Feuch gu'm foillsich thu chliu, 

O'n tha e fèin air do chul, bi treubhach ; 

'S theid thu dhachaidh le buaidh, 

Fo ard bhratach an Uain, 

Dh'aindeoin feachd agus sluagh na h-Eiphit 

Ga d'robh an Saoghal 'san f heoil, 

'S moran dhaoin' air do thoir, 

Agus Satan toirt ordugh geur dhaibh ; 

Dh'f heuch am faigh iad thu an sas, 

A cleachdadh innleachdan bais, 

Leagadh lin anns gach ait do d 1 cheum'aibh. 

Ach na gabh eagal gu brath, 

Tha do Righ air do sgath, 

Thoir thus' urram, a's gradh, a's geill dha ; 

'S bheir e neart dhuit, a's treoir, 

Nach d'thig do naimhdean a'd' choir, 

Leis an armachd a sheol e fèin dhuit. 

Ach seas a' daighnean 's gach tim, 

Ann an Soisgeul na sith, 

Agus crios ort dhe'n f hirinn cheudna ; 

A's gluais gu treubhach, briagh, 

Ann an eagal a's am fiamh, 

'S ni e d' bhroilleach a dhion mar uchd-eididh. 

Cum do dhochas gu teann, 

Ris a ghloir a bhitheas ann, 

'S ni sud mar chlogad do cheann a' chuibhrig, 

Agus creidimh nan naoimh, 

Bitheadh na sgiath dhuit a chaoidh, 

'S cha d'thig saighead a'd' thaobh nach much e 

Deagh-lion do chridhe le stoir, 
Dheth ni is priseal na'n t-or, 
Focal firinn Iehobhah, 's eisd ris ; 



42 

'S 'nuair bhitheas Satan ri saothair, 
Chum do tharruinn a thaobh, 
Bithidh sud na chlaidheamh da-fhaobhair geur 
dhuit. 

'Nuair bhith's tu amiaicht' mu'n cuairt, 

'S tu ri caithris gact* uair, 

Lean t-ard-cheannard gu buan, a*s na treig e ; 

'S an uair a chluinnetts tu ìuaidh. 

GJu'm bheil a bhratach dol suas, 

'S raithich dhuitsa bhi gluasad a'g eisidh. 

A's bithidh e na charaid ri d' thaobh, 

'S i bhratach tharad an gaol, 

Dean thusa a leantainn gach taobh a theid e : 

'S ged do thuit thu 'sa bhlar, 

Gheibh thu aiseirigh 's fearr, 

'8 bheir e dhachaidh gu Parras Dè thu. 

Na gabhs 1 eagal 'san am, 
Gur aireamh bheag dhibh a th'ann, 
Ann coimeas ri camp na h-Eiphit ; 
Ma 'se 's nach brist iad 'ur ranc, 
Cha'n f haigh iad sibhse ann am fane, 
Ma bhitheas sibh dileas an ceann a cheile. 

Ma bhitheas sibh dileas a's dluth, 

Bheir bhur Righ dhuibh an crun, 

An uair a chi sibh a ghnuis mar tha e ; 

A's an uair thig la an Raviu, 

Srheibh sibh onair a's cliu 

Nach d'theid tuille air chul gu brath dhuc'.bh 

'Nuair thig Caiptean 'ur slainte, 
Bithidh sud agaibh na lathair, 
Gloir a's onair a's fabhoir siorruidh ; 
'Nuair bhitheas na creutairean baoth, 
Nach do gheill dha na thrath. 
Air an iomain gu brath as fhianuie 



43 

Ged d' chuir e sgail air a ghloir, 

'Nuair ghabh e fuil agus feoil, 

Thig e fathast le moran eibhneas ; 

Thig e fathast mar High, 

Le dheich miltibh dheth naoimh, 

'S cha bhi rioghachd, no righ, nach geill daa 



AN TURUS 

'S iomadh mulad a's bron, 

Bha'n cois mo thuruis chum gloir, 

Fhuair mi milis ri'n ol, a's searbh ; 

Ach 's tu-s' Ard-Righ na gloir, 

A thug nach d'fhailnich mo threoir, 

? n bha t-fhabhor dhomh mor gu dearbh. 

Fhuair mi aoibhneas gu leor, 

A's laithean soilleir, gun neoil, 

Le bhi fantuinn ad choir a gluasad ; 

Ach 7 s e am peacadh thug orm bron, 

T S ciochan seasg bhi gun deothal, 

'S iad sud bha seasamh, mar neoil, mu'm chuairt 

Air dhomh sealltainn san am, 

Air mo shlighibh 'sa ghleann, 

'S air na ceumannaibh cam anns do ghluais ; 

Bheir so eolas dhomh aim, 

Nach eil do throcairean gann, 

S gun chomhnuich thu teann gus an uairs'. 

Fhuair thu'n toiseach mi m thraill, 

Aig a pheacadh 's aig a bhas, 

Leanabh feirg 1 mar bha each de'n t-sluagh 



44 

Aig mo naimhdibh an sas, 
Ann an ceanglaichean bais, 
"S iad ga m' mhealladh gach la gu truagh. 

Ach o'n runich thu, Righ, 

Nach rachainns' an di, 

Ghlachd thu greim dhiom, a's mi air a bhruaich 

'S air dhuit sgaoiladh an lin, 

'S ann f huar mi saorsa, agus sith, 

'S thionndaidh m'aghaidh air Sion shuas. 

Bu bheag m'eolas 'san am, 

Ach 's tu bu chomhnadh dhomh ann, 

Ga mo threorach trid ghleann nan deoir ; 

'S mur bhith gun ghreas thu mi teann, 

'Naair bhithinn leasg agus fann, 

Cha robh mo shiubhal ach mall 'san rod. 

'S e dh'f hag mo shiubhal cho mall, 

'S iomadh leoghan a bh'ann, 

A seasamh romham mar bheanntan buan ; 

Ach le do leantuins' gu teann, 

Chunnaic mise aig a cheann, 

Nach b'e'n leoghan bh'ann, ach an t-UAN. 

'Nuair shiubhlinn da cheum, 

A's mo shuile riut fe*in, 

Bhitheadh an t-slighe dhomh reidh dol suas ; 

An sin bhithinn gu treun, 

'S bhitheadh mo chridhe rium reidh, 

A's thairneadh sud mi 'n ceumnaibh luath. 

Thairneadh sud mi gu ceol, 

Le bhi 'faicinn do ghloir, 

'Nuair a sgapadh nan neoil, le'n gruaim ; 

'S le bhi 'faicinn do ghaoil, 

A deanamh taice dhomh gach taobh, 

Bha mi 'faicinn 's a faotuinn buaidh. 



45 



'S mise a dh'aithnich mu thrath, 

'S f huair mi faireachd, no dha, 

Gur tu caraid a bh'f hearr a bh'ann, 

Gach neach 'sna chuir mi mo dhuil, 

Fhuair mi e mar chuilc bhruit', 

'S togaidh mise mo sliuil chum nam beann 

'S bithidh mi 'g urnuigh riut fèin, 

Oir tha mo naimhdean ro threun, 

'S tha iad uile gu leir air mo thoir ; 

Cuid mar leoghain toirt bheuc, 

'S cuid ri miodal le 'm beul, 

'S cuid 'g am folach fo sgeith mo chleoc. 

Ach o'n tha deuchainnean ann, 

Mar dh'fheuch thu da d' chlann, 

Na treig mi gu ceann an roid : 

O'n nach fhaic mi san am, 

Am bheil mi faisg air a cheann, 

No 'm bi mi fad ann an gleann nan deoir. 

Ma's e thachair ad run, 

Gu'n d'theid mi dhachaidh gu dluth, 

Dhionnsuidh fois ann an uine ghearr : 

Cum 'sa caithriseach mi, 

Chum 's gu'n imich mi'n sith ; 

'S e bhi maille ri losa is fearr. 

Aeh ma's e so th'ann do run, 

Gur eiginn fuireach car uine, 

O, bi fèin air an stiur 'ga m' sheoF ; 

'S cha bhi ataireachd thonn, 

Air nach marcaich mo long, 

'S thig mi tir 's ann air fonn do ghloir. 

Ma tha e feumail dhomh tamh, 

'S cuan deth dheuchainnibh shnamh, 

Deonaich pailteas dheth d ghras g-m di 



46 

Le Spiorad urnuigh gun dail, 
Chum nach teichinn o d' lathair, 
Mar rinn Tonah 'nuair chaidh e cli\ 

Na leig ormsa gu brath, 

Ni bheir oilbheum, no bas, 

Air neach idir thug gradh dha'n Uan ; 

No ni bheir misneach do chach, 

Dol air 'n aghaidh gu dan, 

Gus an coinnich iad bas a's truaigh. 

'S ma bhitheas roinnean gun f heum, 

Am measg na cloinne 's leat fèin, 

'S iad le 'n doille, 's le 'n eud, toirt claoidh, 

Bacadh aonachd a cheil', 

Sgapadh caorich do threud, 

Ris an dubhairt thu fèin do naoimh, 

Deonuich dhomhsa a bhi reidh, 
Ri luchd t-eolais gu leir, 
Ma tha'n dochas a reir do shlaint' ; 
'S cum mi cialach 's gach ni, 
Chum 's nach meudaich mi 'n strith, 
'S e bhi deanamh na sith as fearr. 

'S ann o aonachd a's sith, 

Gheibh sinn aoibhneas gun di, 

'S a bhitheas t-oighreachdsa a' sior thoirt 

buaidh ; 
'S e bhitheas taitneach, maraon, 
'S e bhitheas dearbhta do dhaoin, 
'S a dh'f heuchas do ghaol do'n t-sluagh. 

0, na treig mi 'sa chuis-s', 

Ach dean fèin dhomh an t-iul, 

'S cum mi iriosal, ciuin, mar bu choir ; 

'S pill mo shuilean o shannt, 

'S o gacl curam a t' ann, 

'S trie a chiurr iad do chlann, 's a leon. 



47 



O'ii tha curam gun sta, 

Teannadh dluth rium gach la, 

Cum mo shuil ris an Ard-Rhigh mhor ; 

Bheir air na lili bhi 'fas, 

Anns a mhachair fo bhlath, 

*S cha robh Solamh co aillt ann na ghloir. 

Chi mi eunlaith nan sliabh, 

Nach saoithraich, 's nach sniomh, 

'S iad eudaicht gu sgiamhach, blai K s 

'S ge d' nach taisg iad an loin, 

'S nach 'eil aca tigh-stoir, 

Gheibh iad pailteas gu leor o d' lamh 

O'n 'se do churams' is fearr, 

Tarruinn dluth mi le d' ghradh, 

*S bithidh mi 'n duil riut gu brath nach 

f S teichidh curam is cradh 

'S bheir iad umhlachd dha d' ghradh, 

Air dhomh suil thoirt air aird, 's a leud. 

B'e sud dochas gach aon ; 

A fhuair eolas do ghaoil, 

'S e bu cheol doibh gradh saoraidh an Uain ; 

'S ge d' bha iad beo air a ghaol, 

'S ge do dh'ol iad deth taom, 

Tha ni 's leor ann, cha do thraogh iad an cuan. 

'S ma bhitheas m'inntinns' ag tamh, 

Ann an innleachd na slaint, 

Gus an criochnach mo la le buaidh ; 

Theid mo thogail do'n ait, 

*$ am bheil tobair na slaint, 

0'in bheil na sruthanna blath teachd nuas. 

S bithidh mo dhachaidh 's a ghloir 
'S nach d'theid baca' air mo cheol ; 
Gheibh mi cupan ri ol gu cian, 
'Sam bi m'fhior-uisge beo. 



48 



Thig o'n Righ-chathair mhoir, 

'S cha d' theid a mheasgadh le bron feadh gach ial 



GARAIDH EDEIN. 

Nach truagh leibhse mar dh'eirich, 
An garaidh Edein do'n t-sluagh ; 
Le cuilbheartan Shatain, 
Mheall Eubh' agus Adhamh, 
Cum umlachd thoirt dhasan, 
An aghaidh Ard-Righ nan sluagh ; 
'S thug sud doruinn 's gach ait dhaibh, 
'S fhuair am bas orra buaidh. 

Thug e'n naomhachd 's an gloir dhiu, 

Thug 's an eolas a's an iul ; 

'S ge d' bu mhor an cu?d solais, 

Chaill iads' an sin coir air, 

Bha cheartas an toir orra, 

'S chaidh a throcair air cul ; 

A's mar d'thigeadh Slanaighear glormhof, 

Bu ro bhronach ar duil. 

Ach thainig sgeul aoibhinn, 
A chum nam braighdean bha'n sas : 
Thainig Iosa, le solas, 
Chum an saoradh o'n doruinn, 
A's ®'n sheas e'n coir dhaibh, 
Chaidh Esa a leonadh na'n ait-s' ; 
A's tha firinn a's trocair 
Air comhlachadh na bhas. 

Nach aoibhinn an sgeul 

Tha ga leubhadh do'n t-sluagh ? 



49 

Gu'n d'thug Iosa lan-dioladh, 

A thug do cheartas sar-riarach, 

A's le firinnteachd shiorruidh 

Gu'n d'thug e sith-chainnt mu'n cuairt 

A's on phaidh e na fiachan 

Co ris dh'iarras feich uainn ? 

'S an dream a chreideas an f hirinn, 
Bheir e ris iad o'n truaigh ; 
Bheir e solas a's sith dhaibh, 
'S bheir e dochas a ris dhaibh, 
Ris a ghloir tha neo-chriochnach, 
Anns an rioghachd thu shuas ; 
'S bithidh na creutairean naomh sin, 
Do'n Fhear-shaoraidh mar dhuais. 

Sibhse a chreid an sgeul aoibhinn 
'S a rinn e saibhir le ghras ; 
Feuch gu'n gluais sibh gu dileas, 
Anns gach ceum mar rinn Iosa, 
Mar is cubhaidh do'n f hirinn, 
A's do rioghachd a ghras ; 
Ann an eud, a's ann an naomhachd, 
Ann an aonachd, a's an gradh. 

Na bitheadh mi-run, no farmad, 
Na bitheadh seannachas gun bhrigh ; 
Na bitheadh diteadh gun dearbhadh, 
'S na bitheadh strith no eud searbh ann, 
Am measg nam firean a ta 'g ainmach, 
Gu'n d'f huair an anamanna sith ; 
A's bitheadh an teo-chridheachd cairdeal 
Le gradh brathairel 's gach tim. 

Ge do tha sibh 'san trath-sa, 

Ann am fasaich bbochd, fhuar; 

Air bhur cuartaeh le trioblaid, 

A's am peaeadh a 1 strith ribh, 

Ma 's e a's gu'n gleachd sibh gu dileas 

D 



50 

Trid losa bheir sibh buaidn \ 
S an uair thig e chum slainte, 
Ni sibh gairdeachas buan. 

Ni sibh gairdeachas siorruidh, 
'Nuair thig losa ann a ghloir ; 
Bithidh a ghnuis mar a ghrian dhuibh, 
Mar mhaduin chiuin an deigh sianntan, 
Theid bhur dusgadh 'na iomhaighs', 
A's bith' sibh sgiamhach gu leor ; 
As eugais peacadh no truailleachd, 
Theid sibh suas na chomhail. 

'Nuair thig e ris bheir e a shluagh leis, 

Dh'ionnsuidh suaimhneas a's gloir ; 

A meud 's a luidh anns an uaigh dhiubh. 

'S an dream a choidil 'sa chuan diubh, 

Bheir e o'n deas a's o'n tuath iad, 

'S theid iad suas air na neoil ; 

An sin slan le truailleachd 's mi-naomhachd, 

An sin slan le saoghal nan deoir. 

'Nuair a shuidheas an Ti ud, 

Air a Righ-chaithair mhor, 

'S thig gach creutair 'na f hianuis, 

A dh'fhaighail reir a's mar bha 'n gniomh'ra, 

Thig talamh 's neamh a thoirt fianuis, 

Gur ceart a riaghlas e'n slogh ; 

'Nuair ni e 'n t-aingidh a dhiteadh, 

'S a bheir e'm firean chum gloir. 

An sin gheibh na firinnich fabhor, 
Ann an lathair an t-sluaigh ; 
'Nuair their iads', so ar Slanaighear 
An sin, cha dean e sa 1 aon diubhs' aicheadh 
Their e riubh sibhsa mo bhrath'rean, 
Sibhs' mo cairdean 's mo shluagh ; 
Siubhlaibh dh'ionnsjiidh na h-oighreachd, 
Anns am bheil aofbhneas bith-buan. 



51 



An sin bithidh iads' air an tearnadh, 
gach bas, a's o'n uaigli ; 
Siubhlaidh iad le luath-ghaire, 
'S iad neo thruaillidh, 's neo-bhasmhor, 
Theid iad gu luath dh'ionnsuidh 'n arois, 
Anns am bheil lathaireachd an Uain : 
'S bithidh iad a' seinn an sgeul aoibhinn, 
A shaor na braighdean o'n truaigh. 



ORAN GAOIL. 

Togaibh, naoimhaibh, luath-ghaire, 

Deanaibh gairdeachas ur ; 

0' fhuair sibh bhi'n fabhor, 

Ri Ard-Righ nan dul ; 

O'n shaor e o'n bhas sibh, 

'S o'n trail ieachd bu mho ; 

'S gu'n d'rinn e sgiamhach le shlaint' sibh, 

Thugaibh dhasan an cliu. 

Na'm b'e gu'm b' urrainn mi cainnt air, 
Thug e gradh dhuibh bha mor ; 
Chaidh e seachad air Ainglibh, 
'Nuair a chaill iad an gloir ; 
S' ghabh e greim deth shiol Abraim, 
Chum a's gu'n tearuint' iad leis beo , 
A's rinn e sgiamhach le shlaint iad, 
O'n bha ghradh dhaibh cho mor. 

So an gradh tha gun samhladh, 
'S nach do rannsaich neach riamh , 
Cha b'e cairdean, ach naimhdean, 
Ann an cainnt 's ann an gniomh ; 
Cha b'e dream a bha araidh 



52 

Ach na traillean nach b'f hiach ; 
A rinn e sgiamhach le shlainte, 
O'n bha ghras dhaibh cho fial. 

Ma's neach thu th'air do naomhach', 

Faic a ghaol tha gun cheann ; 

'Nuair chaidh fhoilseach 'san t-saoghail-s 1 , 

'S e t-Fhear-saoraidh a bh'ann ; 

Mu'n d' fheud e do thearnadh, 

Fhuair e 'm bas air a chrann ; 

S o'n rinn e sgiamhach le shlaint' thu, 

Thoir do ghradh dha 's gach am. 

Fench gu'n lean thu a cheum' na, 

Mar rinn Enoch a's Pol ; 

'S na h-uile aon a thug speis dha, 

Cha b'ann dhaibh fein bha iad beo ; 

Cha sgaradh beatha, no bas iad, 

Ard-Righ na gloir ; 

\S gu'n d'rinn e sgiamhach le shlaint' iad, 

O'n bha ghradh dhaibh cho mor. 

'S thuirt an te fhuair cinnt air, 

'S a bha 'ga innseadh gu saor ; 

Sgapaibh ubhlan mu m' thimchioll, 

Oir tha mi tinn, 's ann le gaol ; 

Tha mo chridhe air failinn, 

O'n bha ghras dhomh cho saor ; 

'S gu'n d'rinn e sgiamhach le shlaint' mi — 

'S e mo Shlanaighear caomh. 

'S e thuirt nigheana 'n t-saoghail-s\ 
Ma 's e ghaol thug ort buaidh ; 
Innis dhuinne ciod an t-aobhar, 
Ma'm bheil do ghaol dha cho buan ; 
Chunnaic sinn e 'san f ha>ach, 
'S 'se bu taireil deth an t-sluagh ; 
Cha robh sgiamh ann, no ailteachd, 
'S ghabh e tamh anns an uaigh. 



53 

! nigheana gaolach, 

'S ann na aodanns' bha ghloir : 

'S e dh'fhag sibhse gun speis dha. 

Nach bu leir dhuibh fo 'n chleoc ; 

'Nuair a ghabh e ar nadur, 

Thug sud sgail air a ghloir ; 

Ach chunnaic mis' e ni bu sgiamhach, 

No ghrian troimh na neoil. 

Chunnaic sibhs' e gu taireil, 
'S e dol gu tamh anns an Uaigh ; 
Ach chunnaic mis' e ag eiridh, 
'S ann aige fèin bha bhuaidh ; 
Chunnaic mis' e gu glormhor, 
Air na neoil a dol suas ; 
'S ann air deas-laimh na morachd, 
A tha e chomhnuidh gu buan. 

'S maisich e na clann-daoine, 
Ann an naomhachd gu mor ; 
'S ann da tha ainglean ag aoradh, 
'S lion e 'n saoghal le ghloir ; 
Fhuair mi beat ha agus siochaint, 
Ann am firinn a bheoil ; 
'S e mo ghradhsa Righ Shion, 
'S tha 'n t-slat rioghail na dhorn. 

Mun an d' f hag e an tir so, 
Bha e firinneacn learn ; 
'S fhuair mi chomhairlean dileas, 
'S iomadh ni thuirfc e ruim ; 
Fhuair mi gheallana priseal, 
Na'm bithinn dileas gach am; 
'S tha mo dochas as fhirinn, 
Ise mo Righ e 's mo cheann. 

Thubhairt e rium, tha thu an saoghal 
A bhitheas ri caochladh gach uair ; 
Feuch nach meall iad do ghaol uam, 



54 

'S mis' a shaor thu o'n truaigh ; 

'S mis' a cheannaich o'n bhas thu, 

\S daor a phaigh mi do luach ; 

'S ma bheir thu umhlachd a's gradh dhoraii, 

Sud amhain na bheil uam. 

Ge do tha mi ga d'f hagail, 

Anns an f hasach air chuairt ; 

Tha mi 'g ullachadh ait* dhuit, 

Anns an aros thu shuas ; 

'S ge d' robh trioblaidean craiteach, 

'Ga do sharach car uair, 

Le ainglibh mo lathairachds', 

Bheir mi tearuinte thu suas. 

Tha mi 'g innseadh sud trath dhuit, 
'S ann is fearr bheir thu buaidh, 
Gu'm bheil fearg air an Dragon, 
O'n a ghradhaich thu'n t-UAN ; 
A's gheibh thu diomb' o do chairdibh* 
Ach gheibh thu gairdeachas uams' ; 
'S biths-s' ri caithris a's urnuigh, 
Gus an tuirlinn mi nuas. 

Shlanaighear Ghrasmhor ! 

'S tu is fearr dhomh tha beo ; 

'S an uair a chuimhnich's mi t-fhabhor 

Tha m 1 aobhar gairdeachas mor ; 

'S cha 'n e idir bhi taireil, 

Air do sgaths' rinn mo leon ; 

Ach se mo ghiulan mi-rianail, 

Is trie a mheudaich mo bhron. 

'Se mo pheaca a's m' eas-umhlachd, 

A dh'f hag bruite mi chaoidh ; 

'S gur ann 'leigheas mo chreuchdain, 

A cheus iad mo High ; 

Chaidh t-f huil phriseal a 'thaomadh 

Air son gach aon deth do naoimh • 



55 

'S e sud an gaol rinn mo chiurradh, 
A's rinn do shuilean mo chlaoidh. 

Ach o'n dh'fheuch thu do gradh dhomh 
Na fasga mi a chaoidh ; 
Gus am faic mi na d' ghloir thu, 
'S cha bhi bron ann, na caoidh ; 
S 'nuair a thig an latha mor sin, 
A's saorsa ghlormhor do naoimh, 
Bithidh mise a deasach mo lochran, 
Gu dol an comhail mo Righ. 



TRDAIGH SHIORRUITH. 

'S trie a smuainich mi chairdean, 

Na'n rachadh agam air dan a chur sios, 

Grur ann air uamhas an Ard Righ, 

Agus saibhreas a ghrais th'ann an Criosd ; 

Dh'fheuch an duisgeadh e aireamh, 

Dheth an dream tha'n codal aig Satan an lion ; 

Tha 'g eigheach sith agus tearuinteachd, 

'S iad an cunnart gach la dhol an di. 

Ach tha mi faicinn mu thrath dheth, 

Mur d'thig cumhachd o'n aird oirne a nuas ; 

Gu'm fuirich iad mar a tha iad, 

'S nach bi h-aon diu gu brath air an gluasad, 

'Nuair tha neart agus slainte ac', 

Cha'n 'eil euimhne ac' air bas, no air truaigh 

'S 'nuair tha na nithibhs' 'ga am fagail, 

'S ann tha'n cridhe do ghnath dol n's cruaidh. 

dhuine gun eolas, 

Tha cuir cul ri Iehobhah, *s ri 'reachd ; 



56 

'N anns an t-saoghal, no'n storais, 

No'n ann an aighear na h-oige tha do hlachd 

Ma's ann tha t-inntinn-se feolmhor, 

'S tha thu fathasd an domblas do pheac' ; 

'S ma thig am bas air an doigh s' ort, 

'S eiginn duitse a bhi 'n doruinn gu beachd . 

No'n e coslas na diadhachd, 

Air 'n d' shocraich thu t-iartas gu leir ; 

A' feuchainn sgail ann am briathraibh, 

'S gun a cumhachd bhi riamh ort do reir ; 

Mur d' 'rinn eolas na firinn, 

Do thoirt a dh'ionnsuidh fuil phriseal mhic Dhè, 

Co fhad 's is leir dhomh o'n bhiobull, 

'S ann tha do thaice ri t-f hirinnteachd fèin. 

'S ma ghoideas am bas ort, 

Bheir e sios thu do'n aite 'sam bheil caoidh * 

'S co dhinnseas do charamh, 

Far nach d'thig furtachd gu brath ort, no faoidh ; 

Mur d'f huair thu gairdean co laidir, 

'S nach dean cumhachd an Ard~Righ do chlaoidh ; 

'S coir dhuit-smuaineach na thrath air, 

'S aobhar uamhais am bas do na daoi. 

Smuainich thusa air an truaigh, 

Tha feitheamh air an t-sluagh tha dol sios, 

A dh'ionnsuidh 'n doruinn bith-bhuan sin, 

'S dhaibh tuille cha dual tighinn a nios ; 

Na'm b'e gu'n tuigeadh tu an caramh, 

Their leam gun'n eigheadh tu os-aird,gun bhi sgith 

Aig radh, fheara, 's a bhraithraibh, 

Ciod an doigh air an sabhalar mi ? 

Na'm b'e 's gu'n tuigeadh tu trian 

Dheth na tha ri f hulang de phian, a's deth bhron. 

Anns an t-slochd tha gun iochdar, 

Fo chorruich an Dia sin tha mor, 

Cumaidh cumhachd neo-chriochnacli, 



57 

Anns na lasraichaibh dian sin thu beo ; 

Ged d' robh deatach am piantan, 

'G eiridh suas ann gu siorruidh mar cheo. 

Dh'ionnsuidh an dorchadas shiorruidhs 7 , 

Cha d'thig solus no grian ami gu brath ; 

S cha 'n 'eil solas ri iarraidh, 

Ach guil a's giasgan air fiaclaibh do ghnath, 

Cha bhi aighear, no ceol ann, 

*S cha bhi aon ann bheir solas do each ; 

'S cha bhi duil ann ri trocair, 

Ach gul, a's caoidh, agus bron feadh gach al. 

Is searbh an deoch tha ri h-ol, 

Aig an dream a bhasaich gun eolas air Dia ; 

Cuan feirg tha gun trocair, 

Teine, pronnasc, *s stoirm mhor dhiubh gun dion ; 

'Nuair thig na nithean sin comhlath, 

Bhitheas na'n tonnana beo feadh gach ial ; 

Gheibh iad sud mar am porsan, 

Lan cup deth 's gur leoir dhaibh a mheud. 

Ge bochd an gearan, 's ge truagh e, 
ànns a chuan sin nach fuarich ni's mo, 
Righ nan dul cha ghabh truas dhiubh ; 
'S e sud a gheall e mar dhuais dhaibh o thus ; 
Thuirt luchd nan cridheachan uabhrach, 
Co an Dia bheir nuas sinn do 'n uir ? 
An ti th'air neamh bheir e buaidh orra, 
'S ni e 'n ioman, 's am fuadach e ghnuis. 

Ma 's iad briathran na firinn, 

A tha mi nis air cuir sios ann mo dhan ; 

'S ann tha druigheachd da riridh, 

Air neach nach seall aim an tim air son slaint 7 ; 

Tha na laithean ro phrisail, 

Ag caithidh seachad, bheir sios iad gun dail ; 

'S chi iads' aig' a clirich, 

Gu'm bi chuis mar tha'm Biobull ag radh. 



58 

Ach nise gu co-dhunadh, 

Bheiream comhairle le durachd 's le gradh, 

Do'n dream tha fuireach gun churam, 

Anns an t-slighe do'n duchas am bas ; 

lad a philltinn gu dluth aist', 

Dh'ionnsuidh Iosa o'n 'se Ughdar na slaint . 

'S esa' a dh'ol anns chupan, 

Meud an doruinn nach giulanadh each. 

'S an dream a chuireas an duil aim, 

Agus aig a bheil suil ris chum slaint', 

Kinn e'm peacadh a ghiulan, 

r S thug e dioladh le umhlachd chum bais, 

'S air a mheud 's gan d'thig dluth dha, 

Cha chuir e uaith iad, 's cha dhiult iad le tair ; 

S ann ni e an saoradh o'n doruinn, 

'S bithidh gach aon diubh toirt gloir dha gu brath. 



STAID NADUIR. 

'S e dhinnis Dia na firinn duinn, 

Muir beirte ris an sluagh, 

Nach fheud iad dol d'a rioghachd-sai^ 

'S tha sud na firinn bhuan ; 

Mur bi iad air an naomhachadfaj 

Cha'n fheud iad a dol suas, 

A dh'ionnsuidh an arois sholasaich , 

Anns am bheil gloir an Uain. 

'S ma tha mi cuir mo sheula ris, 

Gur eigin da bhi fior, 

'S coir dhomh an cor a leughadh dhaibb^ 

f hocal De* ata sgriobht', 

A's ge d 7 dhiult iad eisdeachd ris, 



59 

[No geill thoirt do'n Rig**, 

Gu cinnteach 's comhar bronach e, 

Mur doirt mi mach mo chri. 

"3e chuimhnich ban-righ Ester dhomh, 

Aon dleasdanas bha fior. 

Cha'n f heudadh i bhi suaimhneach. 

A's an sluagh bhi dol an di ; 

'S le trasg a's le urnuigh bhuaidhaich i, 

A's f huair i run a cri ; 

T S cha d' sguir i dh'iarraidh fabhor — 

Gus an d' f huair iad fainne an Righ. 

! ma ta, dean trocair oirn', 
Oir is bronach cor ar tir, 
Tha'n sluagh a dhiobhal eolas — 
Air Iehobhah, tha na Righ ; 
'S tha blath na h-inntinn f heolmhor, 
G innseadh an stoir th'ann sa chri. 
Oeth tharcuis air a mhorachd san, 
ote bronach a bhith ga innse'. 

Tha breugan a's cul-chaineadh ann, 
l's mionnan laidir, mor, 
S tha mo^chuis agus ardan ann, 
A's grain ealachd gu leoir ; 
'S tha fanoid air luchd crabhaidh ann — 
Air teachd gu airde mhor, 
'S mhi naoimhaich iad do shaibhaidean, 
Righ is airde gloir ! 

Ach sud an ni tha nadurach, 
Do'n aireamh tha mi luaidh, 
Thuit iad an Adhamh, 
'S tha'm bas air faotuinn buaidh ; 
r S cha leum iad thair a gharaidh ud, 
Rinn Satan chuir rau'n cuairt, 
Mur brist thu le do ghrasaibh air, 
'S ! thig gun dail a nuas. 



60 

! cuimhnich, arm do thruacantachd, 

Gu'm bheil an sluagh gun treoir, 

'S iad marbh am peac', 's an euceartaibh, 

Gu leir o lathibh an oig' ; 

A's mur gairm thu iad gu h-eifeachdach, 

Cha'n eirich iad ni's mo ; 

*S mur cuir thu fèin gu gluasad iad, 

Cha dual daibh a thighinn beo. 

! seall nuas gu grad oirne, 

Tha sluagh na'n codal trom, 

A's bruadair iad bhith ailleasach, 

Air aite sleamhainn, lom, 

Air bruach a chuain a bhathas iad, 

Ma dh'fhailnicheas am bonn, 

'S mur saor thu, Righ nan dul iad, 

Bithidh an dusgadh 'measg nan tonn. 

Ach 's caoraich chaillte air seachran iad, 

Mar neach bhitheadh an ceo. 

'S fiadh-bheathachan na macharach, 

Gle acrach air an toir ; 

'S mur dean an t-Ard Bhuachaill sin 

An cuartachadh do'n chro, 

'S e am bas an ni is dualaich dhaibh, 

A's iad a smuaineach a bhith beo. 

Is mic struidheal da riridh iad, 

A rinn an ditheach fèin, 

A's chaith am maoin le striopachas, 

A's iad air dhiobhail ceill ; 

Ach, 1 cuir Thus' gu rannsach iad, 

Mu'n ruig iad ceann an reis, 

'S o gach seachran ceannsaich iad, 

Gu bhi na'n clann duit fern. 

Ach 's cnamhain tioram, fann iad, 
Tha na'n luidhe an gleann nan deoir, 
'S 'nuair bhitheas neach sealltuinn riu, 



01 



Cha gheall iad tighinn beo, 

Ach ma thig an fhaidhdaireachd, 

Le gras an spioraid bheo, 

Bithidh farum 'measg nan cnamhan sin, 

Tighinn blath le fuil is feoil. 

? S e clann na feirg fo'n diteadh, 
Their an f hirinn riu gu dearbh ; 
Tha mallachdan a Bhiobuill oirbh, 
'S iad sgriobhte le bagradh gharbh, 
'S i sud an staid tha doruinneach, 
Bhi malluicht' beo a's marbh, 
? S mur saor Thu High o'n diteadh iad, 
Gu einnt' bithidh chrioch dhaibh searbh. 

Ach cia mar dh'iarrain trocair dhaibh ? 

Mur leoir na chuir mi sios, 

Is naimhdean da do gloir-s' iad, 

Tha cuir t-orduigh 'n neo-bhrigh ; 

Cha'n 'eil an cridhe an toir ort, 

'G iarraidh eolas air do shligh', 

'S mar Shagart dhaibh cha'n aill leo thu, 

Bhi t-Faidh, no ad Righ. 

Ach so an t-aobhar gairdeachas, 
Gur h-aon ro ghrasmhor thu, 
Ni trocair 'nuair is aill leat — 
Air an aireamh th'ann do run ; 
'S cha leir dhomh aon cho graineil, 
*S nach fhaod gras an tarruinn dluth, 
'S bheir eolas air an t-Slanaighear 
Dhaibh beatha, slainte, a's iul. 

Tha farsuinneachd a's eifeachd, 
Anns an eiric chaidh thoirt suas, 
A dh'f hosgail dorus reidh 
Do gach creutair a ta gluasad ; 
Ge d' bhitheadh iad co aingidh, 
Ris na h-ainglean thuit gu truagh. 



t>2 

Ma tha nadur dhaoin' aca. 
Tha saorsa am fail an Ua\n. 

Tha fuil na h-iobairt reitich sio 
Aig eigheach air son sith, 
Do gach aon a dh'eisdeas ris, 
'S a gheilleas dha mar Righ ; 
Ge d' bhitheadh mile saoghal ann, 
Cha d'theid a h-aon diubh an di, 
Ma bhitheas iad air am faotuinn— 
Air an aonachadh ri Criosd. 

! ma ta, gabh truas dhinn, 

'S thoir thusa an sluagh gu geill, 

'S ionnlaid aims a chuan sin iad, 

O'n truailleachdaibh gu leir ; 

'S bitbidh mheud a's rinn thu throcair orra 

Na oran nuadh na'm beul, 

'S bithidh iad na'n cruitheachd ur dhuit, 

Bhitheas a' seinn do chliu gach re. 



ORAN DO'N T-SAOGHAL. 

'S iongantach thu Shaoghail, 
*S neo-chaomhail do ghnuis, 
'S mairg a bheireadh gaol duit» 
Is caochlaideach thu ; 
Mheall thu clann 'nan daoine 
Na'n saothair a's na'n duil, 
*S trie a gheall thu solas, 
'Nuair 's bron bh'ann do run. 

Mheall thu le storas, 
Le morchuis 's le cliu, 
A's anamhiann na feola. 
An oigridh co dhiu ; 



63 

'S an dream a f huair gu leoir dhiot, 
T S a dh'ol as'd gu d' chul, 
Cha do mheudaich thu'n solas, 
Cho raor 's a bha'n duil. 

Ach sgaoil thu do thoilinntinn, 
Gu m'inntinn a ghluasad ; 
'S mise a dh'f haodadh innseadh, 
Gu'm bheil t-innleachdan buan ; 
Gheall thu toilinntinn domh, 
Miltean deth dh'uair ; 
Ach mheall thu gu mor mi, 
A's solas cha d'f huair. 

Mur bitheadh gu'n d'f huair thu coir orm ; 

m'oige a nuas, 

Dh'f haodainn-sa bhi eolach, 

Air solasan buan : 

Bha'm fior uisge beo, 

Tighinn le solas mu'n cuairt ; 

Ach 's beag a f huair mi ol, 

Le do dhochasan truagh. 

'S f had a rinn thu Shaoghail, 

Mo shlaodadh mu'n cuairt, 

Mo chumail o'n Fhear-shaoraidh, 

'S a ghaol f holach uam ; 

Na'm faighinn-sa deth 'n ghaol sin, 

Na shaoradh mi uat, 

Bhitheadh m'inntinn tighinn beo, 

Air a ghloir sin tha shuas. 

Bhitheadh m'inntinn 's mo mhiann, 

Air an Dia sin tha beo, 

'S an oighreachd tha siorruidh, 

'S a ghrian a tha gun neoil ; 

'S an tobair o'n d' thig slainte, 

Agus gairdeachas mor ; 



64 

'S a gharrdean cha'n fhailinc, 
'S e Ard Righ na gloir. 

Na faiginn sa tuille fabhoir, 

A's gras bheireadh buaidh, 

Bhitheadh m'inntinn a tamh, 

Anns an aros tha shuas ; 

Ge d' bhithinn anns an fheoil, 

Bhitheadh mo dochas gu buan, 

Hi aon latha mor, 

Anns nach comhlaich mi truaigh. 

Na'm faighinn tuille naomhachd, 
A's saorsa o'n Uan, 
'S tuilleadh de na ghaol sin, 
A shaor mi o'n truaigh ; 
Thaisginn mo chuid or, 
'San tigh-stoir sin tha shuas 
Far nach goid na meirlich, 
'S nach cnamh e le ruaidh. 

Ach tha mi'n duil nach fhag thu mi, 

Ard Righ nan sluagh, 

Gu'm mothaich mi do laithaireachd, 

'S an gras thig a nuas ; 

Cha mhor a ni m' shaothair, 

Thig daorsa orm 's gruaim, 

Mur bi mi air an t-saoghal, 

A sior f haotuinn buaidh. 

Air sgath an ti chaidh cheusadh, 
Thoir fèin dhomh a bhuaidh ; 
Ma shaor thu o'n Eiphit, 
'S ma reub thu Mhuir Ruadh, 
Na fag mi 'san f hasach, 
Mu'm basaich mi truagh, 
Ach treoraich air laimh m : 
Gu tir Chanain shuas. 



65 

biraeadh t-fhocal dhomh mar lochran 
Gu mo sheoladh 's gach am, 
'S dean leis &phillar neoil sin, 
Mo threorach gu eheann ; 
Bitheadh uisgeachan beo, 
Ga mo chomhlach amis gach gleann, 
'S bitheadh manna mor Ion dhomh, 
'S thig solas nach gann. 

Ach feuch 's mise an creutair, 
Tha'm feum bhi fo dhion ; 
Cha'n ionnan mi a's Tacob, 
A dh'f heuch bhith cho dian ; 
Ghleachd e cho laidir, 
'S gu'n sharaich e shliasad, 
'S gu briseadh na faire, 
Cha d' fhailinn e riamh. 

Cha d'fheuch mi mo chruadal. 

Ni 's buaidhich na each, 

Ach 's tusa an t-Ard Bhuachaill, 

'Bheir buaidh anns gach cas ; 

Saor mi o thruailleachd, 

T S o bhuairean gach la, 

A's saor mi 'san uair, 

'San d'thig uamhas a bhais. 

'Nuair bhitheas mo chridhe gam fhagai) 

'S mo chairdean dol uam, 

Air sgath fuil a chumhnaint, 

A's umhlachd an Uain, 

Bithidh ainglibh do chuirt, 

Ga mo stiureadh dol suas, 

Gus am fosgail mo shuil. 

'S an Terusalem nuadh. 



66 



GAIRDEACHAS AN FHIREAN, 

IS ann a smuainich mi iomadh uair air 7 

Gur bochd an sluagh sud a tha gun ghras, 

Gun f hois gun suaimhneas, 's an fhasaich thruagh so, 

'S iad dol 's an uaigh air na h-uile laimh ; 

Tha iad a' smuaineach gu'm faigh iad suaimhneas, 

Uair no uair mus an d'thig am bas : 

'S uair bhitheas iad saoilsinn bhifaotuinn buaiclh air 

Tha righ na uamhas ga'n cuir 'nan tamh. 

Bha mise cho gorach 's gu'n do shaoil learn moran } 

A thoirt o'n t-seol ud gu solas Dlie' ; 

Chaith mi mo shaothair air fior naimhdean, 

'S 'nuair theirig cainnt' orm cha d' thug iad geiO j 

'S a nis 's ann thoisicheas mi air oran, 

A chuir an ordugh gu ceol d'an treud, 

Aig am bheil solas tha sruth o eolas, 

Air an fhuil chaidh dhoirt' air a chrann-cheus. 

r s ann tha'n solas aig dream f huair eolas, 
Air neach cho glormhor ri aon Mhac Dhè ! 
Cha nithean feolmhor ris am bheil an dochas ; 
Ach crun gloir ann an rioghachd neimh : 
Bu bhochd an storas leo gleann nan deoir so, 
'S na bheil deth dh'or anns a chruinne-che ; 
Tha'n cridhe deonach bhi thall thar Iordan, 
A seinn an orain d'an d'thug iad speis. 

a bhrathraibh nach dean sibh gaird'chas ! 
Anns gach sarach' thig oirbh fo'n ghrein ; 
Togaibh Hosanna do'n Ti a bhasaich ; 
Tha chliu air ardach os-cionn nan neamh, 
'S 'nuair a chuimhnicheas sibh air f habhor, 
Le cridhe blath thugaibh dhasan geill ; 
Tha esa am Parras mar fhior bhrathair, 
Aig ullach' ait' dhuibh 'na rioghachd fèin. 



67 

'S fiosrach mi gu'n d'thig iomadh deuchainn, 

Nach cord ri feinealachd, fuil, is feoil, 

Ach chunnaic Iosa gu'n robh sud feumail ; 

Feuch gu'n leugh sibh mu thimchioll Iob, 

'S mu thimchioll mhiltean dè'n dream thug speis dha 

A's gach car a dh'eirich do'n Abstol Phol ; 

A's cha dubhairt e riamh nach robh amhghair eutrom, 

'Nuair sheall e fèin air a chuidthrom gloir. 

B'e 'n t-aobhar gairdeachas a' bh'aig na faidhean, 

Gu'n robh neach araidh gu tighinn 'san fheoil, 

A bhitheadh na Shlanaighear, 's a bhruthadh Satan, 

A dh'fhuil'geadh bas, 's bheireadh aireamh beo ; 

'S e sud thug gairdeachas mor do dh' Abraham, 

lomadh la mu'n d'fhag Iosa gloir ; 

A's dh'innis Daibhidh, nach rachadh fhagail, 

Fo chumhachd bais, a's b'e sud a cheol. 

'S an dream fhuair eolas air 'san f hasach, 

Thug e gairdeachas dhaibh gu leor ; 

'Se thuirt a mhathair 's a cridhe lan deth, 

Tha m' anam 'g ard mholadh t-ainm ro mhor , 

? S ge d' bha chairdean a call an gaird'chais, 

'Nuair bhasaich e rinn iad bron, 

Ach 'nuair a dh'eirich e rinn iad aoibhneas, 

U's rinn iad sgeul air gu'n robh e beo. 

Rinn iad aoibhneas air son gu'n. b'f hiu iad, 
Bin air an sgiursadh 's ann air a sgath ; 
'S gu'n d'thug e cliu dhaibh gu ainm a ghiulan, 
Air feadh nan duchan 's nach cual iad slaint' ; 
'S am measg nan Iudhach a bha cur cul ris, 
'S trie chaidh an sgiursadh, 'san cur gu has ; 
Ach thug iad umhlachd do Righ nan Dul 7 
'S bha aoibhneas ur aca na h-uile la. 

'S a nis a chairdaibh, ma thug sibh gradh dha 
Deanaibh gairdeachas feadh gach re ; 



68 

Feuchaibh do'n t-saoghal gu'n d'thug sibh gaol, 
Do n' chuing tba aotrom 'sna h-uile ceum ; 
Cha'n ann le faoinealachd spiorad aotrom, 
Mar bhitheas na daoine air bheagan ceill ; 
Ach le fior sholas a' sruth o eolas, 
Air buaidhean glormbor bhur n' Atbair neamh. 

'S e clann Shion a chuideachd rioghail, 

Aig am bbeil sith ris an Ti is aird ; 

'S e Righ nan Righribh, Fear-saoraidh Israeil, 

Is e nach dibir a shluagh gu brath ; 

Thug e gairdeachas daibh 'san f hirinn, 

A's rinn e am fìrinneach le a ghras, 

'S bheir e tearuinnte iad as gach trioblaid, 

'S bithidh e na dhidean dhaibh aig a bhas. 

Cha chum am bits iad 's cha chum an uaigh iad, 

Thug esan buaidh air na gaisgich threun ; 

A's amhluidh shaoras e fos a shluagh uatha, 

A's bheir e suas iad gu rioghachd fèin ; 

Theid iad le buaidh-chaithream dh'ionnsuidh an 

t-suaimhneis, 
'S am bheil an t-Uan sin dh'an d'thug iad speis ; 
Tha mise a' smuaineach gu'r sona an sluagh sin, 
A lean an t-Uan ge b'e taobh a theid. 



AONACHD AN SPIORAD. 

Tha m'inntinn trie a smuaineach air, 
'S cha'n fhaod mi a' chur uam, 
Gut teirc am measg chlann daoine iad, 
Ilia tabhairt gaol do'n Uan ; 
A Righ na Gloir dean caochladh oirne, 
'S a'd' naomhachd gabh dhinn truas, 
r rha chuid is mo do'n t-saoghal so, 
May chaoraich dol 'san uaigh. 



69 

'Se an teisteas bheir an fhirinn dhuinn, 
'S a chi sinn anns gach ait', 
Gur teirc an aireamh dhilis sin, 
Chaidh f hirinneachadh le gras ; 
Tha iad gun Dia, gun dochas, 
Deanamh cordadh ris a bhas ; 
'San t-slighe leathann, dhoruinneach, 
'Sam faigh an fheoil ni's aill. 

'S e an earail thug an Slanaighear, 

D'a chairdean, a's d'a chlann, 

" Feuch nach dean sibh tarcuis air 

" An aireamh bheag a th'ann ; 

" 'Sann air an son a bhasaich mi, 

u 'S iad m' ailleagain 's gach am," 

'S bithidh ainglibh neamh mar gheard orra. 

Bheir tearuinnte iad gu cheann. 

'S e dh'fhag an dream ud aithnichte, 

A's beannuichte thar chach, 

Gu'n robh iad air an sonrachadh, 

'An cumhnanta nan gras ; 

A's an Ti thug creidimh, 's dochas dhaibh, 

A's eolas air a shlainte, 

Fhuair iad nis an reite leis 

An eifeachd bha 'na bhas. 

Fhuair iad sealladh uamhasach, 
Deth thruaigh chlann nan daoine, 
Am peacadh gin, 's an truailleachd sin, 
A bhuadhaich air gach aon ; 
Ach nis cha'n 'eil diteadh dhaibh, 
Chaidh am firinneach gu saor, 
'Sann tha iad 'g iarraidh firinnteachd, 
O'n Ti tha uile-naomh. 

Bha'n oibre fèin deo-fliallan leo, 
'S an aithreachas cha b'fhearr, 
Fhuair iad mar luideag shalaich e, 
Nach fallaicheadh an nair ; 



70 

Ach cliu do'n Uan, o T n 's airidh e, 
'S e cheannuich iad o'n bhas, 
A's nis fo dhion na fola sin, 
Sann dh'fhairich iad bhi tearuinnt'. 

Thuig iad as eug'ais naomhachadh, 
Nach fheudadh neach bhi beo, 
'S dh'aicheadh iad mi-dhiadheachd, 
A's ana-miann na feol ; 
A's dh'urnuigh am Fear-saoraidh, 
Air son gach aon de'n t-seorsa, 
Gu'm faiceadh clann nan daoine, 
Gu'm bheil an aonachd mor. 

Ach 's trie a ghabh mi curam dhetii, 

'S chiur e mi 7 s gach ceum, 

Nach robh sinn trie ag urnuigh ris, 

No durachdach d'a reir ; 

Air son roinneanan Reubin, 

B'e 'n t-aobhair curam e ; 

Bhi faicinn cloinn a chumhnant, 

Nach giulan iad le cheile. 

Tha cuid diubh lag 's cuid laidir dhiubh ; 

Reir a ghrais fhuair, 

'S tha cuid le am buaidhean nadurra, 

Na's failinnich 's gach uair ; 

'S tha cuid diubh ceangealt' ri gnathaichean } 

S'an deach an arach suas, 

Tha suim do nithibh araidh aca, 

'3 nach urrainn each bhi gluasad. 

Ach anns na nith' so cordidh iad, 

Tha eolas ac' air slaint', 

Tha creidimh, gradh, a's dochas ac', 

Ga'n cumail beo tre ghras ; 

Tha naomhachd air a seoladh dhaibb, 

'S tha 'n umhlachd mor gu ba. 



71 

D'a thoil, mar f huair iad eolas air, 
Mar ordugh, no mar aithn\ 

Ach so an ni a dh'orduich e, 

'S sheol e dhaibh bhi gluasad, 

Gu'm bitheadh iad caoimlmeil, teo-chridheach, 

'S a cumail beo nan imn ; 

'S na nithibh air an d' rainig iad, 

Bhi lamh air lamh dol suas, 

'S gu 'm foillsicheadh an *t- Ard Righ, 

Gach pairt deth thoil d'a shluagh. 

Ach 's truagh an spiorad-pairtidh sin, 

A fhuair san al tighinn beo, 

Tha fuarach gradh nam braithrean sin, 

Bu choir bhi'n cairdeas mor, 

B'e sud toil-inntinn Shatan, 

A chairdean bhi 'sa cheo, 

Mu thimchioll co an aireamh, 

Thug gradh do Righ na gloir. 

? S luath a thoisich beagan deth, 

'S na deisciobluibh 's an Eoin, 

Ach chronuich an Fear-saoraidh iad, 

'S cha'n f haodadh sud bhi beo ; 

*S a's trie chaidh sud a leughadh dhaibh, 

bheul an Abstoil Phoil, 

" Gu'm bitheadh iad a' giulan caoimhnail, 

" Le oighreachan na gloir." 

is e so a deir an fhirinn, 
'S tha e sgriobht' an iomadh ait, 
c Na tugaibh breith 's na ditibh iad, 
1 'S na tilgidh sios le tair, 
" 'S na bacaibh dhaibh bhith dilis, 
41 Anns an ni thuig iad mar aithne, 
u Ma's ann dheth 'n aireamh phriseal iad, 
1 A cheannuich los' le bhas." 



72 

Cha bhiadh a's deoch an rioghachd sin 
Dhèth 'm bheil nan naoimh an trath-s', 
Ach firinnteachd, a's naomhachd, 
*S an gaol sin nach d'theid has 
Sith, agus aonachd, 
'Se bheir air daoine fas, 
[s fearr sud na eolas, 
A's gibhtean mor gun ghras. 

Is peacadh dhaibh ma gheilleas iad, 

Do neach fo'n ghrein 'sa chas ; 

'S ma shiubhlas iad 's na ceumnaibh sin 

Nach tuig iad fèin mar aithn', 

'S e Iosa neach chaidh cheusadh 

'S bithidh feum air aig a bhas ; 

'S e buachaill nan treud e, 

A's geillidh iad dha-s'. 

'S tha'n earail air a dunadh dhuinn' 
Le ughdaras ro mhor, 
A's tha e trie ag innseadh dhuinn, 
Clio chinnt 1 's a tha e beo, 
Gu'n tionail e na f hianuis, 
Gach neach bha riamh sa'n f heoil 
'S gu'm faigh gach neach d'a reir, 
Mar thug e geill d' a ghloir. 

A chlanna bheag 's a chairdean, 
Ma ghradhaicheas sibh cheile, 
Tha nithibh ann san al so, 
Ni gairdeachas air neamh ; 
Ma bhitheas Ephraim 's ludah, 
Nis dluthachadh ri cheiF, 
A's gu'n leum iad air guaillean, 
Nan uabhraich gu leir. 

'S iongantach am fabhor, 

Fhuair an t-al 'sam bheil sinn f&n, 



73 

flia moran Sgoilibh Sabaid, 

Amis gach ait' 's iad deanamh feum 

'S ann nis tha sluagh an t-saoghail, 

A sgaoiladh focal Dhè, 

'S iad dol 'ga eadar-theangachadh ; 

'S gach cainnt a tha fo'n ghrein. 

Tha 'n soisgeul air a sgaoiladh nis 

Le daoine 'sam bheil fiamh, 

Do pheacaich chruaidh, neo-aithreachaii 

Tabhairt faireach dha'bh mu'n gniomh ; 

'S an dream tha caillte 's folamh dhiubh, 

Ga'n toirt gu baile dion ; 

Dol thuige 's uaith, tha moran, 

'S tha eolas dol am meud. 

Ach 's truagh gu'm faigh sinn pairt, 
Bhitheas cc ard na'm barail fèin, 
Nach creid gu'n d'thig o Nasaret 
Ni maith, ach faidhean breig : — 
'S cuid eile dheth 'm bheil dochas ac 
Gu'n d'f huair iad eolas De, 
'S nach aidich gu'm bheil coir aca, 
Air bord am Maighstir fèin. 

O'n tha mi gu co-dhunadh, 
Nis tha mi 'n duil tre ghras, 
Gu'm bi mise an sioth-chainnt riu 
Ge b'e ni a ni each ; 
Ma's urrain dhomh bhi'n dochas, 
Gu'n comhlaich sinn 'na lathair, 
'S gu'n sealbhaich sinn a ghloir sin, 
Air nach d'thig bron gu brath. 

'S e gradh agus giulan leo, 
A's umhlachd thoirt na'n lathairj 
'Se sud is mo a dhruigheas orra 
Ni bhi ga'n dunadh 'an aird ; 



74 

Mar sud tha'n t-A»'d Bhuachaille, 
Ga'n cuartachadh le lamh, 
'S tha truas ann na chom, 
Ris an dream tha trom le al. 

Nis tha mi'n duil nach tionndaidh sibh, 
A chainnt so gu mi-fheum, — 
Gu'n rannsuich sibh gu curamach, 
'S ga'n urnuigh sibh d'a reir ; — 
Gu'n iarr sibh thoil a sheoladh dhuibh^ 
*S gu'm fas sibh 'n eolas Dè, 
'S gu'n deanadh High nan dul, 
Nis air dluthachadh ri cheil'. 

Nis tuigibh chlann nan daoine, 

An aonachd tha mi luaidh ; 

Cha'n e daoine an t-saoghail so, 

Th'anns dream thug gaol do'n Uan— 

Oir 's eigin da phairtidh bhi 

Gu brath am meas an t-sluaigh, 

Am feadh bhitheas sluagh gun ghras ami, 

A's aireamh a thug buaidh. 

Tha 'n inntinnean cho dealluichtej 
'S tha 'n talamh o na neimh, 
Is coir do'n f hior luchd faire, 
Bhi 'gan sgarachduin o cheil', 
A's gu'n bhi tabhairt coir dhaibfa, 
Air orduighean Mhic Dhè, 
A's iad gun Dia, gun dochas, 
'S iad uile beo dhaibh fèin. 

I anam thruaigh gun churam, nis 
Nach duisg thu 's teich gu luath, 
Mu'n d'theid nan neamha dhunadh ort, 
*S an sin bithidh chuis ro thruagh ; 
Ge do bhith' tu an aonachd ris 
An dream thug gaol do'n Uan, — 
Ni 'm bas na'r cuir o cheile, 
Mar bi thu fèin dheth a shluagh ! 



75 

Air sgath gach ni tha priseai, ni« 
Na dibir t-anam fèin, 
Creid 'san Tighearna losa, 
'S esa am fionan, 's tusa gheug 
'S ma shiubhlas tu na naomhachri, 
'S gu'n toir thu gaol do'n trend, 
Cha sgar beath' no bas sibh, 
Gu brath o aon a cheil'. 



GLAODH NA MAIRTEARAICH. 

Tha sluagh aig an Ard Righ, a ghradhaich e cinnt\ 
Ris an dubhairt e " a chairdean, a bhrathrean, 's a 

chlann," 
'S tha naimhdeas aig each dhaibh, gu brath arms gach 

linn, 
'S chaidh moran chur gu bas diubh, 's am fagail gun 

chinn. 

'S ge d' thug e deoch ri h-ol daibh, do dhorninnean 

searbh, 
Lean iad aims gach ceum e, tre dheuchainean garbh ; 
? S tha aon ni 's aill leam, ge d' tha iad air falbh, 
Gu'n cluinn iad an caramh feadh Gaeltachd na h-Alb'. 

'S e 'n sealladh chunnaic Eoin diubh mo sholas 'san am, 
lad a bhi fo'n altair oir, aim an solas nach gann, 
Na h-anamana glormhor, tha am bron-s' aig a cheann 
Ged d' chaidh am fuil a dhoirteadh, 's am fagail leoint' 
'sa ghleann. 

'S e an dream bha deanamh tarcuis air Ard Righ na 

Gloir 
A dh* fhuathich a chairdean, 's a dh'fhag iad fo leon \ 



It 

Bha cumhachd aig an ailgheas, 'a bha 'n ardan co mor f 
'S nach fuilineadh iad do'n aireamh thug gradh dha 
bhi beo. 

'S ann thoisich an t-ardan so, 'n Cain bochd, truagk- 
'Nuair smuainich e Abel a chur gu bas co luath ; 
Tha Abel aig eigheach, " Nis theid mi 'san uaigh, 
Rinn Cain mo reubadh, 's tha e fèin air an ruaig." 

'S tha moran do na faidhean, ag radh ruinn o'n uaigh, 
'S i Iesebel a's Ahab, a ghearr as an sluagh, 
Nach aoradh do Bhaal, 's d'a ghrainealachd thruagh ; 
'S ge d' chaidh Eliah fhagail, tha thamh ann san uaimh. 

'S their leam gu'n cluinn mi moran fo leon 's iad gul, 
" 'S ann timchioll Ierusalem a bhruchd oirn' an tuil ; 
" Ruith sraidean Ierusalem dluth le 'ar fail, 
" 'S ann aig a bhaile mhor sin, chaidh a dortadh gun 
sgur. 

" Na'm faiceadh sibhse ar caramh, 'nuair bha iad ga'r 

leon, 
" Leis gach bas bu phianntich, 's iad dion air n'ar toir, 
u Cha d'adhlaic iad riamh sinn le rian mar bu choir — - 
" 'S ann dh'fhag iad air gach sliabh sinn, mar bhiadh 

do na h-eoin." 

S e so glaodh Isaiah, a'm faidh bha treun, — 
" 'S e Iosa an Slanaighear, a bha mi cur an geill, 
" A's dh'fhoillsich mi 'n f hirinn do Israel fe'in, 
" 'S ann shabh iad am mhirean mi, 's ghabh iad didean 
breig." 

Thubhairt Ieremiah 'm faidh, — " Do'n t-saoghal tha mi 

sgith, 
" 'S ann aig braighdeanas Bhabilon, 'sharaich iad mi ; — 
" Rinn mi fianuis laidir air grainealachd na tir, — 
11 fs chuir mi'n geill an truaighe do'n uaislean 's do'r 

Righ. 



11 

Ach 'sann a rinn iad tair air an f haiclhdearachd gu leir. — 

u Ts thilg iad mi sa phriosan a b'isle bh'aca fèin ; 

" 'S uair bheathaich iad an ardan, deanamh tair orm 

le 'm beul, 
" Chlach iad dh l ionnsuidh bhais mi, is lean iad faidhear 

breig." 

A's tha Secbariah 'm faidh ag radh ruinn ar is, — 
" Am measg sliochd Abraham chaidh mo chur gu dith , — 
" 'S ann eadar an teampull a's an altair bha mi, 
' l 'Nuair bhuail iad gu bas mi, 's a thainig mo chrioch." 

'S tha eachdraidh tabhairt sgeul duinn gu'n d'eigh cuid 

na chloinn, 
Ri linn na Maccabeus, " 's bochd a dh'eirich dhuinn ; 
" Air son gu'n d'rinn sinn aicheadh, a ni bha graineil 

leinn, 
" 'S ann chuir iad gu bas sinn, a mhathair 's a chlann." 

'S e sud rinn sliochd Abraham ri 'n cuid faidhean fèin, 
Rinn iad am fuil a dhorteadh, 's a leonadh gu leir ; — 
Ach an Ti ro ghlormhor, a chumas coir ri threud, — 
Thug esan fuil ri ol dhaibh, a's doruinnean do reir. 

'Nuair dhuilt iad an Slanaighear 's a bha iad aig an 

fheisd, 
Thainig na Romanaich le ordugh Mhic Dhè, 
Mharbh iad, a's chiurr iad, na h-Iudhaich gu leir, 
A's loisg' iad Ierusalem, na smuid aims na spear. 

Bha miltean do'n t-sluagh sin, na'n cruachan 's iad 

marbh, 
Na'n luidh air na sraidean, fo chosaibh chaich 's iad 

balbh ; 
'S am fuigheal chaidh fhagail diubh, thar as air falbh, 
Sgap e feadh nan duchan iad, le sgiursadh bha garbh. 

Nuair dh'fhoillsich Immanuel ann an nadur dhaoine, 
Bba naoidlieanibh Bhetlehem aig eigheach le gaoir ; 



78 

Dean trocair oirn' Ard Righ is gradhaioh sinn saor ; 
* 'S og chuir iad gu bas sinn fo dha bhliadhna dh' aois." 

Chualas caoidh ann Ramah, tba Rachel ri bron, 
Air son a cloinne ghaoil, oir cha d'f haod iad bhi beo ; 
Tha'n gaoir ann na cluasan, 's tha gruaidhean fo dheoir, 
A's Herod ga'm bnaladh, gun truas aig do'n oige. 

'S tha Eoin Baiste on fhasach, toirt aithne feadh na 

duthaich, 
" Deanaibh 'n t-slighe comhnard, tha Righ na Gloir 

dluth ; 
" A's deanaibh am peac' a threigsinn, air neo 's ann 

theid sibh mugh, 
" Oir 's mise an teachdaire araidh a thainig roimh ghnuis. 

'* Chomhairlich mi Herod, 's dh'eisd e rium gu ciuin, 
" Ach air son Herodias, chuir e mi 'm priosan duinnte, 
" 'S 'nuair rinn a chailin dannsa, 's a mheall i e 'sa chuis, 
"Fhuair i n'a b'anns a leatha, mo cheann chuir 'san uir.^ 

'S an uair chaidh Iosa cheusadh, 's dh'eirich e le gloir, 
Rinn am Mairtearach Stephen, sgeul air gu leoir ; 
Le focal na firinn, 's le miorbhuillean mor, 
'S le faicinn an Righ, ann an Rioghachd na Gloir. 

Ach b'eigin dha an sgeul ud, a sheuladh le fhuil, 

'S ann a chlach iad Stephen, 's e 'g eigheach gun sgur, 

" Thoir leat mi Righ na Gloire, 's tu fèin mo dhoigh 's 

mo bhun" 
" 'S thoir maitheanas le trocair, do'n dream tha dortadh 

m' fhuil." 

Goirid an deidh Stephen chaidh Seumas chuir san uaigh, 
S ann le claidheamh Herod, a reub iad e gun truas, 
Tha'n Eaglais ag eigheach, " Chaidh Seumas thoirt 

uainn, 
'S tha Peadar ann sa phriosan, a Righ gabh dhinn 

truas. 



79 

A<;h Pol, a bha roimhe searbli dhaibh, tha searmonach 

gu dian ; 
'- 'S e an t-ionganntas ro mhor," deir e, u gu'n d'fhuair 

mi trocair riamh ; 
" Cho-eignich mi moran, gu toibheum thoirt do Ios 1 
u 'S 'nuair a chlach iad Stephen, bha mise fèin 'sa 

ghniomh. 



" '3 ionganntach gu brath learn, an gras a thug mi 

beo, 
" 'S e Iosa o Nasaret 'san d'fhuair mi an t-slainte mhor; 
'* 'S shearmonaich mi an t-slainte sin 's gach aite gu 

ruig an Roimh, 
" 'S thug Nero, 'n sin, an ceann dhiom, 3e ainneart ro 

mhor. 



"'S e dubhram ri mo bhrath'rean, a dh'fhag mi as 

mo dheigh, 
u Tha mise dol gaV fagail 's e an t-aite so ceann mo 

reis ; 
" Leannaibh-s' ris an t-Slanaighear 's cha'n fhag e 

sibh 's cha treig, 
u 'S ma's beatha, no ma's bas dhuibh, tha slainte 

dhui-bh air neamh." 

Ach nis chaidh Peadar fhagail, an deigh each thoirt 

uath, 
'Sea comhairlach a chairdean, " A bhrath'rean bithibh 

stuam, 
" Ge d' tha mi dol ga'r fagai\ 'san fhasach so aii 

chuairt ; 
u Cha'n f hada gus an comhlaich, 's am falc sinn gloir 

an Uain. 

" Tha mise tighinn gu aois, 's tha'n saoghal dhomh na 

chradh, 
u Slan le luchd mo ghaoil, oir cha'n fheud mi tuile 

tarnh ; 



di Mar dh'f hoillsich am Fear-saoraidh dhomh, thug iad 

mi 'n taobh nach b'ail, 
" 'S cheus iad air a chrann mi, 's mo cheann ris an lar. M 

A's am fianuis Antipas, chaidh innseadh le Eoin, 

Cba b'e bu choir a dhibir, bu dilis e sa choir, 

'S luchd aideachidh gun ghras, rinn a sbarach 's a 

leon ; 
Bha sinagog aig Satan dinbh, 'san Asia mhor. 

'S tha eachdraichean firinneach, ag innseadh gu leor, 

A's cosmhuil mar thachair ri taisbeanadh Eoin ; 

A Bhean a bin ann san fhasach, 's an Dragon air a 

toir, 
A's shamhlaichain Babilon sin, ri Papa na Roimh. 

'S an tha na naoimh ri am faotuinn, ni ssgaoilteach 

amis gach aite, 
Am measg luchd iodhal aoraidh, dheth 'm bbeil an 

saoghal Ian 
'S an dream rinn Criosd a shaoradh, 's cheannaicb 

daor le bhas, 
Ga'n cosgradh ac' mar chaorich, gun aon neacli deanamh 

baigh. 

'Se their na naoimh 'n trath so, " A bhrathraibh 

deanaibh bron ; 
* Tha sinn am measg na'n Paganaich, tha 'g aicheadh 

Righ na Gloir ; 
%i 'S ann their iad 'ar Dia-ne', ri iomhaigh leaghte do'n 

or 
" 'S e an t-aoradh tha iad 'g iarraidh, bin riarachadh 

na feol." 

Ach Iosa ar Slanaighear, 'se dh'aithn' e dhuinn bhi 

naomh, 
'S cha'n f haod sinn esan aicheadh. air son cairdeas an 

t-saoghail ; 



81 

4i 'S air son so rinn iad tair oirn', 's tha'm bas tighinn 

oirn' gach taobh, 
u 'S tha iad nis ga'r bualadh, gun truathas ri oig' no 

aois. 

14 Nach cluinn sibh nis a bhrathraibh, gach bas a thug 

iad oirn\ 
44 Chuir iad an uamh nan leomhain sinn, 's bu mhor ar 

'n aobhar broin, 
44 'Nuair bhitheadh na leomhain a' beucaich, a's iad g'ar 

reubadh beo, 
44 'S ann bhitheadh an sluagh gun cheill sin, le cheil' 

a deanamh spors'. 

• 4 Chaidh Policarp a rosdadh le teine mor 'sa ghleann ; 
• 4 A's Simon mac Cleophas, cheus iad air crann ; 
"Dh'ftmgiadlustin-martairbh'an Carthage gun cheann; 
* 4 A's chaidh Ciprian 's Ignatius a chuir gubas 'san ams'. 

11 So ministearean diadhaidh, 's bha cuid diu'liatli le 'aois ; 
" Bha am measg am braithrean cliuteach, air son an 

giulan naomh ; 
" Chaidh iad trid abhainn Iordan, J s le misneach mhoi 

gach taobh, 
** ; S tha sinne nis a foghlum nach robh an dhochas faon 

44 'S 'nuair a runaich claim nan daoine, nach bitheadli 

aon neach beo, 
44 A leanadh a'm Fear-saoraidh, 's iomadh aon chaidh 

leon ; 
44 Thilg iad sinn gun aodach 'sna h-aithean-aoil a's iad 

beo, 
44 A's chaidh luaidh leaghte a thaomadh oirn', 'sa 

sgaoladh air ar feol. 

44 Bhath iad cuid 'sa chuan dhinn, 'measg fuaim nan 

tonnaibh mor, 
44 *S chaidh cuid gu bas 'sa phriosan a dh'easbhuidh 

bidh a's doigh ; 



82 

u Chaidh cuid thoirt as a cheile, 's a reubadh le na meoir ; 
"'S chaidh moran dhinn a chlachadh, 's chaidh cuid a 
thachdadh beo. 

" Thilg iad cuid gun fhabhar dheth bharr nan creagan 

mor, 
" 'S shlaod iad cuid air shail'ean, oir feadh gach straid le 

spors ; 
u Phronn iad cuid gun acarachd, 'sann eadar chlachaibh 

mor, 
" 'S phian iad cuid le eigin 'sa ghrate 's iad 'gan rosda. 

u Cha mhor gu'n creid an saoghal, gach bas a thaom 

iad oirn\ 
" Fad tri cheud bliadhna, bha'n Dragon riamh 'gar leon 
44 Dh'fhuiling sinn an Asia, 's gach aite mu'n cuairfc 

do'n Roimh, 
" *S dh'fhuiling cuid an Africa, 'san Fhraing chaidh 
each a leon' 

* Ach nis tha 'n Ti bha bac 1 do l Dhuine Pheac' ' 

thighinn beo 
u Air tionndaidh o na gnathaichean, a b'abhaist bhi 

'san Roimh ; 
4 ' Tha Constantine air aicheadh nam Paganach 'san doigh, 
u 'S e 'g aideach a bhith na Chriosduidh, a's cumhachf 5 

Righ 'na dhorn. 

u Tha milltean 'nis ag iarraidh, an deigh an Dia ta beo 
u Threig iad nithibh diomhain 's na h-iomhaighean oi , 
" 'S tha an t-Iompaire na dhion daibh, 's e riaghladh 

nan sloigh ; 
" 'S o'n fhuair sinn beagan feith, cha robh fuil nan 

naomh 'ga dort'. 

u Ach ged fhuair sinn suaimhneas, bu truagh dhuinn 
o'n la 
Dh'fhas sinn co uaibreach, 's dh'fhuarich ar gradh, 



83 

4 Ohaidh 'n Eaglais a thruailleadh le mor sluagh gun 

ghras ; 
• 4 A dh'aidich air son buannachd, a' ni 's nach d'fhuair 

iad slaint'. 

" Thug sud iomadh caochladh, air aghaidh an t-saoghail 

mhor, 
u 'Sa bhean bha roimhe naomh, 's 'sann chaochail i 

doigh, 
l< 'S ann rinn i striopachas ris na Righrean mor, 
** 'S rinn iad ise beartach, le pail teas an soigb. 

" A's 'nuair sgeadaich iad an Diadhachd gu briagli 

le-h-or 
" Thainig daoine mi-dhiadhaidh, 's lion iad a chro ; 
" 'S tha deisciobluibh Chriosd air an lionadh le bron ; 
" 'S an Eaglais gun rian ac' fo riaghladh dhaoine mor. 

" Ach sheol an Ti is aird sinn gu faidhdaireachd Eoin ■ 
a 'Se their e rithe 'san ai*e sin, i Babilon mhor,' 
" Bean aig am bheil grainealachd, Ian cupan oir ; 
u Thigibh mach aisde mo shluagh, tha i truaillidh gu 
leor. 

u 'S an uair theich sinn mach a Babilon mar dh'aithn' 

e dhuinn 'san am, 
" nach d'thug esan a laithaireachd dhaibh, cha b'ait, 

dhuinn fuireach arm, 
u Dh'fhuiling sinn mar b'ahhaist duinn, 's gach ait' na 

thog sinn ceann, 
" 'S e their iad ruinn Nobhations nach gabh am Papa 

mar cheann. 



4 Ach ged bha naimhdean Shion a sior chuir gu bas 
44 Bha eolas na firinn tighinn tir anns gach ait ; 
u '8 bha fianuisean dilis a sior thiginn an aird, 
" T 8 bha cuid do na Righrean n'an didean an traths\ 



84 

1 Shearmonaich Paulinus an f hirinn le buaidh. 
44 A's Claud bha 'n Turin, bha dusgadh an t-sluaigb, 
u Sgaoil Peadar Ualdo, a's Arnold am fuaim, 
14 A's threoraich iad moran gu eolas an Uain. 

" Ach ' Duine a Pheac'chaidh' arach a's dh'f has e gu 

reidh, 
4 'S o cheum gu ceum chaidh ardach' gu bhi 'n aite 

Dhè; 
u 'S ann thoisich e air aidmheil gu'm b' Abstol o 

fein, 
41 'S gu'n leannadh sud a chaoidh ris, a's iuchai/ 

rioghachd neimh. 

44 'S ann a bhuaidhaich an t-striopach le innleachdan 

bais, 
A Shuidh i air na Righrean, a's striochd iad dhi mar 

thraill, 
44 A's dh'f hosgail i mar chleachd i dhuinn, geataichean 

a bhais. 
44 'S nis cha robh dol as ann, ach seasamh ris gach 

cas; 

U 'S am fulangas a thainig chaidh an trath-sa thar gach 

cainnt, 
" Dh'fhuiling sinn 's gach aite, ach gu h-araidh 'san 

Fhraing ; 
u Bha airmailtean laidir gu bratn aig an laimh, 
u A's maitheanas o'n Phap ac' a bharr air an sannt. 

4 Ghlac iad n'ar cuid dheth an t-saoghal, gach aodach 

a's biadh, 
4 ' A's dh'fhag iad sinn faondrach, air aodann nan 

sliabh ; 
i4 'S baigh cha robh ri fhaotuinn o dhaoine gun 

fhiamh, 
4k '8 ann a ghearr iad gu bas sinn, a sasachadh a' 

miann. 



85 

M Bu truagh a bhith arm san eisdeachd 'nuair dh'eireadh 

iad oirn ; 
" Bhitheadh fuaim nan claidhean geur sin, a reubadh 

ar feol ; 
" Na mnathan torach reub iad 's dh'eignich iad na 

h-oighean 
" A's bhitheadh a chlann 'san ranaich, 'sam parantan 

leoint'. 

" 'S an dream a theich do'n fhasach, 's a thar chum 

n'am beann, 
" Chuir an t-ocras a's am fuachd cuid dheth an t-sluagh 

sin gu ceann ; 
" Ghlac iad cuid 'san ruaig dhiubh, a's truathas cha 

bhitheadh ann, 
" A's mhuch iad na fhuair iad, fo bhruachaibh nan 

gleann. 

" Loisg iad ar saothair, 's na h-aitean aoraidh blath ; 
" 'S chaidh cuid dheth air teachdairean a phlestaradh 

le tearr ; 
" Thog iad cuid do'n t-sluagh bha 'san uaigh iomadh la ; 
" 'S le aon teine mor, chaidh ar rosdadh gun dail. 

" Ged cheadaich e ar sarach, bha fabhoran dhuinn ann, 

u Bha aon aite araidh, 'san d' araich e a chlann, 

" Aig bun nam beanntean mor sin, eadar an Roimh 

's an Fhraing, 
u A fuireach air a chomhnard, 'san cosaibh nam beann 

1 Bha sud na aite dion dhuinn, fo riaghladh a ghrais, 
" Fad iomadh ceud bliadhna bha'n diadhachd ann a fas: 
" Bha Eaglaisean lionmhor aig Criosd ann san ait ; 
" Bha leantainn an Uain, 's a bha buareadh a Phap'. 

" Ach 'nuair runaich an Dia sin ; tha riaghladh nan 

sluagh, 
" Qu'n siubhladh sinn gu leir, tre dheuchainean 

cruaidh ; 



86 

" Ge b'e chluinneadh sgeul air mar dh'eirich 'san 

uair s', 
" Cha'n 'eil ar naigheachd eibhinn ri 'leughadh do'n 

t-sluagh. 

" 'Nuair thoisich ar naimhdean, air campach 'rnii'n 

cuairt, 
" B'eigin dhuinn san am sin, dhol teann ann san ruaig ; 
" A's teicheadh chum nam beanntean, ge d 1 bha 'n 

geambradh cruaidh, 
" 'S bha mhnaithain agus claim ann, 's iad fanndach 

le fuachd. 

" Ged' bha'n oidhche reota ann, a's sneachda mor gu'n 
dith, 
Lean iad air ar toir, gu ar fogar, as an tir ; 
B'e sud an oidhche bhronach, bu mhor chaidh an 
dith; 
" Thug na mnaithain suas an deo ann, 7 s a chlann a 
deothal na cich. 

Bu sheachranach a bha sinn, 'sna fasaichean fuar ; 
Air feadh na'm beanntean ard sin a's fardach cha 

d'fhuair. 
Rinn an sneachda mor bh'ann, ar treoir a thoirt 
uainn, 
11 'S ann chaidil sinn comhladh, gu samhach 'san uaigh. 

" 'S 'nuair theich sgail na h-oidhche, 's a dh'f hoillsich 
an lo, 

" 'S iomadh aon a dh'eug dhinn, 's bha cuid air eigin 
beo; 

" 'S luidh ar cuirp gun adhlac, 's ann air na beann- 
tean reot, 

" G-us an d'rinn sneachd' a gheamhraidh ar'n adhlac !e 
chleoc. 

" Cha'n 'eil sud ach pairt, do ar caramh 'sgach am , 
" Oir bha ar naimhdean laidir, 's ach cairdean ro ghann 



87 

iS 'S an dream a bha saothairach, a cumail taobh ruinn 

aim ; 
" Cha b'urrainn iad ar saoradh, bha'n gairdeanaibh co 

fann. 

" Bha Prionnsaichean Ghermani dearblite ann sa chas ; 
" 'S rinn Crombhell na dhThaod e, gu'r saoradh on 

bhas ; 
" Ach tearnadh cha'n fhaodadb, a h-aon diubh an 

trath-s', 
11 'S gu'm b'e sud run siorruitb, an Riaghi-fhear is aird. 

" Fa dheireadh thainig doruinn, le orduchadh ar Righ ; 
" Air Babilon mhoir sin ; a dhoirt fuil nan naoimh ; 
" Bhuail e claidheamh a bheoil oirre, 's leon e i chaoidh, 
" 'S cha'n f haodadh neach a comhnadh 's bha moran 
'ga claoidh. 

il B'e Luther agus Calbhin, gu h-araidh thug buaidh ; 
" Bu mheadhon ann na laimh-sa iad, thabhairt danachd 

do'n t-sluagh ; 
" A bhi leughadh na firinn, 's bhi dilis do'n Uan ; 
Jl Sgaoil iad am Biobull 'sna h-uile tir mu'n cuairt. 

" Mun a cuig-ceud-deug, sin a bhliadhna tha ri 
luaidh, 
San d'eirich na daoine, thug saorsa mu'n cuairt ; 
B'e sud a mhaduinn phriseil, bha ghrian a direadh 
suas ; 
" Theich an dorchadas mor sin, bha comhdach gach 
sluaigh. 

" Nis sgaoil an naigheachd eibhinn, gu reidh feadh 

gach ait 
" 'S bha fianuisean treubhach 'ga sheuladh le 'm bas ; 
" Bha Albain a's Eirinn, gu leir fo'n Phap 1 , 
" 'S e nis mar leomhan benchach, an deigh a reub aig 

each. 



" TV 



•' B'e Hamilton an ceud fhear, thug sgeul air do dh' 

Alb; 
" Shearmonaich e 'n fhirinn, air feadh nan criocban 

garbh ; 
" Ach dhuin iad e 'sa phriosan, o'n bha fhirinn searbh, 
" A's loisg iad a rithis e, le mi-run 's le feirg ; 

" Ach chuir e siol neo-thruaillidh, thug buaidh 'n 

deigh a bhais ; 
a A's moran deth na h-uaislean, bu chruaidh leo 'chas ; 
" 'S thuig moran do'n t-sluagh, gu'n robh buaidh 'sna 

bha e radh, 
" 'S gu'n d'rinn e fhuil a dhortadh 's e an dochas ri 

slaiut'. 

u Ach bhrosnaich a bhas, cuid deth chairdean gu eud ; 
•"S bha Eoin Noes gu h-araidh ; na dhuine laidir 

treun ; 
u Na dhuine deasbhriathrach 's e dian na spiorad fèin : 
" A's bha buaidh leis 'sgach ni ; o'n 's i 'n fhirinn chuir 

e 'n ceill. 

u Dh'innis e's gach ait, gu'm b'e'm Pap 'DuinePheac 1 , 1 
u 'S nach robh ach iodhal-aoradh, 'sna nithe faoin a 

bh'ac': 
" Innleachdain Shatain, 's aithn'tean dhaoine bochd, 
" 'S iad siubhal ann 'sa cheo, bha 'g'an treorach do'n 

t-slochd. 

u Ach 's trie chuir iad am fang e, bha 'naimhdean co 

treun ; 
u Ach dh'aindeoin Banrigh Mari, 's a naimhdean gu leir; 
" Fhuair e bas ann an sith 's chuir e'n fhirinn an ceill ; 
" 'S thug e am Pap' gu bhi iosal, 'sna criochaibh so fèin. 

u 'S ann ri linn a thainig fnaim naigheachd chruaidh 

as an Fhraing, 
t( Deich mile fichead sluaigh, bhi 'n aon uair gur 

cheann ; 






89 

^Do'n dream a bha buadhach, 's a lean an t-Uan 

'sgach am, 
li 'S cha shiubhladh neach na straidean, bha'm fuil co 

graineil ann. 

" 'S an Alb ge d' bha an fhirinn, a direadh, 's a fas ; 

'* 'S iomadh duine dilis chaidh dhiteadh gu bas ; 

" An ainmach' cha'n fhaod sinn, gach aon diubh an 

traths' ; 
" Ach cheannaich iad gu daor dhuinn, an t-saorsa th' 

aig each. 

11 Air scaffoildean ard 'sann a bhasaich a chlann, 
" Ga'n gearradh leis na tuaidhean, 's ga*m bualadh 'sa 

cheann. 
11 Ach choinnich iad am bas, deanamh gairdeachas ann ; 
" Am fianuis an t-sluaigh sin, thug fuath dhaibh 'sgach 

am. 

u Timchioll Duneidinn, tha sgeul 'san Taobh deas, 
" Air iomadh duine treun, nach do gheill 's nach deach 

as, 
" Chaidh chumail fada beo, deanamh an doruinn rìi *s 

meas' 
" Ann an seithrichean iaruinn, 'gam pianadh le teas. 

" Dh'fhosgail iad pairt diubh 's chaidh 'n cridhe blath 

thoirt asd', 
' -S an cridhe sin a chaineadh ; le daoine laidir crosd' ; 
u Chaidh cuid dheth 'n corpaibh luachmhor, a cheangal 

suas air puist, 
" Cur eagal air an t-sluagh sin, nach d'thug buadh 

air an olc. 

" 'S a nis a chairdibh gradhach, tha 'm fasach nan 

deoir ; 
" Cha'n ann a gearan tha sinn air Ard Righ na Gloir ; 
" Ach 'g innseadh ar caramh , do'n aireamh tha beo ; 
" Achum gu'm bith iad laidir, ge d' bhith' an sarach mor. 



90 

" Nise slan leis gach trioblaid, gach mi-ghean a's bron ; 
" Tha fois agus sith, ann an Rioghachd na gloir ; 
" Ge d' bhasich sinn diblidh, tha sinn d'a riridh beo, 
" A's leig sinn nis air di-chuimhn' gach ni a thainig 
oirn'. 

H Chaidh ài lotan a shlanaeh', a's plasda chur ruinn ; 
u Do dh'fhnil an Uain a bhasaich. thoirt slainte d'ar 

cloinn 
" Cha'n fhaic sinn tuille cradh, 's cha blii am bas ri 'r 

linn, 
" 'S cha'n abair an luchd aiteachaibh, ' Tha sinn gu 

tinn.' 

" 'S e an t-Uan ar Fear stiuraidh, 's cha cliuram 

dhuinn ann, 
" Thug e beatha 's iul duinn, 's chuir e crun air ar 

ceann, 
" 'S bitheadh slainte agus gloir dha, na oran da chlann, 
" Feadh linnibh na siorruidheachd, gun chrioch, na 

gun cheann." 



LA A BHREITHEANAIS. 

Eisd anam neo-bhasmhor, 

Tha ni araidh ri chluinntinn ; 

Ma 's e 's nach creid thu na thrath e, 

Bheir am bas ann do chuimhne e. 

'S e sin, gu coinnich thu an t-Ard Righ, 

Ann na lathair toirt cunntas ; 

'S cha'n fheud thu choinneamh sin aicheadh 

Ged' chuir thu'n trath-s' am beag suim i. 

Tha aon latha air orduch', 
Ann sa'n comhlaich clann-daona ; 
Ann san coinnich sliochd Adhamh,; 
'S gach neach a dh'aitich an saoghal 



91 

*S an dream a chreid ann na shlainte» 
Bheir a ghras aiseag saor dhaibh, 
'S an dream is mo rinn tair air, 
Teich' o lathair cha'n f heud iad. 

anam gu churam, 

Nis duisg agus smuainich, 

'Nuair thig Leoghan treubh Iudah, 

An d'thig thu dluth dha gun uamhas ? 

Am feud do chridhe bhith laidir, 

Na do lamh a bhith buadhach, 

'Nuair a chi thu 'na gnloir e, 

'S na h-aing'libh glormhor mu'n cuairt da ì 

Faic an Ti a rinn thu threigsinn, 
'S bha thu ceusadh gach la ; 
Faic e tighinn 'sna speuraibh, 
Mar Righ treun air a chathair : 
Chi thu nise 'na ghloir e, 
Tighinn a seornar na'm flaitheas, 
A's milltibh dh'aing'libh fo ordugh, 
'8 iad air a mhorachd a feitheamh. 

Cluinn an trompaid 'ga seideadh, 
'S fuaim nan speur a dol thairis ; 
Tha na mairbh nis toirt geill da, 
A's iad ag eiridh o'n talamh ; 
Nis dh' fhosgail na h-uaighean, 
'S bhruchd an sluagh asd' gu h-ealamh, 
'S thug e am follais an sluagh sin, 
A bha ann 'sna cuaintean am folach. 

Cha'n f hac thu sealladh cho mor ris, 
O'n a thoisich a chruitheachd ; 
Tha'n sluagh cho tiugh ris na locuist^ 
Air bharr an f heoir 's iad a cruinneach' ; 
Chi thu bochdan an t-sluagh ann, 
7 S daoine uailse na cruinne, 



92 

'S iad air measgadh le cheile, 
'S eallach fèin air gach duine. 

Tha mile tairn'each aig eigheach, 
'S an sluagh gu leir tha ri faire, 
'S leis an f huaim th'ann 'sna speuraibh, 
Chrith gach creutair air thalamh :— 
Tha'n cuan 'sna tonnan aig beucaich, 
'S tha bonn nan sleibhtean air carach', 
'S tha cridhe dhaoine ga'n treigsinn, — 
Ach c'ait an d'theid iad ga'm folach ? 

Chrath e cumhachd nan speuraibh 

Dhorch' a ghrein, a's a ghealach ; 

A's tha puist na talmhainn air geilleadh, 

'S thuit na reultean gu h-ealamh ; 

Tha obair naduir gu leir ann, 

Dol as a cheile le cabhaig, 

'S cha'n f huirieh ni ach an sluagh sin, 

Nach f haod gluasad no carach'. 

Ach anam, ma fhuair thu, 

Fuil an Uain gu do shaoradh, 

Na bitheadh do chridhe ga d'fhaillin, 

Cluinntinn caramh an t-saoghail ; 

An Ti 's na do chuir thu do dhochas, 

'S e sud a ghloir tha ga taomadh, 

'S e sud na tuiltean a chual thu, 

Thig air an t- sluagh nach d'thug gaol da. 

Ma tha thu creidsinn na firinn, 
'S fuil na h-iobairt ga d' naomhach', 
Ma tha thu 'g aicheadh mi-dhiadhachd, 
S ana-miannaibh an t-saoghail ; 
Ma gabh thu tlachd ann na aitheantaibh, 
'S cuing an t-Slanaighear eutrom ; 
Slan leat tha thu tearruinte, 
'S an Ti 's aird' ga do shaoradh. 



93 

Cluinn guth an Fhir-shaoradh, 
Faic a ghairdean gu h-ealamh 
'Tional dhachaidh nan daoine, 
Rinn e shaoradh o'n talamh ; 
O'n is creutairean naomh iad, 
Thug an gaol da gun mhealladh, 
Bheir e suas iad gu Parras, 
'S chaoidh cha f haillnich a ghealladh. 

Thig e'n sin mar Fhear Posda, 

'S theid na h-oighean 'na choinneamh ; 

'S iad uile a deasach' an lochrain ; 

Ach cha'n 'eil moran diubh ullamh ; 

Tha iomadh aon a chuir dochas 

Ann an lochranaibh falamh, 

Air son gu'n d'ith, a's gu'n d'ol iad 

Aig a bhord air an talamh. 

Ach bheir e suas leis na h-ailleagaiiij 

A's bithidh each dheth sin falamh ; 

A's their e rithis os aird riu, 

So an aireamh rinn faire, 

Lean iad mise gu dilis, 

An staid iosal air thalamb, 

'IS tha mi nise dol ga'n ardach', 

f S mo dheas-lamh dhaibh mar ghealladh 

So an dream a thug buaidh, 
Le fuil an Uain rinn an saoradh, 
Thug iad umhlachd do m'aithneanta, 
Dh'ain-deoin caineadh an t-saoghail ; 
Ge d' chaidh cuid chuir gu bas diubh 
A's trie an sarach' le daoine, 
Cha do smuainich iad m'aicheadh ;-~ 
'S e sud an aireamh thug gaol domh , 

Fhuair mi biadh agus aodach 
O na daoine thu? speis domh : 



94 

'S 'nuair a bha mi gun slainte 
Fhuair mi cairdeach gu leir iad ; 
A's 'nuair a bha mi sa phriosan, 
Rinn iad gach ni dhomh bha feumail, 
'S cha'n 'eil mi nise dol ga'n aicheadh, 
'S gur ann na'n ait chaidh mo cheusadh. 

A shluagh beannuichte m'athair-sa ! 
Thigibh fathast a's eisdibh, 
Suidhibh sios air a chathair, 
Tha ni gratheil ri reiteach, 
Eadar mise 's an sluagh sin, 
Rinn mo bhualadh 's mo reubadh, 
Rinn mo shailtairt fo'n casan, 
'S a rinn gu maslach mo cheusadh. 

An sin caochlaidhidh a ghnuis, 

'S thig ordugh dluth chum an tionail ; 

'S theid luchd an uilc a thoirt dluth dha, 

As gach duthaich a's fine ; 

Theid gach cealgair a rusgadh, 

'S theid na cuiltean a shireadh, 

'S theid gach cogais a dhusgadh, 

'S bithidh iomadh suil ann ri silleadh. 

Theid na leabhraichean fhosgladh, 
'S thig a choguis thoirt fianuis ; 
'S 'nuair dh'f hosglas e am Biobull 
Ni sud an diteadh gu siorruidh ; 
Sluagh mallaichte rinn tair orm, 
Teich gu brath iad o m' fhianuis, 
Cha d'thug iad umhlachd do m'aithneanta 
A's cha do ghradhaich iad riamh mi. 

Chuir iad cul ri mo shlainte, 
A's rinn iad tair-cuis air m' f hirinn, 
*S bha cuid diubh a briseadh na Sabaid, 
A's cuid a caineadh nam firean ; 
Bha cuid ri mionnain a's ri breugain, 
'S an tlachd gu leir ann am mi-run, 



95 

'S ge d' bha cuid air 'n robh cleoc rìhiubh, 
Bha an t-olc an comhnuidh os 'n iosa' 



Sibhse nis tha gu freagairt, 

Air son teagasg na firinn, 

Fhuair tomhas do dh'eolas 

Air nithibh mor a Bhiobuill ; 

Aeh an slighe an pheacaidh, 

'S ann a chleachd sibh bhi 'g imeachd, 

'S chuir sud moran air seachran 

A leantuinn cleachdadh nan sinnsear ! 

Tionailibh chum mo chlith iad ; 
Sud a chrionach gun toradh, 
Cha robh ach sgail aig na daoine, 
'S tha iad eutrom sa chudthrom ; 
Cumaidh ceartas an sas iad 
Gus am paidh iad a m'fhianuis, 
Gu teine-siorruith mo chorruich. 

'S cruaidh an cridlie air nach druigh e? 
Liuthad suil bhitheas gun aighear, 
'S iad a ranaich 's a buraich — 
'S a cuir an cul ris na flaitheas ; 
'S iad ga'n tionail aig Satan 7 
'S an dara bas orra a feitheamh, 
'S ged do dh'eigh iad air trocair, 
Cha'n 'eil dochas ri faighail. 

Slan le Dìa, slan le dochas, 
Tha iad bronach aig eigheach ; 
Slan le rioghachd na gloire, 
Dh'ionnsuidh solas cha d'theid sinn ; 
Slan le cairdean 's luchd eolais, 
A fhuair trocair 's rinn feum dheth ; 
Theid sinne sios le sruth Iordain, 
Do shlochd mor na dubh eigin'. 



ye 

*S bochd an sealladh an sluagh ua, 
Air am fuadach o laithreachd ; 
Air an glacadh le uamhas, 
'S aobhar truas mar a tha iad ; 
Cha'n fbac thu sealladh co bronach 
Cho fad 's bu bbeo thu 'san fhasach, 
'S iad dol a chaith 'na siorruidheachd, 
Ann am piantaibh do aireamh, 

Ach nis shiubhail na daoine ud, 
'S chaidh an gaoir as ar cluasan ; 
'S chaidh an slochd orra a dhunadh, 
'S cha'n 'eil duil ann e fuasgladh ; 
Ach a chuideachd a dh'f hag iad, 
Ann am fabhor an Uain sin, 
Chuir iad an aghaidh air Parras, 
Faic a phairtidh dol suas leo 1 

Faic an aighear 's an solas, 

A seinn nan oran tha taitneach ; 

'S cluinn farum nan aing'libh, 

Le Bean-na-Bainse dol dachaidh i 

Bheir iad steach i do'n t-seomar, 

'Sam bheil a ghloir-san ri f haicinn, 

'S mairg nach bitheadh dheth an aireamh, 

Gheibhadh gras gu bhi 'n taice rithe ! 



GLOIR AN UAN. 

Tha Sion a seinn co binn 's a urrainn, 

Toirt mile urram do'n Uan, 
'S a seinn air a ghaol nach caochail tuille ; 

'S e shaor i buileach o'n truaigh ; 
Halleluiah gu buan aig sluagh nam flaitheas, 

Tha cuartach' caithir an Righ ; 









97 

'S na ieanas an t-Uan de 'n t-sluagh air thalamh 
So am fuaim ni tairis an cridhe'. 

'S airidh Mac Dhè air geili a's urram, 

'S e fè"in a dh'f huiling am bas ; 
'S e chunnaic ar feum 's ar n-eigin uile, 

'S leis fèin bu duilich ar cas ; 
'Sann ghiulan e fein ^u leir na buillean 

7 n d'eirich dhuinne a bhith slan ; 
'S tha a lotan 's a chreuchdan 'g eigheach uile, 

Gach creutair urram thoirt dha. 

B'iongantach saor do ghaol o'n toiseach, 

Do dhaoine bochd a bha caillt' ; 
'Nuair a thainig thu nuas le fuaim an t-Soisgeil, 

'S gun aon neach cosnadh do ghradh ; 
Bha sinne gun Dia, 's gun dion 's gun dachaidh, 

Gun rian, no fasgadh o 'n f heirg ; 
'S a mhallachd gu buan 'g ar ruagadh dhachaidh. 

Gu ouan do lasraichean dearg. 

Ach cheannaich an t-Uan a shluagh o'n tuiteam, 

A's f huair e iuchair a bhais ; 
'S tha slaint' a shluaigh gu buan 'na chridhe, 

'S cha dual dhaibh rithisd bhi an sas ; 
Air Calbhari dh'oil e 'n doruinn uile, 

A's dhoirt e a f huil air an lar ; 
\S a naimhdean bha mor s'ann leon e uile iad, 

'S gu glormhor bhuinnig e 'm blar. 

Tha fuil air ma'n cuairt, 's a ghruaidh lan falluis, 

Sud f huair e an amair na feirg, 
Ach 's gile a bhian no ghrian, 's a gheallach, 

Tha iomhaigh geal agus deag ; 
'S ged luidh e 'san uaigh, thug e buaidh, an cab bag, 

'tì chaidh suas le caithream gu gloir, 
'S shuidh e gu buan mar Uan 'sa cbatbair, 

'S tha sluagh nam flaitheas 'na choir 



98 

'Sea ghaol a bha siorruidh riaraich sinne, 

A's Dia bhi leinne 'san f heoil ; 
A's cupan a ghaol bhi taomadh thairis, 

'S e saor dh'ar n-anam ri ol ; 
Tha buaidh ami na ghradh a dh' arach cloinne, 

Ni 's fearr na bainne agus fion : 
'S an t-anam bhitheas truagh 'ga ruag 's e falamh, 

S' e an t-Uan so baile na dion. 

Tha iocshlaint' 'na bhas, 's a tha slaint' 'na ghealladL 

'S fo sgaile tha commun ri Dia ; 
'S tha feartan gu fas o ghras a sruthadh 

Bheir bas air cumhachd gach miann ; 
Tha abhnaichean solais glormhor fallain, 

Tighinn beo o charraig nan al ; 
So 'm fior uisge beo chuireas ceol 's gach anam, 

A dh'olas glan e mar tha. 

'S e m' fhireantachd shaor, 's mo naomhachd ghlan e 

M' Fhear-saoruidh, 's carraig mo shlaint ; 
Sem' altair, a's m'iobairt-sith, a's mo charaid, 

Mo Righ, mo Shagairt, a's m' Fhaidh ; 
'S ar bhunait chinnt' cloch-chinn na h-oiseann, 

'S e an Ti a choisinn mo ghradh ; 
'S 'n uair thig e ris bidhidh mi ris cosmhuil, 

Ge diblidh bochd mi an trath-s'. 

'S ged luidh mi 'san uir, theid mo dhusgadh rithisd 

Thoivt cliu do Tighearn na gloir ; 
'S an uair theicheas gach duil roimh ghnuis a bhreith 
eamh, 

Tha mo duil ri tighinn na choir ; 
Thig cuirt leis nuas do shlnagh nam flaith'eas ; 

'S bidhidh an t-Uan air cathair na gloir, 
A's tionailidh 'n sluagh, 's theid an uaigh a chr& 
thadh 

Le fuaim an latha bhitheas mor. 



99 

Bithidh cumhachd nan speur, bithidh na neimh 's an 
talamh 

Gu leir dol thairis le toirm ; 
'S theid a naimhdean gu leir o'n treud a sgaradn, 

Nach do gheill air thalamh d'a ghairm ; 
Feuchaibh, dideanaibh breig rinn gu leir am mealladh, 

Theid breug a's faileas air cul ; 
'S bithidh iad ag urnuigh gu treun ris na sleibhte carach' 

'S gu leir am falach o ghnuis. 

Tha guth aig co treun 's gu'n reub e an cridhe, 

'S gu'n eirich crith anns gach feoil ; 
'S their e imichibh uam ris an t-sluagh rithisd, 

Nach d'fhuair e 'n slighe na coir ; 
Deanaibh 'n tilgidh gun dail eadar lamh a's chasan, 

Gu brath far nach faic iad a ghrian ; 
Sud an seal a bhitheas cruaidh 's e mo thruaighe rithisd, 

An sluagh a bhitheas gun dion. 

Ach 's sona gu brath an aireamh bheannuicht', 

O'n bhas chaidh cheannach le Criosd, 
Cuiridh cumhachd a ghrais na lathair gun smal iad, 

'S gu brath cha'n f hannaich an cri' ; 
Ni e an crunadh le gloir, 's robachain, geala, 

A ni an dunadh thairis gu'n sail ; 
T S cha chuimhnich iad bron bithidh 'n doruinn thairis 

'S bithidh an solas maireann 'na lathair. 

'S iongnadh learn fuachd a's cruathas mo chridhe, 

Gach uair a bhitheas mi cainnt ; 
Ma'n ghaol a thug buaidh air sluagh a's cinnich, 

'S nach cualas idir a shamladh ; 
An ni air urn miann le aing'libh beachdach' ; 

'S nach aingidh seachran mo chri', 
Nach gabhadh e tamh gu brath na chuideachd, 

Ma tha mi tuigsinn a bhrigh. 

O'n thig thu gun dail thoir gras gu freagairt, 
'S thoir fas air creidimh a's gradh, 



100 

'S gu caithrfe a's urnuigh lub mo chridhe, 
'S bithidh mo dhuil ri d' thiginn gach trath 

'S tha chruitheachd an duil ri urach' leatsa, 
'S an suil gu beachd ris an la, 

'San saor thu do shluagh o'n uaigh 's o'n seachran, 
thruailleachd, peac', agus bas. 

Ach 's beag chaidh luaidh dheth bhuaidhean tait- 
neach, 

Measg sluagh 's tu 's maisich na each ; 
'S tu 's maisich na ghrian 's tu miann uan cinneach, 

'S do bhriathran sileadh le gras ; 
'S tu fionan nan geug, 's tu reult no maduinn 

'S tu a ghrian a sgapadh na neoil ; 
'S air seachran cha d'theid do threud ro fhada, 

'S tu fèin a tagradh an coir. 

Is tu meangan cliuteach, ur, a dh'fhas fallain, 

'S tu lubadh gu talatnh o ghloir ; 
'S an toradh a ghiulan thu, mo shireas, 

Gheibh Iudhaich 's Cinnich dheth coir ; 
Tha t-ainm mar an driuchd 's n' is cubhraidh no an 
t-oladh, 

'S o d' ghnuis thig solus a's gras, 
'S tha briathrain do bheul mar cheir na meala, 

Toirt sgeul d'ar n-anam air slaint'. 

'S tu Leighich nan gras rri slan na lotan, 

Tha graneil, goirt, agus ciurt', 
'S tu an nathair 'san fhasaich 's airde chaidh thogail, 

Thoirt slaint' do'n phobull bha bruit' ; 
'S tu Prionnsa na Sith, chuireas crioch air cogadh, 

'S an rioghachd a thog thu le d' ghras, 
'S tu bratach nam buadh ni 'n sluagh a thional ? 

Dlia'n dual do leanail gu brath. 

'S tu fèin an ceaun-iuil ni 'n stinreadh dhacbaidh, 
A duthchnnain fad a gu fuath 



101 

'S bithidh do ghras dhaibh as ur mar dhriuchd na 
maiduinn' 

Toirt urach' neart dhaibh gach uair ; 
'S tu leomhami treubh Iudah, 'sflur nan gaisgeach, 

'S tu a dhuisg mach as an uaigh : 
'S bithidh naimhdean do ghloir na'n stol fo d' chasaibh, 

'S do mhorachd marcachd le buaidh. 



'S fear tagraidh thu ; ami an cuirt nam flaitheas, 

Ro dhluth do chathair nan gras, 
'S tu aingeal a chumhnant, 's tuis 'ga masgadh, 

Ni 'n urnuigh taitneach na lathair ; 
'S tu suim do gach samhladh, 's tu ceann na h Eaglais 

'S gach am ni freagairt na h-ait' ; 
'S an Sagairt 's an iobairt chriochnaich annad, 

'S tu brigh a's anam gach sgail. 



'S tu suim agus brigh a Bhiobuill uile, 

A sgriobhadh dhuinne le Dia, 
'S tu beatha gach feoil, 's tn gloir na cruitheacbd, 

'S tu 's oirdheirc chunnaic sinn riamh, 
'S tn grian agus gloir, 's tu ceol nam flaitheas, 

'S tu dortadh maitheas gach taobh, 
'S ged robh siorruidheachd ann gun cheann air 
dhuinne, 

Cha rannsaich uile, do ghaol. 



sibhse a thug speis dha treigibh 'm peacadh, 

'S gach ceum do sheachran an t-sluaigh, 
A's leanaibh e fèin le ceum'aibh seasmhach, 

Toirt geill d' reachdain gach uair, 
bithibh-se naomh, 's thugaibh gaol 'nur cridhe, 

Dha fèin, d' a shlighe, 's d' a shluagh ; 
A's seinnibh an trath-s' le gras air an t-slighe, 

'S ni 's fearr 'nuair bhitheas sibh shuas. 




101 



AN GEATADII CUMHANN. 

*S e naigheachd bhronach a ta ri luaidh, 

A's tha e sgriobhte le firinn bhuan, 
Gur beag tha beo ; 's gu'm bheil sligh 7 na doruino, 

Dluth air domhlach' le moran sluaigh. 

'S e am peae' thug bas oirnn 's a dh'fhag sinn mall, 
'S e mhill sliochd Adhamh, 's a dh'fhag iad dall ; 

B'e mortair treun e, a mharbh gu leir sinn, 
Thug malluchd Dhè oirnn 's na h-uile call. 

Ach Uan Dè rinn e 'n reite a rithis ; 

'S b'e 'n sgeul ro eibhinn gu'n dh'eigh e sith, 
Le fhuil a dhortadh, a's fheoil a reubadh, 

Chaidh lot' sa cheusadh air Calbhari. 

'S tha dorus trocair air fhosgladh saor, 
'S gach neach gheibh eolas air meud a ghaol, 

Cuiridh iad an dochas 'na ainm ro ghlormhor, 

'S cha'n fhaic iad doruinn gu saoghal nan saoghal. 

Anam ma's ail leat bhith 'n son as buan, 

Gabh ris an t-slaint' so 's thoir gradh dha 'n Uan, 
Rach stigh gun dail, 'sann air geata na'n gras so, 

Ma'n d'thig am bas ort, 's gu'm bi thu truagh. 

Oir 's mor do dhit' air na h-uile doigh, 

Ma ni thu dimeas air slaint' co mor, 
Bithidh peanas dubailt do'n dream chuir cul ris, 

'S a lot as ur e 's a bha 'ga leon. 

Ach ma 's aon thu bheir gaol da fein, 

'S air sligh' na naomhachd gu'n lean thu eheum, 
Sonadh gu brath thu, 's cha chiurr am bas thu, 

A's gheibh thu lathaireachd 's gu brath cha treig. 



103 



AM BIOBULL. 



Eisdibh rium-s' ars' am Biobull, 

'S gheibh sibh eolas air firinn bhitheas buan, 
'San aig na naoimh bhitheas mi priseal, 

Ach bheir mi comhairlean dilis do'n t-sluagh, 
'S e 'n Spiorad Naomh rinn an f hirinn, 

Air mo chridhe a sgriobhadh gach uair ; 
A's cha'n atharaich ni dheth, 

Ged theicheadh muir, agus tir, agus cuan. 

Iha na h-Abstoil 's na faidhean, 

'S na h-uile firean a ghradhaich an t-Uan ; 
A cuir an seula gu brath ris, 

'S a dearbhadh uile gu'n d'thainig mi nuas 
S gur mi lochran an t-saoghail, 

'S mi bheir eolas do dhaoin' air an truaigh, 
'S tha mi foillseach' Fear-saoruidh ; 

Dha na braighdean tha 'n daorsa ro chruaidh. 

Ma's e 's nach dorch' iad mo chomhradh 

Le briathrean gun eolas, gun f heum, 
S mise a dh'innseas an doruinn, 

Do gach neach nach d'f huair eolas Mhic DM ; 
Tha iad uile thaobh naduir 

Fo na mhalluchd, 's am bas-tighinn 'na dheigh ; 
S girm bheil corruich an Ard-Kigh 

Air gach neach tha gun ghras fo na ghrein. 

S mar beirear a rithisd iad, 

'S mar d'thoir eolas air Iosa iad beo, 
Bithidh iad gu siorruith fo'n diteadh, 

'S theid an dunadh a Eioghachd na Gloir ; 
Ma's e 's nach creid iad an f hirinn, 

'S mar bi an aithreachas fior air gach doigh, 
Cha bhasaich iad mar am firean, 

'S ann a luidheas iad sios ann am bron. 



104 

Ach an dream a gheibh eolas, 

'S tha creidsinn gach doruinn a t'ann, 
'S tha nise ag eigheach, dean trocair, 

Air neo bithidh sinn an doruinn gun cheann ; 
'N mi direach an seoladh 

Dh'ionnsuidh 'n iobairt as glormhor a th'ann, 
'S cha'n fhailinn bunait an dochais, 

Ma's i 'n f huil a chaidh dhort' air a chrann. 

Ann an gnuis a Fhir-shaoruidh, 

Chi iad trocair, a's gaol ann, a's gras, 
'S bithidh mise a feuchainn a ghaol dhaibh, 

Gus am faic iad co saor 's a tha slaint', 
'S their mi, olaidh gu saor dheth, 

'S e an t-uisge beo th'ann bheir daoine o'n bhas : 
Sibhse tha tartmhor, na caomhnaibh, 

Tha cuan mor ann 's cha traogh e gu brath. 

San dream a chuireas an dochas, 

Anns 'na geallanaibh mor bheir mi dha, 
Gheibh e sith, agus trocair, 

Gheibh e sonas, a's solas, a's gras ; 
Gheibh e bas ann an dochas, 

Eis an ais-eirigh ghlormhor is fearr ; 
'S gheibh e oighreachd 'sa ghloir sin, 

Far nach coinnich e bron ann gu brath. 

Ach tha mi 'g innseadh gu saor dhaibh, 

Chum 's nach meallear na daoine le sgail, 
Gu'm bheil comhar' ri fhaotuinn, 

Air gach neach air 'n do shaoruich mo ghras, 
O'n nach eil iad gun truailieachd, 

Bithidh iad dealluichte air uairibh am pairt : 
Ach bithidh iad naomha 'nan gluasad 

Bithidh iad iriosal, stuama, thar chach. 

Tha iad 'g aicheadh mi-dhiadh'achd, 

'S thug iad fuath clha bhi riarach' na feoil, 






105 

'S tha 'n co-chomunn an uaigneas 
Ris an Athair tha shuas ann an gloir. 

'S iongantas fo'n ghrein sud, 
Mar tha iad gradhach a cheile co mor, 

'S chum anam-ana a shaoradh. 

Gu'n dean iad cosd agus saothair gu leoir, 

'S iad geugan torrach an f hion-lios ; 

'S cha bhi iad mar chrianach gun bhlath, 
'S o'n chaidh an suidheach 'san f hionan, 

Bithidh iad sultmhor 's gu siorruith a fas ; 
Ni iad aoradh d'a riridh, 

Ann an spiorad, 's am flrinn tre ghras, 
'S bithidh iad treibhdhireach dileas 

Anns an aidmheil a ni iad na lathair. 

Ach luchd breug, a's cul-chainidh, 

Misg, a's mionnan, a's ardan, a's strigh, 
Sanntach, neo-ghlan, mi-narach, 

A's luchd-aidich' gun ghras a tha cli ; 
San dream tha bristeadh na Sabaid, 

'S iad le an aingidheachd a fasach' na tir, 
Tha mis' ag innseadh dhaibh tratheil, 

Nach eil cuid ac', no pairt ann an Criosd, 

Nis, gabhaidh foghlum a chairdean, 

'S mise fear-teagaisg is fearr tha fo'n ghrein, 
Cha 'n 'eil duine gun f hailing, 

'S cha bhith 'n leabhar ni 's fearr na iad fèin ; 
Ach 's mise leabhar an Ard-Righ, 

Gun mhearachd, gun failing, no breug, 
Soilleir mar chriostal tha m' fhirinn, 

Ruith mar abhainn bho Righ-chathair Dhè. 

'S mi tobair an eolais, 

'S an dream theid domhain 's a dh'olas gun dith 
'S a bhitheas a creidsinn 'san dochas 

Gu'n dean an Spiorad an seoladh 's gach ni ; 
Ni mi ni 's tuigsich ri 'm beo iad, 

No nan seanairean mor anns an tir, 



106 

Ma bhitheas iad ag urnuigh /s a lenghadh. 

Trie a smuainach 's gur leir dhaibh mo bhrigh. 

Rinn mi fianuis 'san t-saoghal, 

O'n la thug Maois mi o'n uaigh ; 
Ach 's trie a chuir iad gu faoin mi, 

'S trie a sheachain iad m' f haobhair bha cruaidh, 
'S trie a chuir iad gu bas mi, 

Ann an Sodom 's am Babilon thruagh, 
'S trie a luidh anns na sraidean, 

Fo na cosan bu taireil de 'n t-sluagh. 

Ach tha mi nis orra ag eirigh, 

'S chi mo naimhdean gu leir mi dol suas, 
'S tha mo ehairdean fas treubhach, 

'S a cuir an guail'nibh ri cheile 'san uair-s', 
Tha aon aingeal ro threun, 

Ruith learn mar iolar nan speuraibh ag luathas 
'S tha Aingeal eile ag eigheach, 

Thuit Babilon bhreun ann san uaigh. 

A's theid mi gu iomal an t-shaoghail, 

Deanamh sgeul air Fear-saoruidh na'm buadh, 
*S ni mi bhratach a sgaoiladh, 

Chum 's gu'n tionail na daoine ma'n cuairt ; 
Labhraidh mise anns gach canain, 

'S ann air slighe na slainte bhitheas mi luaidh ; 
'S theid na Cinnich a shlanach', 

'S bheir iad cliu agus gradh 's ann do'n Uan. 

'S iomadh neach bha gun dochas ; 

'S iad air seachran gun eolas air sith, 
Rinn mi shoillseach' 's a sheoladh, 

Dh'ionnsuidh oighreachd a's gloir ta gun chrich ; 
'S iomadh cridhe a bha bronach, 

Rinn mi subhach le eolas air Criosd ; 
'S rinn mi glic am fear gorach, 

*S rinn mi cairdean de mhoran bha strith, 



107 

'S iomadh duine a bha aingidh, 

Lan ardan a's gamhlas a's mi-run, 
Einn mi gheilleadh 's a cheannsach', 

'S dh'fhas iad iriosal, gradhach, a's ciuin 
'S iomadh duine a bha fiadhaich, 

'S a cuir an aghaidh na diadh'achd gu chul ; 
Dha 'n d'f heuch mise am Fear-saoruidh, 

'S thug iad geill da, a's gaol agus cliu. 

'S iomadh fear-aidich' a's Pharasach, 

Bha daonnan 'g an ardachadh fèin ; 
Dha 'n d'fheuch mi truaill'eachd an naduir, 

Gus am fac iad an grainealachd fèin, 
Gus an d'eigh iad a bhraithrean, 

Am bheil doigh ann air tearnadh dhuinn fèin, 
'S an uair a dh'f heuch mi dhaibh Slanaighear 

Thug iad urram a's gradh dha, a's geill. 

'S an dream thug gradh do Iehobhah, 

'S mi bu sholus 's bu lochran d'an ceum ; 
'S e mo statain bu cheol dhaibh, 

Anns gach cas a toirt solas dhaibh fèin ; 
Ni mi an stiuireadh 's an treorach', 

Gus an ruig iad an gloir, 's nach bi feum 
Air grian, no coinneal, no lochran, 

'S cha dorch' an la le neoil feadh gach re. 



GEARAN NAN GAEL. 

'San t-seann seanachas, bha Gaeil ainmeil 
Am measg dhaoine b'ainmig an leithid ann, 

Le gaisg a's cruadal, a's creach air uairibh, 
'S bha am fuil co uabhrach toirt buaidh dhaibh 
ann, 



108 

Gun tuigse gun chial ac', ma thimchiol siorruidheachd, 
'S cha cliual iad diadhachd bhi idir ann ; 

Ach baist* a's posadh a's suidh aig orduighean, 
B'e sud an dochas a bha nan ceann. 



Ach cliu gu sonruicht' do Righ na Gloire, 

Tha caochladh mor air tighinn oirnn san am, 
Tha solus ghlormhor tighinn tre na cheo oirnn, 

'S tha an t-uisge beo air dol feadh nan gloann ; 
'S tha 'n dream bha gorach nis 'g iarraidh eolas, 

'S e an eigh an comhnuidh nach d'thig sibh nail, 
A theagasg eolas do Chaledonia, 

Nach bi' sinn doruinneach aig a cheann. 

Sibhs' a fhuair gras gabhaibh truathas 'na thrath dhinn, 

Ma'n d'thig am bas oirnn 's nach bi sinn ann ,* 
Thigibh 's feuchaibh dhuinn rathad tearnaidh, 

Gun eolas tha sinn, 's gun ghras 'san am ; 
'S an luchd-teagasg blath sin, a dheanadh sta' dhuinn 

Air feadh na Gaeltachd tha iad ro ghann, 
'S cha tuig sinn Beurla 's cha leugh sinn Gaelic, 

'S e am peac' 'sam bas rinn ar fagail fann. 

Sibhs' fhuair talann, a's gibht', a's grasan, 

Labhraibh gu dan ruinn gun bhi nar tosd, 
A's sibhse tha saibhir tha feum an trath s' air, 

Nis comhnaibh each, a's na cunntaibh 'n cosd ; 
'S gach neach fhuair gras bithibh 'g urnuigh ghnath, 

Ris 'n Ti as airde' gun tamh, gun chlos, 
Luchd-oibre araidh chuir feadh na Gaelteachd, 

Am feadh a's ta sinn aig stol a chos. 

B'e ar cleachd o'r n-oige bhi aotrom gorach, 
Gun neach a seoladh dhuinn sligh' ni's fearr ; 

Bhitheadh tioDal mor anns na tighinn-ceol dhinn, 
Bhitheadh seinn air orain, bhitheadh sporsa a's gaire, 

Bhitheadh cuid le bosd deanamh mionnan mor ann, 
'S an t-Ainm ro oirdheirc ga luaidh le tair, 






ìoy 

*8 bhitheadh misg a's neoghlaine 'sua tighean 
Sud slighe na doruinn do 'n crioch am bas, 

'S an t-Sabaid gblormhor bu choir a naomhach 7 , 

'$ trie chaith sinn faoin i bho cheann gu ceann ; 
Le cainnt ro dhiomhan ma thimchioll Fianntaibh, 

*S gach gnothach timail a bhitheadh 'nar ceann. 
Air cnuic a's air sleibhtean, 'sna tighean ceilidh, 

Bhitheadh sinn le cheile a tional ann ; 
Ach cha b'e 'm Biobull a bhitheadh 'ga leughadh, 

Ach faoin sgeul air nach d'thigeadh ceann. 

'S ag uair na h-urnuigh bhitheadh an sluagh fhuair 
iul air, 

A tional dluth dh'ionnsuidh cathair nan gras, 
'S bhitheadh iobairt churaidh o chridhe bruite ann, 

'S Aingeal a chumhnant 'ga chuir 'na lathair ; 
Ach sluagh gun churam, rachadh 'sna cuiltean, 

Mar theid na bruidean a ghabhail tamh, 
Gun leughadh, gun urnuigh gun seinn air cliu dha, 

'S b'e sud an duchas bha measg nan Gael. 

Bhitheadh eagal mor orra roimh na bochdainrij 

'S iad faicinn moran diubh nach bitheadh ann ; 
Bhitheadh gisreag 's orrachain 's seachnadh chomh- 
laichean, 

'S moran seolaidhean ann nan ceann 
Bhitheadh aca Sitheachean aims gach sithan, 

A bheireadh sios leo mnathan 's clann, 
'S bhitheadh cuid a bruadar 'san sluagh 'ga mhineach 

'S gun ghuth air Biobull bhith idir ann. 

Nach truagh ri innseadh gu'm bitheadh na millteann, 

Do dh'anamain priseal co anabarra dall, 
'S gu'n d'theid iad direach an aghaidh na firinn, 

'S nach creid iad ni dheth a bhith gu 'n call, 
Sibhse tha cur Bhiobuill 's luchd teagaisg firinneach, 

Dh'ionnsuidh Innseanaich tada thai], 
Nach cuir sibh pairt diubh 's gach eilean Gaelacii, 

^ir's truagh bu brath dhmnn ma bhithcas sinn 



110 

0'n dh'fhuilling losa, a's gu'n deach a cneusad. 

'S gu'n d'thuirt e fèin gu'm b'e sud a mhiann, 
Gu'm bitheadh an fhirinn 'ga cuir an ceill 

Dha na h-uile creutair tha fo na ghrian ; 
Nise, nam bitheadh Biobull an lamh gach creutair, 

Tha toil gu leughadh ann nach robh arm riamh ; 
"S nam bitheadh an fhirinn 'ga cuir an ceill duinn, 

^achadh sinn 'ga h-eisdeachd ge b' ann air sliabh 

A's ma gheibh sinn eolas air 'n Aon ghlormhor, 

Rinn f huil a dhortadh air Calbhari ; 
Cuiridh sinn ar dochas 'na iobairt mhor-san, 

'S bheir esan coir dhuinn air slaint' gun dith , 
Ni e ar treorach' o shlighe na doruinn, 

'S ar cos a sheoladh air slighe na sith ; 
7 S focal Iehobhah bitheadh dhuinn 'na lochran, 

A's cha 'n e na seolachain tha gun bhrigh. 

Righ nan Sluagh ! 'se's fearr 'san uair so, 

A bhi sealltuinn suas riut a'd ionad tamh ; 
A's mar eisd an sluagh ruinn, a Righ gabh truas 
dhinn, 

'S ar gearan truagh thigeadh ann do lathair ; 
D'n tha thu beo, a's gur toil leat trocair, 

Thoir dhuinne eolas 's ann air do ghras ; 
Ach cia mar labhradh sinn air an doigh sin, 

'S ann air do mhorachd a rinn sinn tair. 



Ach c'ait an d'theid sinn, no co ni feum dhuinn, 

Cha'n 'eil fo 'n ghrein na ni dhuinn sta', 
Ach Uan Dè, o'n 's e phaigh an eiric, 

Le meud an eifeachd a bha 'na bhas ; 
S ma gheibh sinn sgeul air 's gu'n dean sinn fcum 
dheth, 

'S gu'n dean thu eisdeachd ruinn air a sgath, 
Bitheadh sinn fa dhion, 's theid sinn as o phiantaibk 

A seinn gu siorruidh air cliu do ghrais, 



Ill 



COMHAIRLE DO'N 02CÌE. 

Bheirinn comhairle do'n oigndh, 

'S tha mi an dochas a's an duil, 
Gu'n d'thig an gras a bheir beo iad, 

'S gu'm faigh iad eolas a's iul ; 
Gu'n d'thoir iad gradh do Iehobhah, 

Gu'n d'thoir iad gloir dha a's cliu, 
Nuair nach cluinn iad mo chomhradh, 

'S a bhitheas mi comhnuidh 'san uir. 

Nis eisdibh an traths' rium, 

Sibhse a chairdean tha og, 
'S mise gu cinnteach 'ur brathair, 

Chaidh tre gach pairt dheth 'ur seol ; 
Oir ged bha mi ri urnuigh, 

A's trie fo churam o'm oige, 
'S ann do'n pheac' bha mi geilleadh, 

A's cha do cheus mi an fheoil. 

Ach mo dhuil 'san Fhear-shaoruidh, 

O'n bha ghaol co ro mhor, 
Gu'n deach a mhathadh gu saor dhomh, 

'S gu 'm bheil m' Fhear-saoruidh nis beo 
S Grian a's sgiath e gach la dhomh, 

'S ann fo sgail bhitheas mi beo, 
I 's ann tha bheatha na f habhor, 

A's gealladh araidh do'n oige. 

Mheud 's a dh'iarras mi tratheil, 

'S a bheir gradh dhomh nan oig', 
Bheir mi gaol dhaibh nach failinn, 

Bheir mi gras dhaibh a's gloir ; 
Bheir mi sonas gach la dhaibh, 

A's ni mi an arach ri m' beo ; 
'S gheibh iad cinnteach mo laithreaclid 

1 ^^1 tre fhasach nan deoir. 



112 

Bitheadh mo ghairdean man cuairt daibfe, 

A's bheir iad buaidh anns gach ceum, 
'S cha d'thoir namhad chaoidh uam iad, 

Tha mo ghuaillibh co treun, 
Ni iad m'fhirinn 's mo bhuaidhean, 

Measg an t-sluaigh chuir an ceill. 
'S bitheadh mo shuilean gu buan orra 

'S iad na h-uain air an treud. 

chlann ! na deanaibh tair air. 

O'n 's e am bhas bhi cuir cul 
Ri Fear-saoruidh co grasmhor, 

'S gur e Ard Righ nan dul ; 
Dhoirt e f huil chum 'ur tearnadh, 

'S thug am bas e do'n uir : 
'S ma's e 's gu'n creid sibh 'na thrath am 

Bithidh sibh gu brath seinn a chliu. 

! nach leugh sibh a chomradh, 

A's bheir e bron air 'ur cri, 
Mar chaidh lotadh 's a leonadh, 

A's fhuil a dhortadh gun dith ; 
Tha gach namhaid an toir air, 

'S fuil, a's feoil, ris a strith, 
Ged nach d'rinn e riamh foirneart, — 

Righ na trocair 's na sith. 

Faicibh, chairdean 'ga threigsinn, 

'S a naimhdean treum tha ro dhian, 
'S 'nuair bha 'm buachail 'ga cheusadh, 

Sgap an treud air gach sliabh ; 
Faicibh anam ga reubadh, 

Le claidhe geur ceartas Dhia, 
'S 'sann 'san uair sinn a dh'eigh e 5 

na treig mi mo Thriath ! 

pJach eil 'ur cridheaclian og, 
Nise an toir air a ghaol, 



113 

'S gu'n robh e fèin co ro dheonach, 
tS gu'm beil a throcairean saor ; 

Bheir e saibhreas gu leoir dhuibh, 
A's iomadh solas faraon ; 

'S bheir e oighreachd an gloir dhuibh 
'S fearr gu mor dhuibh no'n saoghal. 

Chlann a ghaol thugaibh geill da, 

'S leanaibh a cheuman gu dluth, 
'S deanaibh 'm peacadh a threigsinn, 

'S e sud a cheus e air tus ; 
O'n phaidh e 'ur n-eiric, 

Thugaibh geill dha a's cliu ; 
'S cruaidh 'ur cridhe mo theid sibh 

'Ga cheusadh as ur. 

*S ma theid sibhse chuir dail ann, 

Ribidh each sibh 'na'n lin, 
A's bithidh na miannaibh fas laidir, 

'Nuair theid an arach' le tim ; 
'S iomadh innleachd th'aig Satan, 

'S tha sruth ar nadur ruith sios, 
A's ged mheall iad an traths' sibh ? 

Bheir iad 'm bas aig a ehrioch. 

Is mor buannachd na h-oige 

A gheibh eolas air fèin ; 
Bitheadh tuilleadh tim agus treoir ac', 

Gu oibribh mor chuir an ceill ; 
Bheir sud gu onoir ro mhor iad ; 

'S bithidh tuille gloir dhaibh air neamh 
'S air feadh an la ni iad solas 

Ann an trocairean Dè. 

Dh'iarr Ioseiph a's Maois e, 
A's thug iad gaol dha nan oig', 

'S b'fhearr leo masladh an Fhir-shaoruidh, 
Na bhith na'n daoine ro mhor ; 

B'fhearr leo coir 'san Fhear-shaoruidb 
A's ann na ghaols' a bhith beo, 



114 

Na na solasain faoine, 
Bh' ann an saoghal nan deoir. 

Dh'iarr Righ Daibhidh gu luath e, 

Is e 'na bhuachail ri treud, 
'S gu sean aois rinn e luaidh air, 

'S chuir e bhuaidhean an ceill ; 
A's an ni thug subhachas mor dha, 

Chuir e 'n oran dhuinn f&n, 
'S iomadh cridhe ro bhronach, 

Dha an d'thug iad solas 'na dheigh. 

Ged bha Solamh air arach' 

'An ailgheas gu leoir, 
'S e 'm Fear-saoruidh a b'fhearr leis, 

'S thug e gradh dha 'na oig' ; 
Tha Ghna-f hocail ro fheumail, 

Anns gach ceum dh'ionnsuidh gloir 
'S ann 'na chainnt' tha mor eifeachd, 

A stiuireadh ceuman na h-oig'. 

Bha Ieremiah a's Samuel 

Nam faidhean gle og ; 
S air son a bhi leantuinn na firinn 

Fhuair iad trioblaidean mor ; 
'S an aghaidh aingidheachd na tire 

Thug iad firinn gu leor ; 
'S bhitheadh iad 'g urnuigh os iosal ? 

A's trie ri mi-ghean a's bron. 

B 'og losiah ga iarraidh, 

Ochd bliadhna do dh'aois, 
IS ged bu Righ e a bha riaghladh, 

Bha e diadhaidh maraon ; 
jNuair a leughadh e an fhirinn, 

Bha chridhe dileas a's maoth, 
'B thug e aingidheachd na tire 

1-tu bhi fo chis air gach taohfa. 



11* 

» cm sibh Timothi rithis, 

Bha creideamh fior ann bho oig 
Sheol a mhathair dha 'n f hirinn, 

'S bha e dileas ri bheo ; 
A's ged bha Iosa, air a cheusadh, 

Thug esan speis da bha mor, 
Bha e leantuinn a cheuman, 

A's bha e feumail do Phol. 

chlann ! cuiribhs' ur dochas 

Anns an trocair tha saor, 
'S leanaibh an eiseimplair ghlormhor, 

Th'aig an t-seorsa thug dha gaol ; 
Ged their each gu bheil sibh gorach, 

'S gur trath gu leoir dhuibh bhi naomh, 
Gur bochd bhi siubhal co bronach, 

Gus an toisich an aois. 

A eh 's fearr dhuibhse a bhi ciallach, 

'S a bhi fo dhion ann an tim, 
No bhi 'n cunnart nam piantaibh, 

'S a dhol gu siorruidh an dith ; 
7 S fearr siubhal 'na f habhor, 

'S a dhol gu bas ann an sith, 
Na na h-uamhasan gabhaidh, 

Bhitlieas coinneach chaich aig a chrieh, 

'S fearr codal mar fhirean, 

J S dusgadh rithis 's a bhi beo ; 
No bhi basach' fo 'n diteadh, 

'S eiridh rithis ann am bron ; 
Is fearr dusgadh na iomhaigh, 

'S a bhi mar ghrian ann an gloir, 
No a bhi fulang gu siorruith 

Anns na piantaibh ro mhor. 

Slan leibh nise a chairdean 
V) ! pun dail, bithibh naomk 



116 

Ged a dh'fhuilingeas sibh tarcuis, 
Air a sgath bho chlann-daoin', 

Cinnt', ni siorruidheachd an aird sibh, 
Ann am Paras a ghaoil, 

'S cha bhi bron, 's cha bhi bas ann, 
'S gheibh sibh a laithreachd gu saor. 



OR AN D'ON AOIS, 

Air dhomh bhi smuainach' air m' ionndrainn, 

Thachair seann-duine liath orm, 
'S thug mise urram do'n aois, 

A's bha esa' co faoilidh 's a dh'iarrain ; 
Ach 's e mheudaich mo bhron, 

Gur e seann storaidh a dh'iarr e, 
'S ged bha a neart uile air f hagail, 

Cha robh cail aig do 'n diadhachd. 

'S e so na smuaintean a dh'eirich, 

Mo thruaighe leir ! mar a ta thu, 
'S truagh nach d'fhuair thu bho t-oige 

Fior eolas air slainte ; 
N'an d'fhuair, 's e bheireadh dhuit solas, — 

Naigheachd glormhor ma'n t-Slanaighear, 
'S bhitheadh tu seoladh mo cheuman, 

Le comhairle f heumail a b'f heaird' mi. 

Bu shona dhuit ann a t-oige 

N'an d'fhuair thu coir 'san Fhear-shaoruidh 
J S gu n d' chaith thu neart agus treoir ; 

Chum a ghloir-san a sgaoiladh, 
Bhitheadh tu 'n diugh mar bu choir dhuit, 

A' tighinn beo air a ghaol-san ; 



117 

A's bhitheadh toradh a's blath ort, 
Ged a thainig an aois ort. 

Bitheadh tu foillseach', a ghloir-san 

Do'n al og a tha 'g eiridh ; 
'S do cheann liath na chrun gloir dhuit, 

O'n bhitheadh eolas Mhic Dhè ann ; 
Bhitheadh tu 'g iarraidh an Ard Righ, 

A's bhitheadh a laithreachd 's gach ceum leaf 
A's o'n 's e d' charaid a b'fhearr e, 

Bhithidh tu 'g arach' nan treud aig. 

Bhitheadh sith, a's sonas, a's dochas 

Dol an comhail a bhais ann ; 
A's thigeadh aing'libh o'n gloir, 

Chum do threorach' gu Paras ; 
An sin bhitheadh t-aoibhneas co mor, 

'S nach eil neach beo a ni aireamh, 
A's cha d'thigeadh aois ort no leonadh, 

Ach siorruidh beo ann na laithreachd 

Ach 's ann a tha thu a'd chrionach, 

'S do cheann liath dhuit 'na naire ; 
'S e ag innse nam ficheadan bliadhna 

Chaith thu gun Dia anns an fhasaefc 
Chaith thu madainn na h-oige, 

Ri cluiche, sporsa, agus gairich ; 
A's ged thug an latha do threoir uat, 

Tha thusa co feolmhor 's a bha thu. 

'S o'n a thainig an aois ort, 

'S e nithe an t-saoghal bu Dhia dhuit ; 
Bha thu 'gan ruith mar a dh'fhaod thu, 

'S cha d' rinn a h-aon diu' do riarach 1 ; 
Tha thu 'n diugh air do sharuch', 

'S cha dean each mar is miann lent, 
Tha thu t-eallach do d' chairdean, 

'S do dhroch nadur 'g am pianadh. 



118 

Ach is e sgeul is ro chraitich 

Gu'm b' eil am bas ort a tighinn : 
'S gu'n toir thu cunntas mar bha thu, 

Ann an lathair a Bhreitheamh ; 
Bheir thu cunntas ma d' ghluasad, 

Do chainnt, a's smuaintean do chridhe, 
A's iomadh trocair bha luachmhor, 

'S gach gairm a fhuair thu gu tighinn. 

An sin chi thu le searbhas 

An earn feirg bha thu tional, 
'S an eallach trom nach gabh giulan, 

Bheir sios gu dluth thu gu peanas ; 
'S bitheadh sud a meudach' do dhoruinn, 

An t-al og bhi 'ga d' leannal, 
S le d' eiseimpleir 's do sheoladh, 

Gu'n d' rinn thu 'n treorach' 'sa mhearachd. 

Ach tha trocair ann fathasd, 

Am feadh 's tha latha na slaint* ann, 
Tha sonas siorruidh ri f haotuinn 

Ceart co saor 's a ni gr» p * 
O'n chaidh an obair a ennoennach', 

Ni na milltean a thearnadh, 
*S a thionndai'eas moran o'n seachran, 

Do na peacaieh is graineil. 

Ma's e 's gu'n creid thu an fhirinn, 

Bheir an iobairt ud beo thu, 
'S bheir i fireantachd bhuan duit, 

A's athnuadhaichidh t-oige ; 
Theid a ghaol feadh do bhuaidhean', 

'S ni thu uaill ann na mhorachd, 
S bithidh fuil an Uain duit co priseal, 

'S gur e do shith e 's do dhochas. 

r S ged tha 'm peacach ceud bliadhna, 
Gach latha riamh fo na mhalluchd, 






Ma philleas e gu bhi' diadhaidh, 

Ma'n aon-uair-deug gheibh e beannachd, 

Fhuair an gaduich' saor throcair, 
'Nuair bha 'n deo ann gu fannach, 

'S chi sibh rithis a' mac stroghail, 
Fhuair e trocair gim cheannach'. 

Ach ma theid thus 1 a chuir dail ann, 

'S gu 'm b'eil am bas co ro dhluth dhut, 
Theagamh gu'n duisg thu a maireach, 

'S latha nan gras air do chulthaobh ; 
Chaill thu 'n latha a bha soillseach, 

'S tha sgail na h-oidhche air do shuilean, 
Chaill thu am foghar 's an samhradh 

'S tha stoirm a gheamhraidh tighinn dluth 

'S mor tha choslas a bhais, 

Air t-aghaidh, 's dh'fhail'nich do dheudach 
Tha chraobh Almon fo bhlath, 

'S na daoine laidir a' geilleadh ; 
Dh'f hai'lnich nigheanaibh a chiul, 

A's cha 'n 'eil surd ort 'gan gleusadh, 
Tha crith a'd lamhan 's do cheann, 

'S dh'fhas thu mall ann do cheum'nan. 

's mithich dhuit dusgadh, 

Ma's an duin ort na flaitheas, 
Tha cudthrom t-anam ri fhaotuinn, 

Air snathain caol 's e air caitheamh ; 
'S duillich learn mar tha thu, 

'S an dara bas ort a feitheamh, 
Ma's e 's nach bi' thu fo dhion, 

Mu'n d'theid a ghrian ort a luidhe. 



120 



DAN AN FHIREAN, 



'3 their learn gur sona 'n aireamh 

Tha fagail gleann nan deoir, 
'S tha dol gu luath do 'n aros 

Tha uile, Ian do ghloir ; 
Far nach claoidh am bas, 

'S nach d'thig namhad air an toir, 
'S nach cuimhnich iad mar bha iad, 

'Gan sarach' anns an f heoil. 

O'n 's e 'n t-Uan thug speis dhaibh 

Cha treig e iad gu brath 
'S gun do cheannaich e dha fern iad, 

Bha 'n eifeachd sin 'na bhas ; 
Bu toilicht phaigh e 'n eiric, 

'S e fèin a thoirt na'n ait, 
Se fuil na h-iobairt-reitich ; 

Ni feum dhaibh anns gach cas. 

Rinn e o'n lagh an tearnadh, 

'S an fiachan phaigh gu leir, 
'S a naimhdean chuir fo shail'ean ; 

Bha ghairdean laidir treun, 
'S dhoirt e spiorad grais orra, 

'Nuair chaidh ardach e fein ; 
A's dh'ath'raich sud an nadur, 

Gu'n d'thug iad dhasan speis. 

O'n chreid iad ann a fhirinn, 

Bha 'n inntinn dol na dheigh, 
A's f huair iad e ni's priseal 

Na ni sa-chruinne-che ; 
Be 'n cliu 's an onoir ard sud, 

Gu'n d'thug iad dhasan speis ; 
A's gu'n do mhiannaich iad gu brath, 

Bhi \s an aite 'sam bitheadh e f&n 



121 

13 math dhaibh nis gu'n d'fhuair iad 

Co luath dol as an fheoil, 
'S a dhol a stigh do'n t-shuaimhneas, 

Far nach bi luaidh air bron ; 
Bithidh iad gun smal gun truaill'eaehd, 

Ma'n cuairt do'n Chathair mhor ; 
'S bithidh h-uile neach thug buaidh ann 

'S an t-Uan 'na uile ghloir. 

Cha toir corp a pheacaidh 

Air seachran iad ni 's mo, 
'S cha bhi iad mar a chleachd iad, 

A' gleachdadh ris an fheoil ; 
A's saigh'dean teinnteach Shatain 

Gu brath cha tig 'nan coir ; 
'S cha'n f haigh mi-chreidimh ait' ann, 

Le laithreachd Righ na gloir. 

Nan smuaintean olc a's diomhain, 

Bha riamh 'g an cuir fo leon, 
*S na h-aignean mi-rianail 

Nach striochdadh dha na choir ; 
Gach latha bochd a's cianail, 

Le 'n grian a bhi dol 'sna neoil, 
Theich sud mar sgail na h-oidhche, 

A's shoillsich orra an lo. 

Cha ghearain an luchd-aitich, 

Air tinn, no bas, no truaighe ; 
Tha craobh na beatha fas, 

Ann am meadhon Pharais shuas ; 
'S tha duilleagan co aluinn, 

'S gu'n slanuich iad an sluagh, 
T S tha toradh feadh gach la oirr', 

'S fo sgail tha sonas buan. 

*S trie bha iad laisd' le solas, 
An gleann nan deoir so fèin, 

Ach 's trie a thigeadh neoil air, 

'S bhitheadh iad fo bhron 'na dheigh 



122 

{ 
Ach nis tha la mor ac\ 

'S an solasan cha treig, 
*S iad seinn ni *s binne mar mhoran, 

Na smeorach measg nan geug. 

'S ann nis tha 'n sonas buan ac\ 

'S iad snamh an cuan a ghaoil ; 
'S iad faicinn gloir an Uain sin, 

'Gan cuartach' air gach taobh ; 
Cha'n f haca suil, 's cha chualas, 

'S cha deach a luaidh le daoine, 
Gach sonas thaisg e suas dhaibh, 

'S gu'n d'f huair iad e gu saor. 

*S trie bha 'n sonas ard, 

*S an co chomunn blath le cheil 1 , 
'Nuair thionaileadh na braithrean, 

'S iad seinn air grasan Dè ; 
Ach sgap iad rithis do 'n fhasach, 

'S rinn sud an cradh gu geur, 
'S is trie a sgar am bas iad 

chaidreamh blath a cheile. 

Ach 's math dhaibh 'n latha a dh'f hag iad 

Am fasach as an deigh, 
\S an d'f huair iad dol do'n aros 

Anns am bheil laithreachd Dhè ; 
Far am bheil na cairdean, 

Nach sgar gu brath o cheiP ; 
'S an gaol air nach d'thig fuarach', 

Co buan, ri cathair Dhe\ 

'S trie a mhill e 'n suaimhneas, 
'S a dh'fhag e 'n gruaidh fo dheoir, 

Bhi chomhnuidh measg an t-sluagh sin, 
Bha gluasad reir na feoF, 

'Gam faicinn ruith gun smuaineach, 
Gu luath dh'ionnsuidh broin r 



123 

Air son gu'n do chuir iad suarrach 
An t-Uan le uile ghloir. 

Ach 's sona 'n dream a dh'f hag iad, 

'S a theich gu Paras Dè ; 
Cha'n fhaic iad neach toirfc tair dha, 

No bristeadh aitheantean fèin, 
'S e th' ann an dream a bhuadhaich, 

'S a lean an t-Uan 's gach ceum, 
A's thiormaich e bho 'n uair sin, 

'n gruaidh na h-uile deur. 

Cha bhi 'n dream f huair gras 

Deanamh tair air aon a cheil', 
Cha bhi roinn, no pairtidh ann, 

No neach gun ghradh do cheil', 
Tha seachranaidh na fasaich 

Air f hagail as an deigh ; 
'S cha bhith Pol no Barnabas 

A sarach aon a cheil'. 

Sibhse rinn ar fagail, 

'S a chuir am bas 'nar deigh, 
Cha'n eagal leibh gu brath nis 

Gu'n caill sibh fabhoir Dhè : 
Cha bhi buaireadh Shatain, 

No failinn annaibh fèin, 
'S cha d'thig Righ nan uamhas 

'Nar smuaintibh feadh gach re. 

Fhuair sibh crun a's oighreachd, 

'S tha 'r n-aoibhneas pailt gu leoir, 
'S gu cinnteach tha sibh saibhir, 

Mar oighreachan na gloir ; 
Tha ghrian an comhnuidh soillseach, 

'S cha d'thig an oidhche 'nar coir, 
'S an t-IJan ar caraid gradhach 

'S le laithreachd bithidh sibh beo. 



124 

Rinn e air sgeadach' rioghail 

Le fireantachd a ghrais ; 
'S cha d'thig sibh dh'ionnsuidh diteadh, 

Chaidh air firinneach' le bhas ; 
A's dh'fhag sud e co priseil 

'S nach bi sibh sgith gu brath, 
Toirt moladh agus cliu dha, 

Le oran ur gach la. 

Ged dh'fhag sibh sinne bronach, 

An gleann nan deoir 'nar deigh, 
Cha'n ann mar dhream gun dochas, 

Nach comhlaich sinn a cheiP ; 
Tha sibhse an diugh co sgiamhach 

'S co geal ri grian nan speur, 
'S 'nuair bhitheas an obair criochnaicht', 

Bithidh sinne triall 'nar deigh. 



HIGH NAN UAMHAS.— BAS AN AINGIDH. 

Fhir theagaisg, cluinn e, 's gabh suim do reir. 

Tog suas mar thrompaid do ghuth a's eigh 
Ri sluagh gun eolas, tha nis a dhomlach' 

Air slighe na doruinn, 's gach feoil mar fheur. 

Na caomhain le truas iad, thoir fuaim gun dail, 
'S leig ris an truaighe an latha nan gras, 

Ged tha iad uasal, 's an inntinn uabhrach, 
'S e 'n t-aobhair truais iad 'nuair thig am Las. 

Tha J n duine truagh dol 'san uaigh gun dail ; 

Thig Righ nan uamhas 'ga chur an sas ; 
Ni tinn a bhualadh 's bithidh 7 n eigh chrnaidh aig, 

An saol sibh shluagh an e so am bas. 



125 

Tha piantaibh cruaidh air toirt uam mo chail, 
Tha crith is uamhann air tighinn a'rn dhail, 

Tha toirm a'm chluasan, is m'fheoil air fuarach', 
An saol sibh shluagh nach e so am bas ? 

Tha nis mo shuilean air tionail sgleo, 

'S ann nis tha'n saoghal dhomh faoin gu leoir, 

Mo thruaighe-leir ! gu'n d'thug mi mo speis dha ; 
'S nach dean e feum dhomh 's mi 'n eiginn mhoir. 

Mo neart 'gam fhagail 's mi falbh gu dluth, 

Mo chridhe a failinn a's mi gun lus, 
'S mar gleidh sibh seoladh a chumas beo mi, 

'S 'nt-siorruidheachd mhor a tha 'm beachd mo shuil. 

'S ann orm tha 'n t-uamhas roimh uair a bhais, 
'S mo dhochas truagh teicheadh uam mar sgail ; 

Cha'n 'eil mi 'n ordugh gu dhol thoirt comhail, 
Do 'n bhreitheamh mhor bheir gach feoil 'na lathair. 

Ach tha mo dhochas a trocair Dè, 

Cha robh mi 'm phoitear no deanamh bhreug, 
Mo ghniomh 's mo chomhradh ni 's fearr na moran 

'S cha deanainn foirneart air neach fo'n ghrein. 

Mhaith mise mi fèin do gach creutair beo, 
'S mi truasail deirceach ri neach fo leon, 

A's ged bhuaidhich am peac' air uairibh, 

Trid laigse a's buaireadh cha b'ann de'm' dheoin. 

Thilg iad gle og mi air trocair Dhè, 
A's lean a throcair mi anns gach ceum, 

A's dhith a's dhol mi 's ann aig a bhord-san, 
'S le dichioll mor bha mi deanamh 'n reit. 

Ach tha mise gun suaimhneas an deigh gach ni, 
'S nach seol sibh shluagh mi, ciod e tha dhi ; 

Tha chogais bheo-sa toirt uam mo dhochais, 
'S tha eagal doruinn toirt uam mo shith. 



126 

Tha mo coridhe 'g innseadh nach bi mi beo, 
'S gu'n d' rinn mi di-meas air slaint' co mor, 

Nach do chreid mi 'n fhirinn ma thimchioll Iosa, 
'S nach robh e priseil dhomh riamh 'san fheoi>. 

S irri 'n t-anam truagh nis do 'n dual am bas, 
Cha deach' m' ath-nuadhach' an latha nan graa 

Ged thuirt an fhirinn gum bheil gach firean, 
Air bhreith rithisd ann an latha na slaint'. 

Do aitheantaibh naomh-san cha d'thug mi geill, 
'S do shligh' na naomhachd cha d'thug mi speis ; 

'S cha d'fheuch mi cairdeas, no gradh, no firinn, 
Do 'n dream bha dileas 'ga leantuinn fèin. 

Aon tart no iarrtas cha robh a'm chom, 

'S ann dhomh-sa bha 'n diadhachd na h-eallach tron*. 
'S mo chridhe 'sas anns an ni rinn m' fhailinn, 

'S e sud rinn m' fhagail an diugh co lorn. 

Tha saighdean geur a' dol tromham dluth, 

Ach, ! an t-sorruidheachd tha 'm beachd mo shui, 

Nam faighinn dail a's thighinn a rithisd gu slainte, 
Gu cinnteach dh'fhasinn a'm chreutair ur. 

Nach bi sibh 'g urnuigh 's gum bheil mi beo, 
Ri Righ nan Dul o'n tha throcair mor ; 

Ach tha mi failinn, slan leibh a chairdean, 
Tha mise gu brath gu bhi ann am bron, 

Nis dhorch' mo shuilean le sgail a bhais, 

Nis chi mi chuis mar a bha e radh, 
Tha teine mor ann, 's an sluagh 'g an rosdadh, 

Gun suil ri trocair air feadh gach al. 

Ma 's duine beo thu nach cluinn thu 'n eigh, 
Nach creid thu an fhirinn a's dean do reir, 

Air neo gu cinnteach cha d'theid do thearnadh, 
'S e sud am bas gus an d'thig thu fein. 



127 



CARAID IS DLUTHAIDH NA BKATHAIE. 

Nach mithich dhomh a bhi toiseacb 

'S a cantuinn oran ur, 

Mu'n Ti rinn f huil a dhortadh 

r S a ghloir bha 'na ghnuis : 

'S e 'n caraid e a b'f hear dhomh 

Na each 's na h-uile cuis 

'S e 's dluthaidh lean na brathair, 

'S e ladair air mo chul. 

Ach cia mar ni mi cainnt air 

? S gun samhladh dha fo'n ghrein ; 

'S nach d' f huair mi teangaidh Ainglibh 

A's lasair ghraidh do reir ; 

'S na'n d'f huair cha bhithinn sgith 

Dheth bhi sior 'ga chur an ceil ; 

7 S ag innseadh am measg na'm firean 

Gach ni rinn e dhomh fern. 

A shlanaighear ro ghlormhor ; 
Mo threoir ge'd bha mi mall, 
Bu tu fear-stiuraidh m'oige 
Gu m' threorach anns gach ball ; 
'S na 'n d'fhag thu mi 'san uair sin 
Bu truagh dhomh bhos a's thall, 
'S mi cluich air bruach ain-eibhinn 
'S nach bu leir dhomh an call. 

Cha d'f huair mi comhairle Parannt, 
A's braithrean cha robh ann, 
No neach ghabh curam tra dhiom, 
Chaidh m 1 f hagail anns a' ghleann ; 
'S ged bha mi measg mo chairdean 
Cha b'abhuist daibh bhi cainnt 
Air ni 'n taobh thall do'n bhas 
Dheanadh sta dhomh aig a cheann. 



128 

Ach bha do spiorad stri rium 

\S bha diteadh annam fèin ; 

'S chuir sud mi dh' ionnsuidh Bhiobuill, 

A dheanamh sith a's reit : 

Chuir sud mi dh' urnuigh an uaigneas 

'S mi buachailleachd na treud 

'S bhitheadh m'inntinn tighinn fo bhuaireaa 

A's uamhasan ro gheur. 

Ach thuitinn 'sa mhi-churam, 
A's mhuchainn Spiorad Dhè ; 
A's mar neul na maidne shiubhladh 
Gach dusgadh bh' annam fèin ; 
'Nuair thachrainn ris an t-sluagh 
Bhitheadh cuir suarach nithibh Dhè 
Labhrainn agus ghluaisinn, 
Do reir an gluasad fèin. 

An sin theicheadh Maois 's na Faidhean 

'S gach Brathair fada uam ; 

'S iad call an duil gu brath dhiom 

'S mi diultadh gras an Uain : 

Ach cliu gu'n robh gu brath dhuit 

A shlanaighear na'm buadh ! 

Lean thu anns gach ait mi, 

Gu 'm thearnadh as gach truaigh' 

Lot do shaighdean geur mi 

A's dh' eigh mi air son sith ; 

'S dh' f heuch thu dhomh mar geillinn 

Gu'm b'eigin dol an di ; 

Thuig mi gu 'm b' f haoin mo dhochas, 

'S gu'n robh mo sheolan clith 

'S gu'n robh mi 'n cunnard mor 

A bhi 'n doruinn gun chrich. 

An sin bheirinn geill gun dail 

Do na h-aitheanntean anns gach ni ; 



129 

Streapainn beinn Shinai, 

Ga b'ard i, airson sith ; 

A's thoisich mi co ladair 

Ri peac' a's bas ri stri; 

Mar neach an cunnard bathadh, 

*S e snamh gu bhi air tir. 

Ach bha 'm peac 1 a buadhach, 
A's suaimhneas cha robh ann ; 
A's bha na tonnan uabhrach 
Gu luath a dol thar mo cheann : 
r S bha Satan 'ga mo bhuaireadh 
Gu teicheadh uat san am, 
Aig radh gu 'n robh mi gorach 
A's nach robh dochas aim. 

Bhitheadh e fiaradh a Bhiobuill 

'S e feuchainn milltean sluaigh, 

A's cuid dhiubh nan luchd mineach 

Gun suim do ni dheth an t-sort: 

A's thuirt e 'n sgrios thu an sluagh sin 

Gun trnas ri sean no og ; 

'$ gu'r Pharasaich ro uabhrach 

Luchd aidich fuar fo chleochd. 

Ach thainig thu gam' chomhnadh 

'Nuair dh'fhalbh mo threoir 's mo bhuaidh ; 

A's chaisg thu 'n sin an sort ud 

Bha 'n toir air m' anam truagh : 

A's dh'fheuch thu Dhe do ghloir 

Na thug solas dhomh car uair ; 

Chaidh an dream bha g'am sharach 

A bhathadh 'ga Mhuir Rnagh. 

Sheinn mi 'n sin le solas 

'S e oran Mhaois 's an Uain, 

Mar neach a bhitheadh a chomhnuidh 

'Sa ghloir a ta bi-bhuan 

i 



130 

Gun chuimhne air truailleadh naduir 
No tart na fasaich chruaidh ; 
Oir bha mo chomhnuidh 'n trath sin 
Fo sgail an Ti thng buaidh. 

Ach thug thu mi do'n fhasach, 
Gu sluiohd a's arois gharbh ; 
'S bha dris is droigheann fas ann 
'S bha uisge Mhara searbh ; 
A's dh'fhuaraich gradh mo chairdean, 
'$ bha each ruim ann am feirg, 
On thug mi geill dha t-atheantibh 
'S ri 'n gnathain nach do dh'earb. 

An sin dh'fhoillsich thu do ghloir dhomh. 

'S bha maise gu leoir a'd' ghnuis ; 

'S 'nuair thuirt thu mair-sa beo, 

'S ann rinn m' anam solas ur : 

On rinn thu t'fhuil a dhortadh, 

Mo neart 's mo dhochas thu, 

Mo shith 's mo dhaighneach laidir, 

Mo shlainte 's mo cheann iul. 

Thuirt thu 's leor mo ghras dhuit, 

Bi laidir 's bheir e buaidh ; 

'S cha dit' aon neach gu brath thu 

'S gu'n do phaigh mi tuille 's luach , 

Ghleachd mi ris a bhas 

Gu d'thearnadh o gach truaigh ; 

A's tagraidh mi do chuiseabh, 

Ann an cuirt nam flaitheas shuas. 

Lean-sa mi gach uair, 

Agus gluais an slighe Dhè ; 

'S cuir t-eallach air mo ghuailean 

Oir tha iad buadhach treun ; 

'S ged bhith'd thu sgith 'san fhasach 

Bithidh neart san la do reir ; 

'S bithidh do thaic ri fear do ghraidh, 

'S cha'n fhag mi thu 's cha treig. 



131 

'8 'nuair rinn mi 'n seachran aicheadh 
'S na gnathain gun fheum, 
Dh'fhuaraich gradh mo chairdean, 
A's clann mo mhathair threig ; 
'S bhitheadh na naoimh toirt tair dhomk 
'Nuair dh' fhaillneadh mo cheum ; 
Ach gheibhinn-sa do lathaireachd, 
'S tu b' f hear na iad gu leir. 

Nis togam m' Ebeneser, 

A's seinneam fèin do chliu ; 

Oir gus an uair so f&n, 

Cha do threig thu mi co-dhiu : 

'S c'arson nach bitheadh mo dhochas 

A'd ghealladh mor 's gach cuis ? 

Gu'n toir thu mi thar Iordan, 

'S gu'm faigh mi gloir a's cliu. 

Na'n deanadh tu mo threigsinn, 
'S nach bitheadh tu fèin rium blath 
Co dh'ionnsuidh a theid mi ? 
Oir cha'n 'eil feum an each ; 
Cha'n 'eil ni fo'n ghrein 
Ris nach d' fheuch mi airson slaint 1 
Ach 's lighichean gun fheum iad 
'S dhomh fèin cha d'rinn iad sta. 

Dh 7 fheuch mi ri sligh' na doruinn 

A's cha robh solas ann, 

'S ri da mhaighstir comhladh, 

A's bha mo dhochas fann ; 

'S ri slighe na fèin-fhireantachd, 

A's cha robh sith dhomh ann ; 

Bha binne bais a'm chluasan, 

Gam' ruag 's gam' ruith gu teann. 

Ach 's grian 's a sgiath do lathaireachd, 
A's Lheir thu gras a's gloir ; 
'S na gheibh bhi ann a'd fhabhor 
Bheir thu dhaibh slainte mhor ; 



132 

'Nuair bha thu ann an sith ruirn 
'S e thuirt mi gun gho, 
Gur tu is tearmunn dileas, 
'S mo chuid an tir na'm beo. 

Mo charaid thu ! na fag mi, 

'San f hasach stuir mo "cheum ; 

Thoir neart da reir an la dhornh, 

Na fag-sa mi 's na treig ; 

'S 'nuair ni tinn mo bhualadh, 

'S nach dean an sluagh dhomh feum ; 

Dean thusa mo leabaidh suaimhnach, 

A cluinntinn luaidh ort fèin. 

'S 'nuair bhitheas an saoghal sgith dhiom, 

'S gun ni ri dheanamh ruirn, 

Bhitheadh 'ra bas na theachdair sith dhomh 

Gu'm thoirt air tir a nunn ; 

Theid mi a sealladh chaich, 

A's mo ghuth gu brath cha chluinn ; 

Ach bheir do ghairdean laidir 

Mi tearuinnt thar na tuinn. 

'Nuair thionaileas mo chairdean 

'San uaigh gu'm charamh sios, 

Bitheadh 'n uaigh na leabaidh thamh dhomh, 

Gus an latha an tig thu rithis ; 

Bi dluth throimh gleann a bhais dhomh, 

'S a ghaoil na fag-sa ini, 

Gus 'm faic mi ann do ghloir thu, 

Fad siorruidheachd mhor gun chrich. 

Dean trocair air mo chairdean 

A dh' f hagas mi a'm dheigh ; 

'S bitheadh mo chuid uan 'g an arach 

Fo dhubhar sgail do sgeith : 

Tog fein luchd teagaisg blath dhaibh ? 

Ni 'n comhnuidh sta do'n treud. 



133 

'$ hi ci 's dluthaidh dhaibh na bratbair 
kiv feadh an laith' fo'n ghrein. 



TOBAR NAN UISGEACHAN BEO. 

'S e mhiadaich truaigh chlann daoine 
Gu'm bell iad faoin ann am bar ail, 
'S iad 'g iarruidh 'n sonais 'san t-saoghal, 
Far nach d' fhaod iad a bhi mai rearm : 
Thainig mallachd do rireadh 
Air gach ni th' air an talamh, 
'S cha'n 'eil sonas ri f haotuinn 
Anns na faochagan falamh. 

Co bi thuigeadh mo storaidh, 

Tha cuid dheth bronach ri aithris ; 

Chaidh mo mhealladh gle oga, 

'S air slighe na doruinn mo tharuinn. 

'S rinn toilinntinean feolmhor, 

Trie mo threorach 's mo mhealladh, 

Mach o thobar mo sholais 

Ge d' bha e 'n comhnuidh cur tharais. 

Bhuail pathadh gle og mi 

Arson solasan peacach ; 

'S cha robh tobar dheth an t-seor's sin 

As nach d'ol mi dol seachad ; 

A's cha do rinn iad mo riarach, 

On bha m' iartas co farsuinn ; 

'S ann bha iadsan co neo-dhianach 

'S gu'n do mhiadaich iad tart dhomh. 

Ach dh' f hosgail tobar na slaint' dhomh 
Anns an f hasaeh bha tartmhor ; 



134 

Bhuail e charraig is thainig 
Deoch rinn sta dhomh air m' astar s 
'S ann a tobar tigh Dhaibhidh 
A thug do ghras dhomh an nasgaidh , 
Na riaraich m' anam neo-bha,smhor 
'S a chaoidh go brath cha bhi tart air. 

Dh' fheuch thu aingeachd mo chridhe dhomlij 
Bha o's iosal am falach, 

S cha toireadh m'oibrichean sith dhomh, 

3ha gach ni dhiubh co salach : 
Ach 's e uisgeachan Shiloh 
Fuil na h-iobairt thug barachd ; 
'S ann an sud tha 'n eifeachd 
Chum mo chreuchdan a ghlanadh. 

Ann am meadhon gach trioblaid 
'Nuair bhitheann sgith le mo thuras, 
Fhuair mi deoch as an fhior-uisg', 
Chuir air di-chuimhn' iad uile : 
Bhitheadh do ghealladhain firinnach 
Ro phriseal dhomh uile ; 
'S bhitheann a cuimhneach' air an tiir. 
Anns nach bi mi-ghean no mulad. 

Bhitheann a cuimhneach cho suaimlmeach 
'S a tha 'n sluagh sin chaidh dhachaidh, 
'S a tha 'n diugh ag ol as a chuan ; 
'S cha leag an t-Uan a chaoidh tart orra 
Cha bhi 'n gruaidhean fo dheoir. 
A's bas no bron cha tig faisg dhaibh 
Ri taobh na'n uisgeachan beo sin, 
'S iad uile ag ol as gu farsuinn. 

Bha mo chreuchdan cho graineiJ, 
'S truailleachd naduir co salach ; 
'S cha robh mi siubhal mar b'ail leum 
Le crop a bhais bhi callach ; 



135 

Ach bhitheann cuimhneach an la sin 
Anns an tar mi dhol thairis, 
Gu bhi sealbhach do lathaireachd 
Anns an aite nach bi smal air. 

Bhitheadh luchd aidich gun ghras ann f 
Bhitheadh luchd tarchuis a's fanaid, 
£l toirt iomadh buille bha sarach 
Roinn do'n ardan a bh' annams' ; 
Ach 's e Caiptean mo shlainte 
A lean le gairdeachas m' anam 7 
Airson gu'm b' fhiu mi bhi tarail 
Air a sgath-sa air an talamh. 

Trid bais a's trioblaidean geur 

Chaidh e fèin air an toiseach ; 

'S a mhiad 's a lean ann na cheuman 

Thug sud gu deuchainnean goirt iad ; 

Ach is sonadh 'n diugh 'na lathair iad 

'S glan a shlanaich e 'n lotan ; 

Cha tig luchd aingidheachd gn 'n sarach 

No sgeul gu brath chuireas spot orra. 

Bhithinn sona air uairean 
Measg do shluaigh air an talamh ; 
Ach 's trie a dhealaich an uaigh sinn ; 
'S a rinn n'ur truailleachd n'ur sgaradh ; 
Ach gheibhinn beagan de shuaimhneas 
Le bhi smuaineach mu'n latha 
Anns an cruinnich an t-Uan iad, 
Gu leir ma'n cuairt do'n righ chathair. 

'Nuair a gheibhinn do lathaireachd 
Bhithinn radh le Ian f hios air ; 
Gur sona 'n sluagh a thug gradh dhuit, 
'S nach robh thu d'fhasach do Israel ; 
Shaoilinn gum faicinn a'd' ghloir thu 
Air na neoil tighinn a'rn fhiosrach 



136 

'S bhithinn toilichte gu teor 

A dhol ad chomhail le misneach. 

Ach bha mo shoitheach co deothacb 

Gun 'n t'uisge beo ud a chumail ; 

Cha mhaireadh sud ach car moment, 

A's bhitheadh an f heoil 'g iarraidh fuireafth ; 

Ach 'nuair theid mi thar Jordan, 

Cha bhi bron ann no mulad ; 

'S bithidh mi faicinn do ghloir, 

'S mo ghrian gun neoil a chaoidh tuille. 

Ach 's aobhar mulaid ri smuainach 
Na tha deth shluagh air am mealladh, 
Chaith an saothair 's am buaidhean 
Gun f bios no suaimhneas air thalamh ; 
S iad diulteadh 'n fhior uisge bheo so, 
'Sam bheil solas gun ghainne, 
Chum an uireasbhuidh riarach, 
Tha mil, a's fion, agus bainne. 

Learn is sona an aireamh 

A fhuair gras gu bhi tarruing, 

Sith a's sonas gach la, 

A tobar slainnt' nach bi falamh, 

Theid iad gu talamh Chanaan, 

'S bitheadh 'n tobair Ian 's a cuir thairis, 

'S iad ag ol do 'n abhuinn tha aluinn, 

'S i ruith air straidaibh na cathairach. 



ORAN NA MISSIONARIES. 



Tii A 'n soisgeul buadhach air sluagh gun ghras, 
'Si,n dream nach cual e n'an clann do'n bhas, 
Tha iad an comhnaidh gun Dia *S gun dochas 
Adhi obhail eolais air sligh' na slainnt. 



137 

Nach aobhair bron leibh na sloigh ta marbh, 
S iad cur an dochas an iodhail balbh, 
Ach co a theid a thoirt sgeul ma'n nan dhaibfa, 
Thair muir a's cuantean a's rathad garbh. 

Cluinn na h-oganich dh' fhas co treun, 
A\g radh le solas 's e sinne a theid, 
Mo shaoilas sibhse gun d'fhuair sinn grasan, 
A's gibht a's talant a ni dhaibh feum. 

Tha 'n spiorad stri ruinn 's cha bhi sinn mall, 
Togail nar tir a's gach ni a t' ann, 
Thoirt sgeul m'an fhirinn do dh' anaman priseil, 
Tha feadh n'an Innseachan fada thall. 

Buaidh gu brath leibh air muir 's air tir, 
Theid mic na'm faidhean le sgeul na sith, 
Siubhlaibh gu dluth bitheadh nar casan sgiamhach, 
Gus 'n eirich grian air na duthchan shios. 

Bithidh sinne 'g urnuigh on tha sibh 'm feum, 

Righ n'an dul a bhi leibh 'sgach ceum, 

'S bheir sinn dhuibh foghlam 's gach comhnadh 

dh'fhaodas, 
A chum bhi a saoithrach 'sna duchan cein. 

Tha nis an long togail suas n'an seol, 
Gun 'n toirt thair chuantainn a's tonnaibh mor, 
? S iad air an traigh gabhail cead do 'n cairdean, 
Nach fhaic gu brath iad an tir n'am beo. 

Slan leibh a chairdean 's a luchd nar gaoil, 

Theid sinn do dh' Africa 's gach ait 'm bheil daoine, 

Siubhlidh sinn China ga mor an tir i, 

'S air feadh nan Innseachan 's feadh an t-saoghail. 

Na bithibh bronach 's na deanibh caoidh, 
Tha an obair glormhor na solas naoimh, 
'S ged thig am bas no ged rach nar bathadh, 
Bithidh sinne tearru'innt le Righ na'n Righ. 



138 

Ach 's mor an smuainach riar truailleacbd fein ; 
'S a dol measg sluagh 's nach eil eagal Dè*, 
IS mo threigeas Dia sinn bithidh sinn gun dian, 
A measg sluagh co fiadhaich ri eoin nan speur. 

'S e an sluagh a thearnadh th'againn mar chrioch, 
'S mo bhitheas a ghras leinn cha d'theid sinn cli, 
'S tha sinn an duil gu'm bi esa' na dhian duinn, 
Oir 's e tha riaghladh air muir 's air tir. 

Earbaibh gu leir sinn ri Righ na sith, 

'S bheir sinne sgeul dhuibh 'nuair theid sinn tir, 

A's bithidh an sgeul ro ghlormhor air sluagh tighinn 

beo ann, 
A chuireas solas air feadh nur cridhe. 

'S theid sinn gu fasaich taobh thall a chuain, 
A dh'ionnsuidh Africa 's gheibh sinn sluagh, 
A ruitheas ruisgte feadh nan coilltean dluth sin, 
Gun neach toirt iul daibh air sonas buan. 

'S ri taobh n'an abhnaicheann ni sinn tamh, 
'S le moran gradh thig iad faisg do lamh, 
A's cuiridh sinn an geil dhaibh sligh na firinn, 
'S bidhidh iad co siobhalt ri aon do chach. 

'S 'nuair gheibh iad eolas air gloir an IT a in, 
Bitheadh gradh gu leor aca dha fèin 's d'a shluagh, 
Bitheadh naomhachd fas ac' bithidh maise a's blathas 

ac' ; 
A chuireadh naire air luchd aidich fuar. 

'S na bhitheas nan traillean diubh aig an t-sluagh, 
'S iad trie gan sarach gun iochd gun truas, 
Ni 'n cridhe gairdeachas anns an t-slanaighear, 
'S 'nuair thig am bas ni iad sonas buan. 

'S theid sinn gu Innseanaich dubh gu leoir, 
'S bithidh teas na grein a toirt uainn nar treoir, 
Far 'm beil an sluagh their gu'n d'fhuair iad tearnadb f 
Mo theid am bathadh 'san abhuinn mhor. 



1S9 

Far 'm beil na banntraichean gann gu leor, 

Le bhi ga'n adhlac 's ga'n losgadh beo, 

Fagaidh iad clann gun bhi a gabhail truas diubh 

'S cha'n fhaic sibh 'n gruaidhean a' chaoidh fo dheoir. 

Theid sinn le sgeul daibh o Righ nan dul, 

Ma'n ti chaidh chensaidh 's a luidh sa'n uir, 

'S bheir gaol Mhic Dhè iad gu 'n cleachd a threigsinn, 

A's bithidh gach te dhiubh na creutair ur. 

A's do dh' Arabia sinne a theid, 

Feadh iomadh duthaich 's Ierusalem fein, 

'S tha sluagh gun aireamh air feadh nan aiteanns' 

Toirt geill mar b'abhaist do'n fhaidh bhreig. 

Chuir Mahomed cleoc air le iomadh breug, 
'S le 'm fuil a dhort' thug e an sluagh gu geill, 
A gealltainn solas a reir na feol' daibh, 
'S an t-siorruidheachd mhor far am bi e fein. 

Ach gheibh iad eolas air aon mhac Dhè, 
Rinn f huil a dhort' air an son gu leir, 
Is esa am fear-saoraidh 's mo bheir iad gaol da, 
Ni fhuil-san naomh iad 'san t-saoghal-s' fein. 

'S theid sinn gu comhnard Orrissa 'n t-ait, 
'S am bi milltean sluaigh timchioll Iuggernaut, 
A's iad gun chiall fo na cuibhle striochda, 
'S cuidthrom na h-iomaigh ga'n cur gu bas. 

'S e sud an dochas 's e sud an dian, 
'S b'e 'n sealladh bronach an sluagh gun chiall, 
Bithidh cuid leth-bheo ami 's na coin 's na h-eoin ann, 
Ag itheadh am feoil h-uile la sa bhliadhn'. 

Theid sinn a thoirt luaidh dhaibh cho truagh 's tha 'n 

cleachd, 
'S gu'n glan fuil Iosa o na h-uile peac*, 
Bratach an uain cuiridh sinne suas i, 
'S tionaillidh 'n sluagh bhitheas a gluasad na reachd. 



140 

S theid sinn gu tuath chum nan cuanntean reot', 
'S a dh'ionnsuidh beanntean an t-sneachdaidh mhoir, 
'S air feadh na'm beann gheibh sinn sluagh nacli gann 

ann, 
'S cba d'thainig samhradh thug dhiubh an cleoc. 

Tha cridhe fuar ac' gun truas ri ni, 

Leir-sgrios 's truaighe gach uair gun sith, 

'S e 'n cleachd mar b'abhaist bin measg nan Gael, 

An neach tha laidir cur chaich fo chis. 

Slan leibh a chairdean theid sinn gu luath, 
Thoirt sgeul air slaint dhaibh 's air gradh an Uain, 
Eiridh grian nan gras a's fo sgiath bithidh slainte, 
A's leaghadh cridhe blath aca 'sna h-aitean fuar. 

A's gu sliochd Abraham theid an sgeul, 
Gu caoraich chaillte tigh Israel. 
On rinn iad tairchuis air Iosa o Nasaret, 
Scap' sud 'sgach ait iad fo chorruich Dhè, 

Tha iad taireil 's thug each dhaibh fuath, 

Ach tha an t- 4rd Righ ga'n cumail suas, 

'S iad dol ni 's lionair 'nuar theid am pianadh ? 

'S cha d' mhaisg iad riamh ann a' measg an t-sluaigh. 

Lean iad na sgail'ean 's tha an duil gach uair, 
Gu'n d'thig Mesaiah 's gu d' thoir e buaidh, 
Ach innsidh sinn dhaibh gur e a thainig, 
'S gur e a bhasaich an aite an t-shluaigh. 

Creididh iad fèin gur e sud an Ti 

M'an do sgriobh na faidhean 's Daibhaidh an Righ, 

'S bithidh maise gu leor ann 's bithidh gloir thsir 

chaich ann, 
'Nuair a thig na sgail'ean bhar an cridhe. 

Gach cinnich lubaidh a's bheir dha geill 
^'s thig na h-Iudhaich gu 'n duthaich fèin, 
S ga b'e bhitheas beo chi iad laithean glormhor, 

'Nuair sgaoileas eolas 's gach ait fo'n ghrein. 



141 

Ma thug an t-Ard-Righ a mhac e ghloir, 
Gu uir a bhais agus fhuil a dhort, 
Co i a mhathair a dhiultadh dhasan, 
Am mac ab' allain bha riamh 'san fheol. 

Faic na suil nis g'an togail suas, 

'S iad uile 'g urnuigh ri taobh a chuan, 

'San cairdean bronach 's iad nis toirt pog dhaibh, 

A's nial nan deoir air na h-uile gruaidh. 

Tha na mathraiohean 'g radh le bron ; 

Slan gu brath leibli an tir nam beo 7 

Tha an cridhe a fasg 's iad g'an gramach ladir^ 

Ris a broilleach bblath rinn an arach og. 

*S a phiuthar ghradhach cha an fhearr a doigh, 
Air son a brathair si fasg 1 nan dorn, 
'S a falbh air lamh leis a's eis ga fagail, 
'S a cridhe failling le gradh 's le bron. 

Thug an t-Athair gaol dhaibh 's cha'n fhaod iad tamh s 
Sgar e o cheile iad e fdin le lamh, 
A's ged tha e treun a cumail air fèin, 
Tha chridhe reubadh co mor ri each. 

'S tha 'n dream thug gradh dhaibh air son an Uain, 
Toirt sealladh blath orra dol thun a chuain, 
'S an dream gu h-araidh bha 'n coman blath riu, 
Tha iad ro chraiteach bhi tionndadh uath. 

Ach dh'fhalbh iad dluth nis le surd gu fetim, 

'S tha each ag urnuigh 'san suil n'an deigh ? 

Righ n'an sluagh bhith-s 'a dhaibh mar bhuachail, 

'8 gleidh thus' na-h-Uain ud gach taobh a theid. 



AN T-AIT BH'AIG EOIN. 

fè i nighinn Shion 's fearr dheth, si fhuair am fabhor 

mor, 
A bhi tighinn a nuas o'n fhasach, a's fear a graidh 

na coir, 
Cha'n iarrains tuille fabhoir na grais an tir na'm beo ; 
Ach luid.li air uchd an t-Slanaighear, an t-ait ann 

'san robh Eoin. 

Bhitheadh am broilleach blath sin g'am arach 's 

bhithinn beo, 
Le neart n'an briathrean grasmhor rin iarraidh b'f hearr 

nan t-or. 
Bhitheadh m'anam air a shasach le pairt do'n aran bheo, 
'Nuair gheibhinn bhi fo sgail-san an t-ait ann san robh 

Eoin. 

Cha b'eagal learn an tra sin gach namhad th'air mo 

thoir ; 
'S gu 'm be do ghairdean grasmhor mo neart 's mo 

shlaint', 's mo threoir. 
Cha sgaradh beath' no bas mi gu brath o ghaol co mor, 
Bha cordan graidh co laidir, san ait ann san robh Eoin. 

Cha chuimhnichinn an trath sin air sarach gleann nan 

deoir, 
A.'s trioblaideanna fasaich cha bhitheadh an drasd cobeo ? 
Be 'n gaol nach gabhadh aicheadh, a bhitheadh an 

drasd' g'am leon, 
A.ir son nach robh mi airidh air an ait a bha aig Eoin. 

'Nuair thaisicheadh mo nadur le nair a's roinn do bhron, 
Airson gu 'n robh mi granail an aird o laithean m'oig', 
'S ann bhitheadh a lamh gu grasmhor a tiormach 'n 

aird nan deoir. 
'S aig radh 's leor mo ghras dhuit 's gu 'n d'fhuair 

thu an t-ait bh'aig Eoin, 



143 

Dh'innsinn da le firinn gach ni bhitheadh ga mo leon, 
A's dhortaiim mach mo chri dha, a's bhitheadh nl 

shith ro mhor, 
A's theirinn fear mo ghraidh ris gu brath amhaireas beo, 
Na duisgibh e gus an ail leis, 's gus d'fhuair mi 'a 

t-ait bh'aig Eoin. 

A's 'nuair dh'fhailineas mo bhuaidhean, 's mi dol 

thoirt suas an deo, 
Cha dean Righ nan uamhas, mo sgaradh uat 's thu 

beo, 
'Nuair bhitheas mo chridhe failing 's mi fagail gleann 

nan deoir, 
Bu mhath an leabaidh bhais sud bhi ann 'san ait 

bh'aig Eoin. 

T S mo dhuisgeas mi na iomhaigh fo dhion 'san lath 

mhor, 
'S e f&n na sgail 's na ghrian dhomh, 's mi riaruichte 

gu leor, 
Ohaithinns ann an t-siorruidheachd, 's cha'n ; iarrain 

tuille gloir, 
Ach suidhe sios fo sgail 'san an ait ann 'san robh Eoin 



AN T-AON MI FEUMAIL 

'S e gradh an t-saoghail a's gaol na feola, 

An Iodhal-Aoraidh chaidh thaobh le moran, 

'S e dh'fhag iad faon mu 'n fhear-saoraidh ghlormhor, 

*S thug dh'ionnsuidh bhais iad gun Dia a's gun dochas. 

Ach raoghnaich Mairi an t-aon ni feumail, 

Bhitheas feadh na siorruidheachd a deanamh feum dhi, 

'Nuair sgar am bas o gach ni fon glirein i, 

Bha cuibhrionn buan aic' 'san uan chaidh cheusadh. 



144 

Bha Mairi 's Martha 's am brathair Lasarus, 
N'an triuir bha ionmhuinn le los' o Nasaret, 
Bha iad maraon a toirt caidreamh blath dha, 
'S bha an cridhe taomadh le gaol 's le gradh dha. 

Bha Mairi deonach bhi 'n comhnuidh 'g eisdeachd, 
Nam briathran grasmhor bha blath o bheul-san, 
Shuidh i fo sgail-san a's dT has i eibhinn, 
A's chaill i cail do gach ni fo'n ghrein so. 

'S e bha i 'g eisdeachd o bheul fir-saoraidh, 
Man aon ni feumail 's cha leir do dhaoine e 7 
A's chail i cuimhne air gun robh i 'n saoghal, 
'Sam feum a mhuinntir bhi 'n comhnuidh saothraoh. 

'S e so bu chomhradh dhi ris an t-saoghal ; 
^ha'n fhear do sholasan dhomh na plaosgan. 
/ha m'anam solasach ann na ghaol-san, 
'S is maisich dhomh-sa e na clann nan daoine. 

Na duisgibh 'n drasta e tha ghradh ga 'm lionadh, 
Oir 's fasgadh blath o gach stoirm a's sian e, 
'S e an t-uisge beo e 'nuair bhitheas mi cianail, 
'S 'nuair thig an toir orm 's e 'm baile dion e. 

A Mhartha ! Mhartha ! nach eisd thu bhriathrara, 
O'n 's fhearr no 'n t-or iad ri bhi ga'n iarraidh, 
Nach sona an t-ait bhi gu brath na fhianuis, 
A sealbhach laithreachd trid al na siorruidheach. 

Ach dh'eirich Martha a's chuir i seol air 
Gach ni bha feumail ; bha speis co mor dhaibh ; 
a's bha i a strith ris gach ni a bhi 'n ordugh, 
A's uailsean Israel aig a bhord aic\ 

Ach chaill i cail dhaibh a's dh'fhas i feinail, 

'S thuirt ri fear saoraidh mo thug thu speis dhomh, 

Nach d'thoir thu ordugh do Mhairi eirigh, 

'S bhi deanamh comhnadh a's moran feum air. 



145 

Mhartha ! Mhartha ! 's e thuirt e fein ri, 
Tha iomad ni gad' chur troimh-cheile, 
Ach feuch nach dibir thu 'n t-aon ni feumail, 
Dh'f hag Mairi siochail on ; s i bha 'g eisdeachd. 

'Sean t-anam ailleagan airidh chreutair, 
'S mu bbitheas e tearuint' se ? n t-aon ni feumail, 
A's an dream a dh'f hagas e fo 'n an-eibhinn, 
Bithidh bron a's bithidh bas ac gu brath na dheigli sin. 

Thainig am bas air na h-uile chreutair, 
'S tha truaigh fas anns na h-uile ceum dhaibh, 
Ach nis tha slainnt anns an Ti chaidh cheusadh, 
Co saor 's is ail leibh do'n dream a dh'eisdeas. 

'S e an t-aon ni feumail bhi faighail eolas, 

Air Uan Dè phaigh an eirig mhor sin, 

Le chorp ga reubadh a's f huil ga dortadh, 

'S an shaor e shluagh o gach truaigh a's doruinn. 

So 'n t-aon ni feumail nach treig gu brath iad. 
Ni math ; s gach ceum dhaibh 's theid trid a bhais leo, 
Bhitheas feadh na siorruidhachd na thobar slainnt' 

dhaibh 
Toirt sonas buan daibh nach cualas aicheadh. 



ERATIIA AN DUINE. 

Tha guth Iehobhah ; g radh " Eigh ! » 

Tha gach feol mar am feur, 

Sinn uile siubhal le ceum'naibh luath, 

Mar neach ag innseadh a sgeul, 

Tha nar tim fo'n ghrein, 

Tha sud toirt cinnt dhuinn gur feur an sluagh. 

K 



146 

Bithidh e sa mhaduinn fo blath, 

'S nise mar lili a fas ; 

No mar na rosan is aillte snuadh, 

Ach shearg an duiJleag gun dail ; 

'S dh'fhalbh a mhaise dheth mu thrath, 

'S gann gun d'f huiraich a bhlath car uair. 

Tha sinn mar fhaileas co dhiu, 

Gun ni ach sealladh na sul 

Gabhail seachad mar smuid theid suas 

Theid sinn thairis gun dail 

Mar f haoin fhaileas no sgail, 

An diugh air thalamh, a's maireach 'san uaigh. 

Tha sinn air turas a's sgith 

Car oidhche fuireach 'san tir, 

? S an tigh mhor 's nach eil sith na doigh : 

A's aig bris' na faire a rithis, 

Tha sinne a fagail gach ni 

'S cha'n f baic iad tuille sinn 'n tir nam beo. 

Tha sinn aig oirigh on uir, 

Thoirt aon sealladh le 'r suil 

Air sluagh tha siubhal gu dlath 's na roid : 

'S 'nuair gheibh sinn sealladh do 'n ghleann 

'S na h-uile diomhanas a th'ann ; 

Tha sinn a falach nar ceann fo'n f hoid. 

Tha nar beatha air a rohin, 

Mar aislinn na li-oidhche ; 

Trie fo thrioblaid a's roinn do shith : 

Ach 's beag an ceum a ta ann, 

A's bith nar reis aig a ceann 

Feuch is bruadair th'ann 's gach ni. 

Dh'fhalbh Methuslah fèin, 
Euith e dluth anns an reis, 
Dh'fhalbh a neart agus gheill e do'n uaigh ; 



147 

'S dh'fhalbh na linn'ean gu leir, 
'S an dream a b'ainmail fo'n ghrein, 
? S tha sinne dol air an deigh gu luath. 

'S ma f huair iad eolas air gras 

Thug dhaibh dochas na'm bas, 

Tha iad sona gu brath arm an aìtih ; 

Ach ma's e thachair na ait 

Nach robh aca ach sgail, 

Cha chuir iad ceart nise ua dh'fhug iad cli. 

m'anam bi sgith ; 

Dheth gach faileas a's nl 

Tha thu faicinn ann an tir nam beo ; 

'S taisg t-ionmhas san tir 

'Satn beil sonas gun chricn, 

Dean do chuibhrionn do liigh na gloir. 

Dean do roghainn gac'h uair 

Dbeth bhi leanntuinn an Uain^ 

Anns gach ceum anns na ghluais e fèin : 

'S e Fear-saoraidh nam buadh, 

Thoir do ghaol da gach uair 

'S bitheadh do chridhe dol suas na dheigh. 

Bitheas e dhuit na bhaile dian 

gach stoirm agus sian ; 

? S ni e do sgeadach gu sgiamhach ur ; 

'S do chionta salach gu leir 

Ni e am falach e fein 

f hradhrac ro gheur a shul. 

Ma's neach thu ? sam beil ciall, 

Na bi'sa socrach do mhiann 

Air ni nach dean dian dhuit thall ; 

Ciod an tairbh ann duit fèin 

Ged f haigh thu an saoghal gu leir 

Ma bhitheas t-anam a's tu fèin air an call. 



148 

Thus' tha og arm do lath 

Gabh'sa eolas air gras, 

Ma'm bi do chridhe an sas aims an t-saoghal 

Gabh'sa tlacbd ann na thratli 

Ma's an tig ort am bas, 

No mam caill thu do chail leis an aois. 

7 S thusa oganaich threw), 

Na dean uaill asad fern ; 

Lean an t-Uan agus geill na thratli ; 

Tha mi bas a sior thighinn mum cuairt, 

? S ged dhean thu stri bheir esa' buaidh, 

'S bheir e sios thu do'n uaigh mar chach. 

No ma's maighdean thu th'air 

Bhi ni's boidhche na each 

Cha'n eil do mhaise ach mar bhlath an f heoir : 

Gabh'sa tlachd ann an Dia, 

A's gheibh thu maise agus sgiamh 

Gu bhi soillseach mar ghrian ann an gloir. 

'S ma thug an aois dhiot do threoir, 
Na idir an-shocair mhor 
A's ma's aill leat bhi og a rithis, 
Teich gun dail dh'ionnsuidh an Uain, 
'S bheir e gras dhuit bheir buaidh, 
Ged a bha thu air a bhruaich dol sios. 

? S ma tha thu seachranach truagh. 

Gun chuid, gun chairdean ach fuar, 

'S gun mheall na sgailean thu uair no dha ; 

Thoir do ghaol nis gu mor 

Do'n Fhear-saoraidh tha beo, 

'S bithidh tu saibhair gu leor aig a bhag. 

A's ged robh do ghreadhnachas mor 
Le onair, saibhreas, a's gloir, 
Cha'n eil ann ad ach feoil fo bhlath ; 



149 

A's rnur eil t-Fhear saoraidh-sa beo 
A's mar e neamh do thigh stoir, 
Bithidh tu falaidh gu leor aig a bhas. 



AN FHOIS SHIORRUITH. 

Nach sona suaimhnach an sluagh a dh'fhag sinn, 
Theich as gach truaigh 'sa chaidh suas gu Paras ; 
Lean iad an t-Uan 's iad air chuairt 'san f hasach 
Is dh'f hag sud suaimhnach aig uair a bhais iad. 

'Se 'n fhuil chaidh dhortadh thug coir tre ghras 

dhaibh 
Air beo-dhochas nach deach a narach ; 
Thug fuil an Uain tuille 's buaidh na 'm bas dhaibh, 
'S ged fhuair an uaigh iad b'e 'n leabaidh thamh i. 

'Nuair chuir iad cul ris gach duil fo'n ghrein so, 
Dh'fhosgail an suil aim an duthaich neamhaidh, 
Seinn halleluiah, 'sa chliu na'rn beul-san, 
'S tha saoghal ur dhaibh a nis air eirigh. 

Tha fois o'n t-saoghal 's o chorp a bhais ac', 

chionnt ? s o dhaorsa 's o eagal trail leil, 

'S o ana-mhiannaibh mi-rianail laidir, 

'S a smuainntean diomhain bha riamh ga'n sarach : 

Ach feartaibb ghaoil dh'fhosgail geat na'n gras 

dhaibh 
*S cha deach mi-naonihachd a stigh ri'n sail'ean ; 
Se an fuil thug saorsa dhaibh a's rinn glan an nadur 
'S tha fois bith-bhuan ac' on truailleachd ghraineil. 

Bha Satan 'n toir orra ? s bha saighdean geur aig, 
J S droch shluaigh air ordugh gu bhi ga'n teumadh ; 
'S trie chrith an feoil 'n uair a bhitheadh e beucaich, 
'S bhitheadh tuillteann mor a dol air an deigh leis. 



150 

Ach thug iad buaidh, 's cliaidh iad suas gu Paras, 
'S tha comhnaidh bhuan ac' 'san daighneach laidir; 
A's cha tig droch shluagh ami na buaireadli Shatain, 
Tha fois a's suaimhneas gu buan 's gu brath ac'. 

Mi-chreidimh laidir, cion cail, 's mi-churam 
Theich sud mar sgail nis 's tha sealladh sul ac' ; 
'S a chogais b'abhaist a bhi gan sgiursadh, 
Chaidh tosd le bhas orr' 's gu brath cha duisg i. 

Cha d'thig fear f hiachan adh' iaraidh paigheadh 
Na bagrain fiadhaich o bheinn Shinai : 
Tha ceartas riaraicht' 's an lagh air ardach, 
'S tha fois gu siorruidh fo dhion a laithreachd. 

Cha bhuail tinn iad, no aire, no eiginn, 

No tart, no sgios iad, no teas na greine ; 

No bas, no bron, 's cha bhi caoidh, no eigheach, 

Ach fois bhitheas siorruidh 's a ghrian air eirigh. 

? S trie chuir e smuaineach air sluagh na h-oighreachd, 
Gu'n tigeadh ghlaodh orr' mu mheadhon-oidhche, 
'S nach bitheadh an lochran air sheo], no soillseach, 
No deis thoirt comhail do dh'Fhear na Bainnse. 

Nis tha 'm Fear Posda ac' ? s iad beo le laithreachd, 
'S iad nis co sgiamhach 's bu mhiann le 'n cairdean ; 
A's slainnte as ur tighinn o ghnuis an Ard-Kigh, 
'S iad sona suaimhnach gun luaidh air bas ac'. 

Fhuair iad Sabaid a nis bhith's siorruidh, 

'S coinneamh nach sgaoil 'sam bheil gaol neo- 

chriochnaicht' ; 
Theich na neoil 's laithean bronach cianail, 
'S tha sonas mor ac' 'sa ghloir ga'n lionadh. 

Nach truagh do riridh an sluagh ni tair air, 
'S nach creid na f hirinn an lath na slainnte 



151 

Gun fhois gun sith ac' 'san tim ta lathair, 

'S bitheadh bron a's truaigh gu buan 's gu brath ac'. 

'S e 'n dream gheibh coir anns an fhois neo- 

chriochnach 
Fhuair sealladh mor air an cunnairt shiorruidh ; 
Ach fhuair iad eolas air gloir na Trianaid 
'S dh'f hag sud iad oirdhearc lo mais' na Diadhachd. 



ORAN DO'N UAIGH. 

Bheir mi 'n dan so duit uaigh 
On a tha thu gun truas ; 
'S tu dh'f hagas iomad gruaidh fo dheor ; 
'S ged tha muillionibh sluaigh 
Air an iomain fo'd bhruaich, 
Cha d'thubhairt thu f hathast gun d' fhuair thu gu 
leor. 

? S ann tha t-iartas co mor, 

'S nach bi thu riaraicht' ri d'bheo ; 

Tha thu 'g iarraidh do choir gach la ; 

'S 'nuair chnamhas tu gu leor 

Eadar chnamhainn is f heoil, 

Tha thu rithisd, an toir air each. 

Tha thu eolach air a bhas 

Dol an comhnuidh ri shail, 

Deanamh coir air na dh'f hagas e marbh ; 

A's ann an lath do dha 

Bheir thu leat iad gun dail, 

Ged robh an dealachdain gabhaidh searbh. 

Thug thu 'n leanabh o Mhathair, 
'S cha do ghearan thu cis ; 



152 

'S cha bu truagh leat a ran no ghaoir, 
Ged bha broilleach cho blath, 
'S a cuid chiochan cho lan, 
Thug tliu uaipe a h-aillegan gaoiL 

'S ged robh an teaghlach a fas 

Lan caoimhneas a's blathas, 

'S iad nan oighreachain ard air sith, 

Thig thu fèin a's am Bas 

Leis an sgeul nach bi blath, 

G'an cuir o cheile an drasd 's a rithis. 

Ohunnaic mise thu co fuar 

'S claim a ranaich aig do bhruaich ; 

Thug thu am parantain uath' le cheile, 

? S 'sann dh'aithn thu gun truas 

Iad dhol dhachaidh gu luath, 

Ged dh'f hag thu an dachaidh co fuar nan deigh. 

Bhrist thu ceanghlaichean gaoil 

Eadar mhnathan ? s daoin, 

'Nuair bu tairis an gaol ? s an speis ; 

Thug am bas dhiubh an snuadh 

'S rinn thusa an caramh fo'd bhruaich, 

Air choir 's gun d'f has iad gle f huar da cheiP. 

Thug thu leat na cinn iul 

A's dh'fhag thu an Eaglais bruite, 

'S a luchd teagaisg san uir nan tamh ; 

Bheir thusa leat do chuid fèin 

Ged a sgapadh an trend, 

'S an dream bha an caidraibh a cheiP co blath. 

'S a mhiad 's a bheir thu fo chis 

Cha'n eil deir ort a rithis ; 

Ni thu 'm pronnadh co min ri luaith, 

'S cha'n aithnich neach a chuid fèin, 

Ni thu masgadh le cheiP 

'S ann mar sud tha thu fèin gun truas. 



153 

'S ged a ghleachdadh an sluagh 

Chum a ch reach a thoirt uat, 

Thug thu an drcach dhiubh 's an snuadh 's an gloir ; 

'JSTuair a dh'fhosgks do bheul 

Tha thu salach a's breuri, 

'S cha'n eil ni an do chreutair beo. 

Ach nach cuimhne leat fèin 

Neach a b'aillt bha fo'n ghrein, 

Fhuair e bas on chaidh cheus air crami ; 

'S 'nuair luidh e san uaigh, 

Eiun thu caithream le buaidh, 

Mar nach b'e ceannard an t-sluaigh bhitheadh ann. 

Ach an ceann nan tri lath, 

'S ann a dhuisg e an aird, 

J S chuir e chul-thaobh ri bas a's uaigh : 

B'e sud maduinn nan gras 

A thug fuasgladh do chach ; 

Caite nis ma ta 'm bheil do bhuaidh ? 

Thig e f hathast ann an gloir, 

Sud an lath bhitheas mor : 

Bheir e gairm 's thig gach feoil na lathair ; 

? S theid thusa a rannsach gu cul, 

'S na mairbh a thionndadh on uir, 

Bithidh moran ann diubh 's iad a bruchdadh an aird. 

Eirigh an dream a fhuair gras 

Ann an lath na slainnt', 

Theid an sgaradh o chach san uair, 

'S bitheas iad sgiamhach gu leir 

Ann an iomhaigh Mhic Dhè, 

Mar a ghrian anns na speuran shuaa. 

Laigse, truailleachd, a's bas 

Teichaidh uath nis gun dail : 

Cliu do'n Uan on 's e 'n Slanaighear treun, 

'S e their iad ris an uaigh 



154 

C'ait nise bheil do bhuaidh ; 

Bitheas iad seinn sud dol suas ga neainh. 



A CHULAIDH SGIAMHACIL 

Tha 'n t-al so fas co diomhain 
'S iad ruith air sgiamh na feol' y 
Gach fasan ur ga iarraidh 
A lionas iad le prois : 
Bitheas iad a deanamh uaill an 
Ma bhitheas an gruaidh mar iros, 
Ma sgeadaichar le side iad 
Le olainn mhin 's le or. 

Ged fhaighinn bhi co oirdhearc 
'S gur mi bu bhoidhche snuadh, 
Tha sud mar bhlath an f heoir, 
A's cha mhair a ghloir car uair ; 
Ged sgeadaichear le side mi 
On durag dhiblidh fhuar ; 
'S cha'n eil an each ach aodach 
A thilg na caoraich uath. 

Cha'n fhag' sud mi co boidheacb 
Ei neomhnaidean nan gleann : 
Theicheadh e mar sgail uam 
'S cha bhitheadh e mairach ann ; 
Bheir An-shocair an snuagh dhiom ; 
? S ni 'n uaigh a chur gu ceann, 
'S cha ? n aithneadh neach a chi mi 
An sin gur mi bhitheas arm. 

Ach 's e dh'f hagadh sgiamhach sinn 
Iomhaigh ? n Ti is Aird ; 



155 

Firinnteachd, a's naomhachd, 
A's gaol, 's na h-uile gras ; 
Umhlachd an Fir-shaoraidh, 
Bhi dhuinn mar Eudach slainnt', 
Sud firinnteachd bhifcheas siorruidh 
A's sgiamh nach cail a bhlath. 

'S e sud a chulaidh sgiamhach 

Cho gheal ri grian nan speur, 

A's bha comhairle na Trianaid 

Ga cur an rian gu leir ; 

Cha'n fhuiling i a caramh 

'S gu brath cba bhi na f heum, 

Is ann cheannaich Criosd le bhas i ? 

Gu toirt da chairdean fèin. 

Freagras i sliochd Adhamh, 
Gach inbhe, a's ait, a's duil ; 
A's tha i saor tre ghras dhaibh,— ~ 
Gach neach le an aill thighinn dluth 
m'anam faigh'sa pairt dhi ! 
Gu brath 's i 'n trusgan ur ; 
Freagras i an drasd thu, 
Sa bhas, a's aig a chuirt. 

Cair uat gach luidag ghraineil 
A's paisg an aird thu fèin ; 
'Sa chulaidh-sgiamhach aillt' so 
Bheir bar air each gu leir : 
Ged sgeadaichear le h-or iad 
'S tu 's ghlormhor no iad fèin, 
Na liliain 's na rosan 
'S tu 's boidhche no iad gu leir. 

'Nuair chuireas tu an aird i 
Bheir i dhuit slain nt 'san uair, 
A's cumaidh i cho blath thu 
'Nuair bhitheas each cho fuar. 
Bheir i nuas an t-ardan, 



156 

A's ni i tair air uailse : 

'S theid gaol air feadh do naduir 

Bheir iochd a's blathas mu'n cuairt. 

Le bhi ga caitheadh 'n comhnuidh 

Cha chaill i gloir, no lith, 

A's ni i an latha Phosaidh 

Do nighean og an Eigh, 

Ni i 'san latha mhor dhuit 

A's am fianuis sloigh gach tir, 

A's soillsichidh tu an gloir le 

Fad siorruidheachd mhor gun chrich. 

Ged thig an aois mu'n cuairt ort. 
'S Ged dh'f halbh do shnuadh gu leir, 
Ni i t-'oige ath-nuadhachadh 
Mar iolair luath nan speur ; 
Neartaichidh i shluagh-san 
Nan siubhal suas gu neamh, 
'S is ioghanntach ri luaidh learn 
Gach buaidh tha innt' gu leir. 

'S an saighdear chuir an aird i 

An latha bhlair a's chruathas, 

Dh'f hag i e cho dana 

Gun eagal bais no truaigh ; 

Cha druigheadh saighdean Sbatain air 

A's lotan bais cha d' f huair ; 

'S 'saim phill e dh'ionnsuidb Paras 

Le gairdheachas a's buaidh. 

? S ? sann le bha mnathan diadhaidh 
Gan deanamh sgiamhach fèin ; 
'S 'sann le sud thug Sarai 
Am bar thar chaich gu leir, 
'S gach nighean th'aic 'san f hasach 
'S iad 's aillte tha fo'n ghrein ; 
Tha spioraid thairis bhlath ac, 
'S e gras a thig o'm beul. 



157 

'S an dream a chimnaic Eoin diubh 
A. seinn an orain nuaidh, 
Bha gach aon na'n oighean, 
'S iad seinn air gloir an Uain ; 
'S aig radh 'Oliu gu brath dha, 
'S e ghras thug dhuinne buaidh ; 
Is sona sinn le laithreachd. 
'S air bas cha chluinn sinn luaidh. 



STRI ANN AN SION. 

Bithidh iomadh teangaidh comhla 

A seinn air gloir an Uain, 

'Nuair thionaileas gach seors' dhiubh 

Air comhnard Shion suas ; 

Gach aon a stri ri chairdean 

Co 's airde gu dol suas, 

A's co bheir barachd graidh dha 

Airs on a ghrais a fhuair. 

Bithidh leanabh o na chich ann 

'S e strith ri ghuth bhi ard, 

'S ag radh cliu gun chrich dhuit 

Thug mise tir 'san ait-s' ; 

'S sgeadaich mi le firinnteachd 

Le slainnte a's sith tre ghras, 

'S cha deach mo chlaoidh le ni, dhet 

Na trioblaidean fhuair each. 

Their oganach measg chaich ann 
Gu h-ard le moladh mor, 
Is mise an comhar araidh 
Air gras 'nuair tha mi beo ; 
Bu leanabh do na bhas mi 
Bha 'g aicheadh Eigh na gloir 



158 

'S 'sarin phil e mi 'imair bha mi 
Gun tuigse, gun slainnt, gun treoir. 

Bithidh seann duine liath ann 
'S e ag iarraidh ghuth bhi. ard, 
Molam-s' e gu siorruidh 
'S ann dhomh a b'f hiach thar-chaich, 
Chaith mise mo neart 's mo bhliadhnaibh 
A's mi riabh do'n pheac' 'mo thraill 
'S ann aig an aon uair-deug, orm-sa 
Dh'eirich grian na'n gras. 

Bithidh cinnich dheth gach seors' ann 

Ag iarruidh gloir thoirt dha, 

Airson gan d'sgap e an ceo sin 

A chomhdaich iad gach la ; 

'S gun sheol e dhaibh na throoair 

An dochas chur na bhas, 

'S gu cinnt' their iad bu choir dhuinn 

A gloir thoirt da thar chaich. 

Bithidh Pharasaich fhuair trocair 
A seinn an oran nuaidh ; 
B'e 'n oibreachean an dochas 
Ach thug e 'n cleochd sinn uath', 
'S bu mhiann leo bhi toirt gloir dim 
O's cionn gach seors', do'n t-sluagh ? 
O'n shaor e le f huil fèin iad 
'S gach fasgadh breig thoirt uath, 

Their learn gur binn an ceol sud 
'S gur solasach an stri ; 
Bitheas iad a sealltainn comhladh 
Air mise 's gloir an Bigh ; 
Toirt cliu 's onair ard dha 
'S gu brath cha bhi iad sgith, 
Millteabh do mhillteabh an aireamh, 
Ach 's aon a mhain an cridh. 



159 

Ach anara rannsaich fèin sud 
'S na meal] thu fèin gu truagh ; 
Mar dean thu 'm peacadh threigsinn 
A's mur toir thu geill do'n Uan, 
'S mur bi thu air do naomhachadh 
An taobh a bhos do'n uaigh, 
Cha bhi thu measg an aireamh 
Bhitheas seinn gu brath le buaidh. 



AN SOISGEUL. 

'S e 'n Soisgeul siorruidh an naigheachd ghlormhoi-. 

Tha an obair criochnaicht', na dh'iarr Iehobhah, 
Tha ceartas, firinn, tha sith a's trocair, 

Toirt slain t' do dhaoine 's i saor gu leor dhaibh. 

Is gaol bha siorruidh 'san d' rinn e toiseacii , 
Gun d'thigeadh losa le slainte mor dhaibh, 

'San uair ghabh e nadur gu'n phaidh e 'm fiachan, 
A's thug e dioladh le a fhuil dhortadh. 

Tha gaol ri luaidh ann ? s cha chualas aicheadh, 
Righ nan sluagh dol an deigh nan traillean, 

A's ag eigheach sith, 's nach pill sibh chairdean 
5 S gu'm bi mo ghaol dliuibh eo saor 's is aill leibh. 

Mar thog Maois an nathair ann 'san f hasach, 
A's 'nuair sheall an sluagh ris bha buaidh a's 
slainte ann, 

Mar sin tha'n t-Uan sin Mac Dhè air ardach', 
Thoirt slaint do dhaoine le shaor ghrasain. 

B'e 'n sgeul ro-bhinn e air tighinn do'n f hasach, 
Gu sluagh tha tinn leis na lotan basmhor, 

Tha leigheas cinnt ann, a's leigh grasmhor, 

Nach d'fhaillinn riamh, 's cha d'iarr e paigheadh 



160 

'S trompaid Dhè e ni feum do thraillean, 

; S do luclid nam fiachan nach urrainn paigheadb, 

Bha ceangailt' riainh ann an' cuibhreach Shatain, 
; S gum faigh iad fuasgladb 'san uair ma's aill' leo. 

'S e 'n sgeul ro phriseal bheir sith a's suainihneas, 
Do 'n dream tha sgith a's fo throm uallach, 

Tba 'n lagh 'g an diteadh 's ? g an sior-ruagadh, 
G u f ois a's sith ann am fuil an Uain sin. 

Tha'n t-aran beo ann, 's gu leor ri fhaotuinn, 
Do'n mhac struidheil bha deothal nam plaosgain ; 

Tba Athair trocaireach ruith 'na chomhail, 
A's bbeir e pog dba le moran faoilte. 

'Se'n sgeul ro-ghrasmlior do'n aireamb sluaigh sin, 
A threig an cairdean ; s a rinn each chur suarach, 

Gum faigh iad peath ? raichean agus braithrean, 
'S bithidh an Ti is aird deanamh cairdeas buanriu. 

So sgeul air fireantaehd fhior-ghlan aluinn, 
A's deise rioghail theid sios gu'n sail'ean, 

'S na f huair am fireantachd fèin ro ghraineil, 
Sud trusgan dubailt bhitheas ur gu brath dhaibh. 

Tha'n Soisgeul priseal do'n Ti chaidh sharach', 
Air son bhi dileas air taobh an t-Slanaighear : 

Cha bhi dith air dol trid na fasaich, 

'S tha an saibhreas fior aig an tir Immanueil. 

A chairdean ga@il nis nach gabh sibh coir dhetb, 
J S gum bheil iad saor dhuibh na nithe ghlormhor, 

O'n 's rabhadh fìor e, cinnt 's mor an diteadh 
Do'n dream ni di-mheas air slaint co mo ris. 

a' chiuocii. 



LOKIMER AND GILLIES, PRINTERS, EDINBURGH. 









mmSm 

mm 
Mm